Rannsaich
18.10.24

Neach-ealain air Mhuinntireas ùr aig Tobar an Dualchais is ATLAS Arts

Chaidh an neach-ealain Gàidhlig Susannah Bolton a thaghadh mar Neach-ealain air Mhuinntireas na bliadhna sa aig Tobar an Dualchais (TAD)/ATLAS Arts gus rannsachadh a dhèanamh agus obair a chruthachadh co-cheangailte ri clàraidhean de bheul-aithris a tha ri chluinntinn air làrach-lìn TAD. ’S e seo a’ chòigeamh bliadhna a chaidh an cothrom sònraichte seo a thabhann do neach-ealain.

Tha Susannah a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath. Tha i na neach-ealain agus na neach-teagaisg agus tha ùidh aice ann am fiosrachaidhean ioma-bhreathach, gnìomhan taice, aodaichean fighte agus cànan. Tha i ag obair le ìomhaighean snaighte, a’ cleachdadh dòighean cruthachaidh a tha a’ toirt tòrr ùine airson modhan-obrachaidh aig ìre geòlasach a chur an gnìomh le làimh, agus tha i air stocainnean fighte le làimh a thaisbeanadh barrachd is aon uair. Tha i an-dràsta a’ beachdachadh air tìm mar triobualadh, lùban, snaidhmeannan, agus am faireachadh stad-aimsireil bho bhith ri stimm-adh.

Thuirt Susannah: “Tha mi air leth toilichte a bhith a’ faighinn a’ chothruim seo le Tobar an Dualchais agus ALTAS Arts. Cha b’ urrainn measgachadh na b’ fheàrr a bhith ann de dhaoine furachail, lèirsinneach agus tuigseach airson mo chuideachadh ann a bhith a’ dol an lùib na tasglainn. Tha e sònraichte, mar neach-ealain ioma-chuspaireil, a bhith a’ faighinn cothrom sùbailte gun chrìochan far am bi sioncronachd aig teis-meadhan a’ ghnothaich, agus brosnachadh airson an ama ri teachd a’ tighinn bhon àm a dh’fhalbh.

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “Tha e air a bhith na thlachd gach bliadhna a bhith a’ faicinn mar a tha luchd-ealain le Gàidhlig ag ionnsachadh bho, agus a’ dèanamh ceangal ri, na clàraidhean air TAD. ’S e fìor dheagh chothrom a th’ ann dhaibh a bhith a’ cur seachad ùine ag èisteachd gu dlùth ris na clàraidhean agus tha e an-còmhnaidh sgoinneil a bhith a’ faicinn nan diofar bheachdan a bhios iad a’ leasachadh agus a’ bhuaidh mhòr a bhios aig a’ chothrom seo air an cuid obrach. Le taghadh gu math farsaing de chlàraidhean co-cheangailte ri clò agus aodaichean air an làraich, tha mi cinnteach nach bi Susannah idir gann de ghoireasan airson a brosnachadh.”

A’ bruidhinn air a’ chothrom a bhith ag obair còmhla ri Susannah, thuirt Heather Fulton bho ATLAS Arts: “Tha sinn dìreach air ar dòigh glan gum bi Susannah còmhla rinn mar Neach-ealain air Mhuinntireas na bliadhna sa aig Tobar an Dualchais. Tha an obair aig Susannah, tro ìomhaighean snaighte, aodaichean fighte agus facail, a’ toirt mothachadh air fiosrachaidhean agus faireachaidhean a tha gu tric doirbh a mhìneachadh, ann an dòighean sàmhach agus èibhinn; a’ rannsachadh tìm dachaigheil ann an coimeas ri tìm geòlasach, a’ dualachadh snàth ann a bhith a’ feuchainn ri stocainnean foirfe a dhèanamh, an t-astar agus na stadan beaga a nì sinn nuair a tha sinn a’ dèanamh rudan, a’ labhairt - no a’ sgrìobhadh -.

Tha a’ ghreis-chòmhnaidh bhliadhnail seo gun samhail, oir gheibh an neach-ealain ùine shònraichte airson na cruinneachaidhean mìorbhaileach seo a rannsachadh gun dùil aig a’ cheann thall ri toradh no buil a bha air aontachadh ro-làimh. Tha e a’ cur ris an tuigse de chultar anns a’ Ghàidhealtachd a tha toinnte agus a’ sìor fhàs, far a bheil na seann chlàraidhean beò agus a’ cur gu mòr ri ar beathannan. ’S fìor thlachd agus urram a th’ ann a bhith a’ cur seachad ùine còmhla ris an neach-ealain agus sgioba TAD, agus a bhith ag ionnsachadh còmhla riutha. Bidh togail againn ri faicinn dè mar a thèid dhan ghreis-chòmhnaidh anns na mìosan a th’ air thoiseach oirnn.”

Bidh Susannah ag obair pàirt-ùine air a’ phròiseact seo thairis air na beagan mhìosan ri thighinn agus chithear an obair aice tro bhlogaichean anns an ùine seo. Faodar cuideachd an obair as ùire aice fhaicinn le bhith a’ leantainn TAD air Facebook agus Instagram.

Chaidh a’ ghreis-chòmhnaidh seo a mhaoineachadh le sgeama-taic Maoin nan Ealan Gàidhlig aig Alba Chruthachail. ’S iad an luchd-ealain air mhuinntireas a bh’ ann roimhe: Iseabal Hendry (2023); Calum Fearghasdan (2022); Màiri NicIllÌosa (2021); agus Catherine Weir (2020).