Search
Dualchas sa Choimhearsnachd

Dualchas sa Choimhearsnachd

Tha Tobar an Dualchais air a bhith a' cur air dòigh pròiseact ri àrd-sgoiltean gus tar-chur eadar ginealaichean a bhrosnachadh agus a neartachadh, le bhith a’ dèanamh chlàraidhean de dhaoine aig a bheil Gàidhlig anns na coimhearsnachdan aca fhèin.

Tha sinn a’ toirt seachad trèanadh dha na sgoilearan air-loidhne tro Teams gus am biodh sgilean iomchaidh aca agallamhan le daoine sna sgìrean aca fhèin a dhèanamh agus a chlàradh. Tha còig seiseanan trèanaidh ann, fad mu 40 mionaid gach seisean. ‘S e seo na cuspairean a th' ann:

  • Seisean 1: Inntrigeadh dhan phròiseact agus do ghoireasan Gàidhlig
  • Seisean 2: Sgilean rannsachaidh
  • Seisean 3: Sgilean agallaimh
  • Seisean 4: Trèanadh bhideo
  • Seisean 5: Obair cead is còraichean

Tha na tidsearan a' frithealadh nan seiseanan trèanaidh sa chiad dol-a mach gus taic a thoirt dha na sgoilearan aca.

Tha sinn cuideachd a' tabhainn seisean taic a ghabhadh àite nuair a bhiodh na sgoilearan a’ dèanamh chlàraidhean le muinntir na coimhearsnachd, nam biodh seo a dhìth. Tha am pròiseact seo freagarrach do sgoilearan Gàidhlig ann an S2-S6, a-rèir fileantachd nan sgoilearan agus tha e iomchaidh do dh’iomadh cuspair, le Gàidhlig, eachdraidh, cruinn-eòlais, nuadh-eòlais, agus ceòl nam measg. Tha cothroman aig na sgoilearan a bhith a’ clàradh fiosrachadh air cuspairean farsaing, mar eisimpleir bheatha agus beò-shlàint’ nam fiosraichean, sgeulachdan, eachdraidh, beul-aithris, òrain agus ainmean-àite nan coimhearsnachdan.

Tha làrach-lìn TAD mar aon de na goireasan a tha feumail airson rannsachadh a dhèanamh. Chì sibh liosta de ghoireasan eile a dh'fhaodadh a bhith feumail fo Stuthan Taic is Foirmichean-cead.

Tha Tobar an Dualchais fada an comain Bòrd na Gàidhlig agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig airson taic-airgid a thoirt dhan phròiseact. Bu toigh leinn taing mhòr a thoirt gu e-Sgoil airson an taic le am pròiseact a chur air dòigh.

Ma tha ùidh agaibh ann am pàirt a ghabhail sa phròiseact anns a' bhliadhna acadaimigeach 2023-24, cuiribh post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk sa chiad dol a-mach.

Acadamaigh Rìoghail Inbhir Nis- sgoilearan S5 is 6

Read More

Àrd-sgoil Ìle- sgoilearan S2

Read More
Taic do thidsearan is sgoilearan

Stuthan-taic is Foirmichean-cead

Read More