Rannsaich
Ciad ainm Alex Norman
Cinneadh MacPhee
Bliadhna breith 1919
Bliadhna bàis 2007

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Sgìre Thùsail

Canada, Albàrta

Àireamh an neach 10702

Eachdraidh-beatha

Rugadh Alex Norman MacPhee ann an Uibhist a Deas ann an 1919. B' e Ùisdean Mac a' Phì às a' Bhuaile Dhuibh a b' athair dha, agus b' i Cairistìona NicCuithein às an Ìochdar bu mhàthair dha. Chaidh an teaghlach a dh'fhuireach a Chanada ann an 1924, gu Sgìre Ohaton ann am meadhan Alberta an toiseach agus an uair sin gu Sgìre Rusylvia ann an 1935.

Bha e ri iomadh obair na bheatha. Bha e na thuathanach, na Choimiseanair Cunntais-shluaigh, na neach-reic, agus na shaighdear anns an Dàrna Chogadh. A bharrachd air seo, bha e na bhall de Ridirean Columbus, de Lèigiun Rìoghail Chanada, agus bha e na Cheannard air Comann Chlann Mhic a' Phì ann an Alberta.

Chaidh a chlàradh ann an 1979 leis an Dr Margaret A MacKay bho Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e a' bruidhinn mun t-seòrsa bheatha a bh' aig eilthirich à Alba ann an Canada, agus tha e a' gabhail òrain ceangailte ri beatha nan eilthireach agus ris a' choimhearsnachd Ghàidhealaich ann an Canada.

Tha an t-iomradh-bàis aige ri leughadh an seo.