Eachdraidh-beatha
Bha òrain agus beul-aithris am pailteas aig Willie Mathieson à Ellon agus bha e air fear dhe na daoine bu tràithe a chaidh a chlàradh le Hamish Henderson.
Thogadh Willie ann an taigh le làr ùir ann an Dudwick, grunn mhìltean an ear-thuath air Ellon ann an Siorrachd Obar Dheathain, far an robh an teaghlach aige bonntaichte ann an coimhearsnachd ionadail de thuathanaich. Na òige, chunnaic Willie an tughadh a bh' air an taigh aca ga shiabadh leis a' ghaoith aon latha, agus dh'innis e mar a thàinig na nàbaidhean còmhla gus mullach ùr a chur air an taigh dhaibh [clàr 4444].
Bha a leithid a dheagh choimhearsnachd cudromach ann a bhith a' brosnachadh a chuid ùidh ann an òrain ionadail agus beul-aithris, ach b' ann aig an teaghlach aige fhèin a chuala e òrain an toiseach, mar a dh'innis e mun òran 'The Cuddy':
It was my father that sang it when I was a boy, lying in the cradle… I wisna able tae write it [down]. I wrote it [down] in 1886, but I'm nae tellin ye whit like writin it wis […] I'd hae been aboot 7, I suppose [clàr 15828].
'S e bh' anns an 'sgrìobhadh' air an robh e a' toirt iomradh an seo ach pròiseact a mhair fad a bheatha anns an robh e a' clàradh, ann leabhraichean-fiacha mòra, òrain a chuala agus/no a dh'ionnsaich e - gnìomh a tha a' sealltainn cho dìcheallach 's a bha e mar thrusaiche òrain. Bha ùidh aige ann an òrain ge bith cò às a thàinig iad; cheannaich athair 'The Cuddy' air duilleag pàipeir - nì a bha cumanta anns an àm.
Ann an 1902 chaill Willie fear dhe na ciad leabhraichean aige an dèidh dha a thoirt air iasad do chuideigin a bha ag obair còmhla ris air na tuathanasan, agus bho sin a-mach cha tug e gu bràth tuilleadh gin de na leabhraichean aige do dhuine sam bith [clàr 15839]. Bha òrain anns an leabhar ud nach d' fhuair e a-rithist agus nach b' urrainn dha an cuimhneachadh dòigheil. Ach aon uair nas anmoiche na bheatha, an dèidh dha cuid dhe na notaichean aige a chall ann an teine, chaidh aige air na notaichean seo a sgrìobhadh a-rithist bho a chuimhne.
Dh'fhàg Willie an sgoil nuair a bha e aona bliadhn' deug a dh'aois agus 's e a' chiad chosnadh a bh' aige a bhith a' cladhach dhìgean do thuathanach anns an sgìre, agus bha e dhen bheachd gur e an obair seo a dh'adhbharaich an lòinidh na sheann aois [clàr 15745]. A dh'aindeoin greiseag bheag ag ionnsachadh na saorsainneachd, b' e seo toiseach beatha-obrach fhada dha na sheirbheiseach air tuathanasan air feadh taobh an ear-thuath de dh'Alba, ag obair le crodh agus le eich, 's e tric a' fuireach ann an saibhlean [clàr 17528]. Cruaidh 's gun robh an obair seo, le bhith a' siubhal o àite gu àite thachair e ri iomadh seinneadair agus seanchaidh, agus bhiodh na tachartasan seo a' brosnachadh na bh' aige de dh'ùidh ann an òrain ionadail agus beul-aithris. Chùm e air a' lìonadh nan leabhraichean aige gus an robh aige na ceudan de dh'òrain, de dh'abhcaidean agus de rannan, cho math ri beul-aithris a' buntainn ris an t-sìde, ri abairtean, ri seanfhaclan agus a leithid, 's e gan ionnsachadh chan e a-mhàin o dhaoine air an do thachair e agus stuth a bh' air a chlò-bhualadh, ach cuideachd on dà bhean a bh' aige agus an cuid teaghlaichean [clàr 15027].
Aig an àm sin, bha - agus, gu dearbh, tha fhathast - taobh an ear-thuath de dh'Alba air tè dhe na sgìrean bu bheairtiche a thaobh cultar, agus gu h-àraid a thaobh na dualchainnt ionadail de dh'Albais ris an canar Doric, agus a thaobh na tha de dh'òrain dùthchail am measg an t-sluaigh. Bha Willie fhèin eòlach air Gavin Greig (1856-1914), fear dhen fheadhainn a chuir ri chèile cruinneachadh mòr ainmeil de dh'òrain na sgìre [clàr 10025], agus bha e am measg nan daoine a chaidh a chomharrachadh leis an trusaiche beul-aithris annasach James Madison Carpenter (1888-1983) nuair a bha e ri obair cruinneachaidh ann an Alba ann an 1930. Chlàraich Carpenter còrr 's 150 òran bho Willie, agus an treasamh cuid dhiubh sin nan òrain chlasaigeach ris an canar 'Child Ballads'. Fichead bliadhna às dèidh sin, rinn maighstir-ciùil Sasannach a bha a' fuireach anns an sgìre, air an robh Harold George (1890-1980), tar-sgrìobhadh de chuid de na h-òrain a bh' aig Willie.
Ge-tà, 's ann faisg air deireadh a bheatha a rinn Willie an co-obrachadh bu mhotha a rinn e riamh, nuair a thachair Hamish Henderson (1919-2002) ris agus e air turas rannsachaidh san Ear-Thuath ann an 1951. Rinn an dithis iomadh clàradh gu sgiobalta air teipichean ruidhle-gu-ruidhle, le Willie gu rianail a' dol tro na leabhraichean aige agus a' gabhail gach òran mar a b' fheàrr a b' urrainn dha agus a' toirt seachad na bh' aige de dh'fhiosrachadh mun deidhinn. Thug e seachad cuideachd fiosrachadh mu a bheatha fhèin agus mun obair chruinneachaidh aige.
Bha na h-òrain aig Willie stèidhichte anns a' choimhearsnachd ionadail agus chithear deagh eisimpleir dheth seo anns an òran 'Wester Badenteer', a tha ag innse mun obair latha air tuathanas Taobh Siar Bhad an t-Saoir, Turriff, aig deireadh nan 1890an [clàr 18143]. Tha cuid de na h-eòlaich aig Willie a' nochdadh mar charactaran anns an òran, leithid George 'Lordie' Hay, a chuir e an aithne Hamish ann an 1953 [clàr 18454].
Thug Hamish an trusaiche òrain Ameireaganach ainmeil Alan Lomax (1915-2002) còmhla ris a chèilidh air Willie ann an Ellon ann an 1951, far an do chlàraich iad e airson pròiseactan Lomax fhèin. Dh'innis Hamish a-rithist mar a throid e ri Lomax airson a bhith ag iarraidh air Willie cus a dhèanamh a dh'aindeoin e bhith sgìth, agus gun do dh'adhbharaich seo eas-aonta mhaireannach eadar an dithis thrusaiche beul-aithris.
Chruinnich Willie còrr is 650 òran na bheatha agus chlàraich e fhèin agus Hamish mu 450 dhiubh sin air teip - gnìomh nach bu bheag. Dh'aithnich Hamish gur e sàr-thrusaiche òrain a bh' ann an Willie e fhèin, agus gur ainneamh a leithid de chruinneachadh a bhith sgrìobhte, agus chuir e air dòigh gun rachadh Willie a Dhùn Èideann agus gu Sgoil Eòlais na h-Alba airson lethbhreacan a dhèanamh de na leabhraichean aige air an inneal ùr photostat. B' e turas mòr, cudromach a bha seo do Willie, oir thuige sin cha robh e riamh air a bhith taobh a-muigh an Ear-Thuath de dh'Alba. Tha e coltach gun do chòrd e ris glan, agus na b' fhaide dhe a bheatha dh'innis e gu sunndach mar a thachair e ris an t-seinneadair agus an cleasaiche ainmeil Ameireaganach, Burl Ives, aig pàrtaidh [clàr 10030]. Thachair e cuideachd ris a' chànanaiche chliùiteach, an t-Ollamh Angus McIntosh (1914-2005), agus goirid às a dhèidh sin thug e dha leabhran de bheul-aithris agus de ghnàthasan-cainnt bhon Ear-Thuath airson am pròiseact ùr, Sgrùdadh Cànanach na h-Alba, a chuideachadh.
Bha Willie a' fulang le briseadh-slàinte anns na bliadhnachan mu dheireadh dhe a bheatha, agus dh'eug e ann an 1958 ann am Banff, far an robh e air a bhith a' fuireach mu dheireadh. 'S e seo fear dhe na h-adhbharan nach robh barrachd cliù aige tron ath-bheothachadh a thàinig air ceòl dùthchasach, a thòisich ann an da-rìribh nuair a bha Willie na sheann aois. Ge-tà, mar a mhìnich an Dr Tomas McKean bho Institiùd Elphinstone, bha adhbhar eile ann cuideachd:
'[...] he had an intensely private side, both as a singer and collector (and he played many other roles in life, as well, husband, father, etc.), generally not allowing his "tradition bearer" side to be shared even with close family and neighbours. Though he was clearly happy to perform for collectors, as witnessed by the amount of time he spent in the company of Carpenter and Henderson in his middle and latter years, it seems that he never needed such performance and interaction to develop a concept of himself as a singer, collector, or "tradition bearer".' ('Willie Mathieson and the Primary Audience for Traditional Song')
Tha an Dr McKean air a bhith a' cumail ann an conaltradh ri cuid de shliochd Willie, feadhainn dhiubh nach biodh fhios aca gur e seinneadair agus seanchaidh a bh' ann mura b' e gun robh trusaichean beul-aithris a' cur suim ann bho chionn ghoirid. Fhuair fear de dh'oghaichean Willie na leabhraichean aige, agus chuir luchd-obrach Tobar an Dualchais air dòigh gun rachadh an cur gu cruth didseatach ùr, maireannach, a thèid an àite nan seann photstats a tha a-nis caithte.
Tha Willie Mathieson air fear dhe na daoine bu chudromaiche a tha air cur ris an tasglann seo, agus gheibh sgoilearan agus am mòr-shluagh tlachd às na clàraidhean aige anns na bliadhnachan ri teachd.
Tùsan agus Barrachd Leughaidh
Bruford, Alan, 'Song Manuscripts and the Acquisition of Song Repertoires in Orkney and Shetland', in Singer, Song and Scholar, ed. Ian Russell (Sheffield: Sheffield Academic Press, 1986), pp. 95-115 (p. 98).
Fenton, Alexander, 'Willie Mathieson's Notebooks' in Buchan Words and Ways (Edinburgh: Birlinn, 2004), pp. 123-132.
Henderson, Hamish, 'The Ballads', in A Companion to Scottish Culture, ed. David Daiches (London: Edward Arnold Publishers, 1981), pp. 25-28 (p. 27).
—. 'The Underground of Song', Alias MacAlias, ed. Alec Finlay (2nd ed., Edinburgh: Polygon, 2004), pp. 31-36 (p. 32), originally pub. in Scots Magazine, Feb. 1963.
—. 'Willie Mathieson's Younger Days', Tocher 43 (1991), pp. 22-39.
—. And Francis Collinson, 'New Child Ballad Variants from Oral Tradition', Scottish Studies Vol. 9 Part 1, ed. B. R. S. Megaw (Edinburgh: School of Scottish Studies, 1965), pp. 1-33 (pp. 14-17).
Macafee, Caroline, Scots Folk Singers and their Sources: A Study of Two Major Scottish Song Collections (Leiden: Brill, 2021), pp. 5, 17, 56, 63, 87, 93, 104.
—, Simon Burnett and Dorothy Williams, 'Applying a Knowledge Conversion Model to Cultural History: Folk Song From Oral Tradition to Digital Transformation', in The Electronic Journal of Knowledge Management, Volume 15 Issue 2 (Academic Conferences International Limited, 2017), pp. 61-71 (.
McKean, Thomas A., 'The Stewarts of Fetterangus and Literate Oral Tradition', in The Singer and the Scribe: European Ballad Traditions and European Ballad Cultures, eds. Philip E. Bennett and Richard Firth Green (Amsterdam and New York: Rodopi, 2004).
McKean, Thomas A., 'Willie Mathieson and the Primary Audience for Traditional Song', Sakytinė Ir Rašto Kultūros Sampynos, 55:1 (2018), pp. 36-59.
Olson, Ian A., 'Scottish Song in the James Madison Carpenter Collection', in Folk Music Journal Vol. 7 No. 4, (EFDSS, 1998), pp. 421-433 (pp. 423, 428, 433).