Rannsaich
Ciad ainm Dòmhnall
Cinneadh Mac na Ceàrdaich
Sloinneadh Dòmhnall Chaluim Bàin
Bliadhna breith 1885
Bliadhna bàis 1975

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Tiriodh

Eilean - Tiriodh

Baile/Àite - Cùiltean Haoidhnis

Àireamh an neach 829

Eachdraidh-beatha

Tha Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (Dòmhnall Chaluim Bàin) air a mheas mar fhear dhe na seanchaidhean a b' fheàrr a bh' ann an Alba anns an fhicheadamh linn. Tha cha mhòr 1,500 clàradh dheth air làrach-lìn Tobar an Dualchais, agus tha an dìleab phrìseil seo de bheul-aithris a' toirt dhuinn deagh chunntas air dòigh-beatha nan eilean aig deireadh na 19mh linn agus anns an 20mh linn.

Rugadh Dòmhnall do Chalum Mac na Ceàrdaich agus Cairistìona NicArtair ann am Baile a' Phuill ann an Tiriodh air an 6mh latha dhen Lùnastal 1885 agus b' e an neach a b' òige a bh' anns an teaghlach. Bha athair, a bha na thàillear agus na iasgair, ainmeil mar sheanchaidh agus chlàraich an t-Urramach John Gregson Campbell mòran de sgeulachdan agus de dhàin bhuaithe na bu tràithe anns an 19mh linn. Thug Dòmhnall leis mòran dhen bheul-aithris a bh' aig athair agus na mheasg bha sgeulachdan bhon Rúraíocht anns an robh an gaisgeach ainmeil fionn-sgeulach Cù Chulainn a' nochdadh. Thug e seachad feadhainn dhiubh seo do Eric R. Cregeen nuair a bha e a' clàradh do Sgoil Eòlais na h-Alba anns na 1970an.

Thogadh Dòmhnall ann an coimhearsnachd Ghàidhlig far an robh bearradaireachd agus eirmseachd na bhuannachd. Bha uaireigin còrr is dusan bàrd a' fuireach ann am Baile a' Phuill agus mar thoradh 's e Baile nam Bàrd a chante ris anns an eilean. Ann an clàradh a thogadh ann an 1969, tha Dòmhnall ag innse mar a bhiodh na bàird seo a' cruinneachadh ann an taigh air choreigin agus mar a chuireadh iad seachad an cuid ùine ag aoireadh a chèile. Bha Dòmhnall e fhèin de shliochd nam bàrd agus dhèanadh esan bàrdachd, ag aoireadh air muinntir an àite mar bu trice, ach cha robh e airson 's gun rachadh an clàradh air teip. Anns a' chlàradh seo tha e ag innse mun Chliar Sheanachain, bàird a ghabhadh an leòr bho na h-uaislean gus an lorgadh neach a sheasadh suas riutha ann an eirmseachd agus gliocas.

Chaidh Dòmhnall gu Sgoil na Mòintich far an deach oideachadh tro mheadhan na Beurla. An dèidh an sgoil fhàgail aig aois ceithir bliadhn' deug, ghabh e fastadh aig Clann Nìll aig an robh tuathanas ann an Grianal. Bha stòras de leabhraichean Gàidhlig aca an sin agus 's ann le na leabhraichean seo a thòisich Dòmhnall ri leughadh agus sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig an toiseach. Air dha a bhith greis air an tuathanas, ghabh e fastadh an uair sin ann an cuaraidhean ann am Baile Pheadrais agus ann an Ruthaig a' briseadh chlach airson rathaidean. Bha e an sàs ann a bhith a' togail a' chidhe aig Sgairinish eadar 1910-14 mus do ghabh e dhan Nèibhidh aig toiseach a' Chogaidh Mhòir. Thug an seirbheis seo e do na h-Innseachan, don Chuan Atlantaig agus don Adriatic.

Air dha tilleadh bhon Nèibhidh, bha Dòmhnall ag obair na ghreusaiche agus na chroitear. Fhuair e croit ann an Cùiltean Haoidhnis agus bha e a' fuireach an sin gus na bliadhnachan deireannach aige, nuair a chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri mac a pheathar agus a bhean. Bha cuimhne anabarrach aig Dòmhnall agus bha na bh' aige de dh'eòlas air eachdraidh teaghlaichean an àite dìreach air leth. Anns a' chlàradh seo tha e ag innse mu ghobha air an robh Niall Dòmhnallach a bha a' fhuireach ann am Baile a' Phuill an àm a' chunntais-shluaigh ann an 1851.

Chaidh Dòmhnall a chlàradh an toiseach le Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1953, nuair a chaidh Calum Iain MacIllEathain a chèilidh air, agus ged nach robh e ach meadhanach aig an àm, dh'fhàg e buaidh mhòr air Calum. Chlàraich Hamish Henderson e ann an 1958, agus mar an ceudna Iain MacAonghuis anns na 1960an. Thadhail Eric Cregeen air Dòmhnall iomadh turas eadar 1968 agus 1974 agus bha e dìreach air a bheò-ghlacadh leis an dòigh anns am biodh e ag innse sgeulachdan: "Nuair a bha [Dòmhnall] ag innse mun stoirm mhòir [anns an Iuchar 1856], bha thu an sin air a' chladach a' coimhead nam bàtaichean a' dol fodha, agus dh'fhairich thu an t-uabhas agus an truas. An uair sin dh'fhalbhadh am mulad bhon ghuth aige agus chitheadh tu sogan a' tighinn air aodann nuair a dh'innseadh e mu euchd air choreigin a rinn fear dhe na sinnsirean aige. 'S e seanchaidh air leth a bh' ann agus bha an nàdar aige na phàirt dheth sin."

Dh'eug Dòmhnall air an treas latha dhen Ghiblean 1975.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

Bruford, Alan, agus MacDonald, Donald A. (deas.), Scottish Traditional Tales (Edinburgh: Polygon, 1994)

Cregeen, Eric, 'Donald Sinclair, Dòmhnall Chaluim Bàin (1885-1975)', ann an Tocher 18: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (An Samhradh 1975), deas. le Alan Bruford, td. 41-65