Rannsaich
Ciad ainm Uilleam Iain
Cinneadh MacAmhlaidh
Ainm eile Willie John MacAulay
Sloinneadh mac Ruairidh Lachlainn
Bliadhna breith 1948
Bliadhna bàis 2006

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Baile/Àite - Greòsabhagh

Àireamh an neach 250

Eachdraidh-beatha

Rugadh agus thogadh Uilleam Iain MacAmhlaigh (mac Ruairidh Lachlainn) ann an Greòsabhagh ann an 1948 agus b’ e seinneadair ainmeil a bh’ ann. Bhuannaich e am Bonn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Cille Bhrìghde an Ear ann an 1975 agus chlàraich e seachd album uile gu lèir. Sheinn e air an àrd-ùrlar gu tric, an dà chuid air feadh na dùthcha agus thall thairis. Bha cuirm chiùil aige ann an Sydney Opera House turas far an robh 25, 000 luchd-amharc air a bheulaibh. Tha 13 clàradh dheth air an làraich againn, cuid dhiubh a chaidh an clàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba ann 1971 agus cuid eile a chaidh an clàradh leis a’ BhBC eadar 1975 agus 2001 airson phrògraman mar ‘Fàilte air a’ Bhaile’ agus ‘Prògram Choinnich’. Chaochail Uilleam Iain ann an 200