Tha an làrach-lìn a’ toirt chothroman do sgoilearan a bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig ann an diofar dhualchainntean agus tha beairteas de dh’fhiosrachadh ri fhaighinn oirre.
Air sgàth ’s gu bheil uimhir air an làraich-lìn, ge-tà, tha e a’ cosg ùine do thidsearan clàraidhean a lorg a tha freagarrach a thaobh cuspair, ìre cànain, aois a’ chlais agus mar sin air adhart agus tha seo uaireannan a’ cur bacadh air tidsearan, a tha gu math trang, bho bhith ga chleachdadh. ’S ann airson an suidheachadh sin a leasachadh a chaidh an earrann seo a dheasachadh, le taghadh de chlàraidhean air diofar chuspairean agus aig diofar ìrean den bhun-sgoil agus àrd-sgoil. Chaidh na cuspairean a thaghadh às dèidh chòmhraidhean ri tidsearan.
Bho na liostaichean gu h-ìosal chan eil agaibh ach putadh air an tiotal agus chì sibh na diofar earrainn agus na clàraidhean nam broinn. Ma phutas sibh air ceangal sam bith tha sibh a’ faighinn dhan chlàradh agus barrachd fiosrachaidh mun chlàradh. Faodaidh sibh an uair sin èisteachd ris a’ chlàradh a tha a dhìth.