Eachdraidh-beatha
B' e seanchaidh, trusaiche beul-aithris, neach-iomairt agus neach-teagaisg a bh' ann an Anna NicIain (Annag Aonghais Chaluim Bhàin 'ic Dhòmhnaill 'ic Chaluim). Rugadh i ann am Barraigh anns na 1880an agus thogadh i ann an coimhearsnachd a bha beairteach a thaobh cultar na Gàidhlig, ach a bha fhathast gun faighinn seachad air bliadhnachan mòra de dh'fhuadaichean, de ghortas agus de dhearmad a rinn cron mòr air an eilean tron 19mh linn.
B' ise tè de dh'ochdnar cloinne a rugadh do Chatrìona NicNìll (Catrìona Aonghais 'ic Dhòmhnaill Mhòir) agus Aonghas MacIain (Aonghas Chaluim Bhàin). Bha a màthair à Sanndraigh agus 's ann bhuaipese a dh'ionnsaich Anna mòran dhe na h-òrain agus na sgeulachdan a bh' aice. Bha i ainmeil gu h-àraid airson na bh' aice de dh'òrain bheaga – òrain a chòrdadh ri clann gu h-àraid – agus òrain luaidh. Chaidh mòran dhiubh seo a chlàradh agus tha iad rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
Ged a bha i na seanchaidh i fhèin, bha Anna aithnichte mar thè a bhiodh a' brosnachadh dhaoine eile gus sgeulachdan innse agus òrain a ghabhail. Chuir i gu deagh fheum an t-inbhe a bh' aice sa choimhearsnachd mar thidsear agus a deagh nàdar airson nàbannan, caraidean agus càirdean a bhrosnachadh gu bhith air an clàradh leis na trusaichean beul-aithris a bhiodh a' tadhal air Barraigh. Nuair a chaidh Marjory Kennedy-Fraser a Bharraigh anns na 1920an, bheireadh Anna fiathachadh do sheann bhoireannaich a thighinn a chèilidh air taigh a pàrantan, far am biodh i gam brosnachadh gus òrain a ghabhail ach an clàraicheadh Kennedy-Fraser iad.
Chaidh Iain Latharna Caimbeul a Bharraigh airson a' chiad uair anns na 1930an agus 's e thàinig às a seo ach càirdeas agus co-obrachadh eadar e fhèin agus Anna a mhair iomadach bliadhna. Mar a chuidich i Kennedy-Fraser, rinn Anna a leithid eile airson a' Chaimbeulaich; chuir i an seasamh a bh' aice anns a' choimhearsnachd – gu pearsanta agus cuideachd mar bhall de Chomataidh Beul-aithris Bharraigh – gu deagh fheum gus daoine a bhrosnachadh gu bhith air an clàradh leis. Thug i cuideachd fiosrachadh sgìreil dha airson cuid dhe na foillseachaidhean aige, leithid an dreach a rinn e de leabhar Mhaighstir Ailein, 'Gaelic Words from South Uist' (1958), 'Deoch-slàinte nan Gillean' (1948), 'Gaelic Folksongs from the Isle of Barra' (1950) agus 'Stories from South Uist' (1961). Chaidh i tric a chèilidh air Iain Latharna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach ann an Canaigh, an dèidh dhaibh an t-eilean a cheannach deireadh nan 1930an.
An dèidh dhan BhBC agus do chraoladh Gàidhlig a bhith air a chur air bhonn, ghabh Anna làn-chothrom air an teicneòlas ùr agus chuir i gu mòr ri craoladh òrain Ghàidhlig air prògraman rèidio - còrr 's dà fhichead òran eadar 1947 agus 1962. Nochd i cuideachd air prògraman bhon Mhòd Nàiseanta, agus tha dà chlàradh bhuapa sin rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais: Coisich a Rùin agus Tha an Oidhche a-nochd Fuar.
Sgaoil a' bhuaidh a bh' aig Anna air cultar na Gàidhlig fad 's farsaing. Bho na 1920an suas gus an do dh'eug i, chruthaich i ceanglaichean làidir le Gàidheil Alba Nuaidh, 's i a' cumail conaltradh ri mòran dhiubh tro litrichean agus le bhith a' cur ri irisean Alba Nuaidh leithid Mosgladh – iris Chomann Caitligeach na h-Alba, agus Achadh nan Gàidheal – colbh Gàidhlig seachdaineach ann am pàipear-naidheachd Antigonish an Casket, a bha air a dheasachadh le Msgr P J MacNeacail à Ceap Breatainn – Proifeasair Fiosaigs aig Oilthigh Saint Francis Xavier.
Chaidh Anna thar a' Chuain Siar ann an 1954 agus thadhail i air Alba Nuadh agus Boston, 's i a' cèilidh air Gàidheil eile an sin agus tric a' trusadh beul-aithris bhuapa. Bha buaidh mhòr aig an turas seo air Anna, agus ann an litir a sgrìobh i do Mhonsignor MacNeacail, thuirt i gun do chòrd e rithe na b' fheàrr na dad sam bith eile a rinn i na beatha. Thug i iomradh air coibhneas agus fialaidheachd nan daoine, gu h-àraid ann an Caolasan Mòra Alba Nuaidh, far an tuirt i gun robh i cho toilichte 's gun robh i a' smaointinn gur dòcha gun robh i anns an t-sìthean fhèin.
Rinneadh mòran chlàraidhean de dh'Anna i fhèin, agus tha còrr 's 160 clàradh dhith air làrach-lìn Tobar an Dualchais a rinneadh eadar 1938 agus 1962. Am measg nan clàraidhean as sine, tha an t-òran cloinne Tobar, Tobar, Sìolaidh bho Chruinneachadh Chanaigh – òran a ghabhadh a' chlann aig an tobar. Mar eisimpleir air clàraidhean sònraichte eile, tha Cainnt nan Eun – cruinneachadh de rannan a tha ag atharrais air eòin na sgìre, agus Brà Brà Bleith – òran bleith a chaidh a chlàradh ann an 1951. Tha i cuideachd a' nochdadh air grunn math chlàraidhean 's i na h-obraiche-raoin, gu h-àraid airson chlàraidhean de Mhàiri Mhòr Iain Choinnich às a' Ghleann, Barraigh.
Bha bràthair Anna, Calum MacIain, cuideachd na sheanchaidh cliùiteach, agus bha e gu h-àraid ainmeil a thaobh pìobaireachd agus òrain mhara.