Rannsaich
Cleachdaidhean pòsaidh ann an Griomasaigh

Cleachdaidhean pòsaidh ann an Griomasaigh

Leasan 20 (le bhideo)

1. An Sgeulachd

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/65469?l=gd

1. Tàr-sgrìobhadh (pdf)

2. Sgriobt (pdf)

3. Obair (pdf)

Gnìomhan do Sgoilearan

a. Ceistean

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Pàdruig Moireasdan (1889-1978) à Griomasaigh a’ còmhradh ri Iain MacAonghuis (Sgoil Eòlais na h-Alba) anns an Fhaoilleach 1963. Leugh an t-ath-sgrìobhadh a tha an cois a’ bhidio ma tha taic a dhìth ort.

  1. Dè bha anns a’ chòrdadh bheag?
  2. Dè bhiodh a’ tachairt aig an rèiteach?
  3. Dè bhiodh an dithis ealanta a’ dèanamh aig an rèiteach?
  4. Dè dhèanadh am fleasgach aig a’ cheann thall?
  5. Dè an coimeas a tha ga dhèanamh eadar uisge-beatha an uair sin agus uisge-beatha an latha an-diugh?
  6. Dè dhèanadh na bodaich aig an rèiteach le am brògan agus carson?
  7. An robh cuimhne aig Pàdruig air duine no dithis a bhith còmhla ris an fhear òg nuair a dh’iarradh e cead air pàrantan na h-ìghne?
  8. Cò gheibheadh cuireadh chun an rèitich?
  9. Dè an àireamh de dhaoine a bhiodh aig an rèiteach sa chumantas?
  10. Dè an coimeas a tha Pàdruig a’ dèanamh eadar rèiteach agus banais?
  11. Air a’ bhanais fhèin, cò bhiodh nan suidhe faisg air a’ chàraid òig aig a’ bhòrd?
  12. Cò bha na suidhe còmhla ri Pàdruig nuair a phòs a mhac fhèin?
  13. Dè tha Pàdruig a’ miannachadh nuair a thig e gu bainnsean ann an Griomasaigh a’ dol gus an èirich a’ ghrian?
  14. Dè cho fad ’s a bhiodh na bainnsean a’ maireachdainn uaireigin?
  15. Ciamar a bhiodh daoine eile a’ faighinn fiathachadh dhan bhanais?
  16. Dè bhiodh anns an tochradh?
  17. Dè seòrsa phreasantan a bhiodh air an toirt seachad dhan chàraid òig?
  18. Carson a bhiodh na pàrantan air gach taobh a’ toirt mart is caoraich dhan chàraid òig?

b. Ealain

Sgrìobh sgeulachd ghoirid mu dheidhinn na bhiodh a’ dol aig banais anns na seann làithean. Dè na rudan a bhiodh a’ tachairt taobh a-staigh a h-uile càil a bha dol air adhart? Suirghe? Sabaid? Strì? Cò bhiodh an sàs anns an t-suidheachadh? Feuch gun sgrìobh thu mu dheidhinn rudan leithid a’ chòrdaidh bhig, an rèitich, is eile. Smaoinich air cò bhuaithe a tha an sgeulachd a’ tighinn? Fear na Bainnse? Bean na Bainnse? Caraid? Fear a chaidh a dhiùltadh? No bho chuideigin bhon taobh a-muigh a tha a’ coimhead air an tachartas.

Stuthan Taic

a. Briathrachas

fleasgach – fear òg eireachdail, ach anns an t-seagh seo am fear a bhios a’ coimhead às dèidh fear na bainnse

a’ sònrachadh – ga dhèanamh sònraichte; a’ sealltainn gu bheil e air leth bho rudan eile

na seann linntean – na seann làithean

tochradh – na bhiodh na pàrantan a’ toirt seachad nuair a phòsadh an cuid cloinne, leithid crodh, caoraich, agus fearann

ealanta – sgileil, gleusta

seulachadh – a’ cur seul air, tighinn gu aonta

buintealas – buinteanas

reigheadh – rachadh, deigheadh

cha robh e ro phailt – cha robh mòran dheth ri fhaotainn

fo lùirich – bhon fhacal lùireach, seòrsa de chòmhdach – a’ ciallachadh gun robh e ga dhèanamh os ìosal

air cheannaibh an stocainnean – gun bhrògan orra ach gun a bhith cas-rùisgte

dìslean – dlùth-chàirdean

a’ mhaighdeann – anns an t-seagh seo, an tè a bhios a’ coimhead às dèidh bean na bainnse a’ molachadh ri – a’ tarraing às, a’ conas air

ullamh – air a choileanadh, deiseil

fiathachadh – cuireadh

eòlaich (singilte: eòlach) – daoine as aithne dhut

sprèidh – crodh

cuibhrig – aodach-leapa liubhairt – toirt seachad, lìbhrigeadh

b. Geàrr-chunntas

Tha am fiosraiche ag innse mu chleachdaidhean pòsaidh ann an Griomasaigh nuair a bha e òg. Seachdain ron phòsadh bhiodh an rèiteach ann. Bhiodh seo air a chumail ann an taigh bean na bainnse agus bhiodh biadh, deoch agus spòrs gu leòr ann. Bhiodh gillean òga a’ bhaile a’ dol timcheall le cuireadh don bhanais fhèin. Bhiodh bainnsean a’ dol fad na h-oidhche gu èirigh na grèine. Tha am fiosraiche den bheachd nach eil bainnsean air atharrachadh gu mòr thairis air na bliadhnaichean. Tha e a’ toirt iomradh air an tochradh agus na bh’ ann.

c. An Rèiteach

A rèir Phàdruig, cha robh a’ bhanais riamh na b’ fheàrr na an rèiteach. Bha cuideam mòr ga chur air an rèiteach agus bha uisge-beatha air leth cudromach anns a’ ghnothach. Nochd an rèiteach anns an leabhar agus anns an fhilm ‘Whisky Galore’, a bha stèidhichte air dol fodha an SS Politician far Èirisgeigh an àm an Dara Cogaidh. Anns an fhilm, chìthear a’ chàraid ag òl à cuach, agus anns an leabhar tha an sagart ag innse gun nochd na sìthichean le uisge-beatha dhaibh leis gu bheil dragh air na daoine gum bi rèiteach ann gun uisge-beatha.

Rinn Runrig òran ann an 2003 air a bheil ‘A’ Rèiteach’. Tha e air a’ chlàr aca Proterra. Èist ris. Tha an t-òran a’ toirt sealladh dhuinn air na faireachdainnean a dh’fhaodadh a bhith aig neach a bhiodh an lùib rèiteach.

Fiosrachadh Eile

a. Am Fiosraiche

Pàdruig Moireasdan, Pàdruig Ghilleasbuig Phàdruig ’ic Iain (1889-1978). Rugadh agus thogadh e ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath. B’ e croitear agus iasgair a bh’ ann. Tha an t-uabhas de chlàran aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

b. Ceanglaichean

Earrannan eile le Pàdruig Moireasdan.

Sgeulachd mu bhodach Ròcabarra.

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/65461?l=gd

Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd a chuala e anns na taighean-cèilidh nuair a bha e òg. Bha fear ann a bha ag iasgach. Chaidh e air chall ann an ceò agus thàinig e gu tìr ann an Uibhist. Phòs e an sin agus bha triùir mhac aige. Chaidh bliadhnaichean seachad agus thòisich e a’ call a fhradharc. Chaidh a mhic fhèin a-mach a dh’iasgach. Aon latha, fhuair iad iasg neònach. Chan fhaca iad a-riamh a leithid, ach dh’aithnich an athair e. Dh’iarr e orra a thoirt leotha gu muir. Sheòl iad astar fada agus thàinig iad tro cheò gu fearann Ròcabarra, às an tàinig am bodach bliadhnaichean roimhe.

An tàillear agus na mnathan iasgaich.

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/65473?l=gd

Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd a chuala e anns na taighean-cèilidh nuair a bha e òg. Bha tàillear ann a bha a’ dèanamh obair do thriùir bhoireannach agus anns gach taigh bha e a’ faighinn sgadan gach madainn. Bha e dèidheil air sgadan ach bha e a’ gabhail iongnadh oir chan fhaca e duine ga reic, ’s cha robh fios aige cò às a thàinig an t-iasg. Dh’inns aon de na boireannaich dha gun robh iad fhèin ag iasgach agus dh’iarr i air tighinn còmhla riutha an ath latha. Chunnaic e gun robh iad ag iasgach le criathran. Sheas iad air na criathran ’s iad air an ceangal le chèile le ròpa fraoich. Chùm an tàillear grèim air ceann a’ cheangail agus thug iad dha duan. Ach cha do ghabh e an duan mar bu chòir agus chaidh na criathran fodha. Theich esan dhachaigh cho luath ’s a b’ urrainn dha.

A’ roinn èisg ris an Donas.

https://www.tobarandualchais.co.uk/track/69892?l=gd

Chaidh e a bhreacach aon oidhche Shàbaid agus fhuair e deagh iasgach. Nochd coigreach na làthair agus dh’iarr e roinn dhen iasg. Thòisich an gille ri roinn ach chùm e a’ dol ceàrr sa chunntas feuch am briseadh an latha. Dh’fhaighnich e dhan choigreach dè bha a dhìth air. Fhreagair esan gur e am fear mu dheireadh a bha a dhìth air – b’ e sin an gille fhèin. Thuig e gur e an Donas a bh’ ann ach ghairm an coileach agus chaidh an coigreach às an t-sealladh.

Freagairtean

Tidsearan: cuiribh post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk gus lethbhreac de na freagairtean airson nan leasanan air fad fhaighinn

Fios mu na Clàraidhean air Fad

Liosta de na clàraidhean air fad (pdf)