Prògram Choinnich
Fiosraichean
Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
22475
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Cuairt còmhla ri Isa Caird ann an trì caistealan ann an Dùn Dè: Claypotts, Dudhope agus Broughty. Tha i a' toirt seachad beagan eachdraidh air gach fear.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Aonghais
Paraiste - Dùn Dè
Baile/Àite - Dùn Dè
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Aonghais
Paraiste - Dùn Dè
Baile/Àite - Dùn Dè
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Coinneach MacÌomhair (CM): Ach an-dràsta, 's ann a Dhùn Dè a tha sinne a' dol. Gu caistealan faisg air Dùn Dè a tha Isa Caird gar toirt an t-seachdain sa. Aon chaisteal. Dà chaisteal. 'S dòcha trì caistealan. Isa, cha robh fhios agam gun robh uimhir agaibh ann an Dùn Dè de chaistealan.
Isa Caird (IC): Ò, 's ann a tha tòrr rudan againn ann an Dùn Dè nuair a thòisicheas tu a' cnuasachadh mu dheidhinn. Àite beag math a th' ann.
CM: Sin a tha mi a' faighinn a-mach, gu dearbha. Dè a' chiad chaisteal gu bheil sinn a' dol?
IC: Uill, a' chiad tè, 's e Claypotts a chanas iad rithe. Chan eil fhios a'm dè...
CM: Claypotts?
IC: Claypotts. Chan eil fhios a'm dè tha sin a' ciallachadh, ach sin an t-ainm a th' oirre, agus thogadh i ann a... anns a' chòigeamh linne deug, agus an-diugh, tha i air an taobh sear dhen bhaile, tha rathad mòr ri taobh 's ceithir shreathan chàraichean a' dol suas 's sìos air, agus taighean timcheall air. Ach aig aon uair, nuair a chaidh an caisteal seo a thogail, bha e dìreach na eisimpleir sònraichte air an seòrsa caisteal a bh' air a thogail aig an àm sin, anns a' chòigeamh linne deug. 'S e fear Strachan a thog e. Feumaidh gun do rinn e airgead am badeigin agus bha e airson taigh brèagha a bhith aige, dìreach mar a bha na daoine againn fhèin a' falbh às na taighean-tughaidh gu taigh mòr geal. Bha e airson dìreach caisteal... Chan eil ann ach caisteal beag. Bha e dìreach mar taigh mòr. Bha dei-... Ach bha e sònraichte, a chionn bha deich rumannan ann, agus bha e na bu chofhurtaile na bha gu leòr eile aig an àm sin. Agus bha e dìreach na thùr mar gum b' eadh sguèir, agus air gach oisinn bha iad a' cur tùr cruinn. Mar sin, tha seip brèagha air. Agus tha clachaireachd bhrèagha air, agus tha e fhathast dìreach mar a bha e air a thogail aig an àm sin. Agus os a chionn, os cionn an tùir, tha mar gum b' eadh... cha mhòr nach eil e coltach ri mar gum b' eadh trì taighean air a chur gu h-àrd. Mar sin, nuair a thig... nuair a tha thu aige, chan eil e uabhasach sònraichte, ach nuair a chì thu bhuat e, tha e a' coimhead glè bhrèagha. Tha mar gum b' eadh uinneagan annasach air, 's dòcha uinneagan ris an canamaid-ne storm windows, agus 's ann a tha e dìreach iongantach na pàtrain a dhèanadh iad le clach aig an àm sin. Agus... seadh?
CM: Nach eil ceangal aige ris an t-amhran Bonnets of Bonnie Dundee?
IC: Tha, tha. Sin agad Claverhouse. Graham of Claverhouse, agus bha esan a' fuireach ann. Fhuair esan... fhuair athair an dearbh chaisteal seo aig aon àm, agus bha e a' fuireach ann. Ach bha e... dh'fhàs Graham sin caran mòr, duine mòr a bh' ann, agus bha caisteal eile aige, Dudhope aige, agus tha sin na bu mhotha, agus b' fheàrr leis a bhith ann an Dudhope na bhith ann an Claypotts. Ach rinn e ainm dha fhèin, agus tha mi a' smaoineachadh, b' fheàrr leam fhèin a bhith ann an Claypotts, tha mi a' smaoineachadh. Tha Dudhope an-diugh na colaiste, agus na àite airson offices aig grunn dhaoine, agus chan fhaigh thu innte, ach 's e togalach nas motha, agus tha barrachd thùraichean ann 's barrachd uinneagan, ach chan eil e... chan eil e cho snasail, saoilidh mi, 's a tha Claypotts.
Ach tha e iongantach an rud a nì iad air caistealan. Dìreach, tha e dìreach mar a bha e, ach gu bheil e air a dhèanamh suas na bhroinn, agus far am biodh doras mòr, mòr, far an reigheadh each 's cairt troimhe, tha an-diugh doras air a dhùnadh suas beagan, dìreach air na taobhannan, agus tha doras glainne ann a shin.
CM: Uill, gu dearbha, sin... sin an dàrna caisteal mun robh sibh a' dol a thoirt iomradh, Dudhope Castle ann an sin. Tha i sin i fhèin a' dol air ais grunn math linntean, nach eil?
IC: Ò, tha. [???] Dudhope dìreach car mun aon àm. Beagan nas òige, 's dòcha. Anns a' chòigeamh linne deug 's an siathamh linne deug. Tha iad sean. Agus tha e dìreach iongantach cho math 's a tha iad, seachd àraid Claypotts. Tha barrachd air a dhèanamh rithe. Tha tòrr airgead air a bhith air a chosg air Dudhope, air sàillibh gu bheil e an-diugh na... pàirt dhen an oilthigh aig Abertay. Ann an Dùn Dè, a bharrachd air caistealan, tha dà oilthigh againn a-nist ann a sheo, agus tha Dudhope seo na phàirt de Oilthigh Abertay.
CM: A-nise, am faod thu a dhol a-steach gu Claypotts?
IC: Ò, faodaidh. Faodaidh. Chan eil e fosgailte ach Disathairne 's Latha na Sàbaid. Ach tha e air a dheagh chumail, agus thèid thu ann. Chan eil àirneis no sgrios na bhroinn, 's mar sin, chì thu mar a chaidh a thogail. Tha gu h-ìseal, cidsin 's àiteachan mòra far am biodh iad a' cumail biadh 's bainne 's eile ann a shin. Agus an uair sin, tha rud a tha sònraichte mu dheidhinn, tha dà staidhre ann. Tha staidhre a' tighinn a-nuas on an doras aghaidh, agus nuair a bhiodh daoine a' tighinn a choimhead ort, dh'fhaodadh tu dìreach a dhol suas an staidhre leotha, gun an rùm mhòr, aon rùm mhòr far am biodh daoine a' fuireach 's a bhiodh beò ann. Tha àite-teine mòr, mòr ann a shin, agus tha mi a' creidsinn gum biodh iad even a' cadal ann a sheo, 's dòcha. Bhiodh am fear beag a bhiodh a' coimhead às dèidh an teine, tha mi a' creidsinn, bhiodh e a' cadal ri leabaidh bheag ri taobh an teine aige ann a shin. 'S tha rùm mòr an sin, agus 's dòcha gun robh e air a dhèanamh na dhà rùm. Chì thu mar gum b' eadh far an robh 's dòcha far am biodh cùirt no rudeigin. Agus sin an rùm bu mhotha a bhiodh ann. Agus an uair sin, os cionn sin, tha dà lobhta eile, agus eadar a h-uile càil a th' ann, tha deich rumannan ann.
CM: Sin dà chaisteal againne. Claypotts. Dudhope. Chan fhaigh thu a-steach a Dudhope ann. Uill, chan eil càil ann. 'S e colaiste a th' ann, tha thu ag ràdh rium, an e?
IC: 'S e colaiste a th' ann, 's e.
CM: Agus dè mu dheidhinn an tritheamh caisteal a-nise?
IC: Uill, an tritheamh caisteal shìos faisg orm fhèin ann am Broughty Ferry, agus tha i ann a... tha i ann an àite àlainn, dìreach ri taobh na mara, a' coimhead sìos... sìos na h-aibhne, a-mach gun a' chuan a tuath. Àite math dìon. A h-uile caisteal, 's ann airson dìon a bha iad gan togail, gan dìon fhèin an aghaidh nàimhdean, no gan cumail fhèin sàbhailte nuair a thigeadh nàimhdean thuca. Agus ged a bha... tha eachdraidh aig Dudhope agus Claypotts gun robh iad gu math slàn 's gun robh iad a' sabaid ri daoine eile. Chan eil... chan eil aig Broughty Ferry bochd ach droch eachdraidh, saoilidh mi. Ge brith cò bh' ann - bha iomadach duine ann o linn gu linn - cha robh iad uabhasach math air iad fhèin a dhìon. Bha iad dìreach a' toirt seachad a h-uile càil a bh' ann. Shin agad e.
Bhiodh iad a' dèanamh gàire orra, tha e coltach. Chanadh iad, 'Och, chan eil agad ach Broughty Ferry, chan eil ann ach cur seachad feasgar dìreach a bhith ga ghabhail. Bheiridh iad suas e co-dhiù.'
CM: A-rithist, tha sinn a' dol air ais gun a' chòigeamh linn deug no mar sin, nach eil?
IC: Dìreach car mun aon rud. An aon àm nuair a... Chaidh Broughty Ferry dìreach sìos uabhasach, ach aig àm a' Chrimea, rud a... fios agad, bha eagal orra gun tigeadh na Ruiseanaich a-nuas an Abhainn Tatha, 's gum biodh... gum biodh... gun tigeadh iad suas dhan bhaile, 's dòcha gum biodh Dudhope 's a h-uile càil a bh' ann riamh an uair sin air a... air a bhristeadh, 's air eagal gun tigeadh na Ruiseanaich aig àm a' chogadh sin, rinneadh suas an caisteal. Thog iad ballaichean mòra timcheall air, agus àite airson gunnaichean agus àite airson saighdearan 's ospadail 's mar sin. Agus mar sin, an-diugh, tha e brèagha timcheall air. Chan e dìreach aonan tùr a th' ann. Tha tòrr de... timcheall air. Agus far a bheil e, tha e snog. Agus tha e na thaigh-tasgaidh an-diugh.
CM: 'S dè seòrsa rudan a th' ann?
IC: Uill, nithean dìreach mu dheidhinn Broughty Ferry, a chionn 's e an talamh a bha leis a' chaisteal seo, tha e dìreach far a bheil Broughty Ferry seo an-diugh. Tha dìreach an àbhaist timcheall air... air Dùn Dè. Iasgach, a' mhuc-mhara, agus mar a bha... mar a bha am baile mus deach na drochaidean tarsainn air an Abhainn Tatha a thogail. Agus, ò, tha e gu math inntinneach, agus tha gu leòr a' dol ann. Ach fhathast bidh daoine a' tighinn air làithean-saora gu Broughty Ferry, a chionn tha e... 's e baile beag snog a th' ann, agus bidh gu leòr ga thadhal, 's tha e an-asgaidh faighinn ann.
CM: Uill, sin... sin gu math cudromach cuideachd. Chan eil mòran chaistealan no mòran thaighean-tasgaidh an-diugh far a bheil e an-asgaidh, a bheil?
IC: Uill, chan aithne dhomh gu bheil. Ach tha am fear ud, agus ma tha thu... ma tha diù agad ann an iasgach 's ann an seann bhàtaichean, agus a' dol gu na mucan-mara gu tuath 's gu deas, tha dìreach tòrr eachdraidh ann.
Rud eile a bhiodh aig na caistealan sin, seachd àraid aig Claypotts, agus bhitheadh 's aig Dudhope, tha mi a' smaoineachadh, a bheil àite agad fhèin am broinn do thaighe, doocot? Am bi thu a' sad rudan dhan doocot?
CM: Ò, tha dhà no thrì aca. Cha mhòr... cha mhòr a h-uile rùm anns an taigh an-diugh.
IC: Uill, bha doocot, fhios agad, 's ann... tha am facal sin, tha mi a' smaoineachadh gur ann à... bho dovecote a thàinig e.
CM: Dovecote.
IC: Dubh-calman. Dove... dovecote, agus bhiodh dovecote, no doocot, no... uill, 's e doocot a chanas sinne, nach e? Bhiodh doocot aig a h-uile caisteal. Tha e dìreach mar taigh-chearc mhòr, agus àite... bogsaichean innte airson na calmain a bhith a' neadachadh innte, agus bha iad... bha iad aca airson biadh. Agus tha cuid dhe na doocot-an sin, tha iad dìreach uabhasach brèagha. Tha fear mòr snog eadar seo 's Obar Dheathain, agus bha fear aig Claypotts, agus bha mi aig Caisteal Crathes an latha roimhe, agus tha fear uabhasach annasach anns a' ghrunnd an sin. Agus bha iad, fhios agaibh, bha iad aca airson biadh, dìreach mar gum b' eadh frids mhòr.
Agus rud a tha iongantach cuideachd mu Claypotts - chòrd Claypotts rium fìor mhath...
CM: Uill, tha mi ag aithneachadh sin.
IC: Tha. Anns an rùm mhòr a tha seo, bha mar gum b' eadh sloc anns a' ghrunnd aige, agus bha sin a' dol sìos mar pìob de rud, a' dol sìos dhan a' chidsin, agus tha mi a' smaoineachadh, nuair a bhiodh tu 's dòcha ag ithe... ullamh ithe no rud sam bith, bha thu a' sadail rudan, chan eil fhios dè bha thu a' sadail, sìos dhan a seo, agus bha e a' dol suas dhan a' chidsin, 's bha mi ag ràdh rium fhèin, 'Uill, cha robh iad cho dona sa chòigeamh linne deug. Siud a' chiad waste disposal a chunnaic mise a-riamh ann an àite cho sean siud.
CM: Uill, sin inntinneach gu dearbha. Na trì caistealan a tha sin, ma-thà, a-rèiste, Claypotts, Dudhope Castle, agus Caisteal Broughty Ferry fhèin. Isa, mo thaing dhut gu dearbha airson an dealbh sin a thoirt dhuinn orra. Cha robh fhios agam a-riamh... cha robh fhios agam a-riamh gun robh uiread a chaistealan agaibh ann an Dùn Dè.
IC: Uill, feumaidh tu tighinn gu Dundee, a thighinn a choimhead orra uaireigin.
CM: Uill, cò aig a tha fhios. Ma thèid mise a dhèanamh sin, thig thu fhèin na mo chois.
IC: Thig. Thèid, gu dearbh.
CM: Isa, tapadh leat gu dearbha.
IC: 'S e do bheatha.
CM: Isa Caird ann an sin, ann an Dùn Dè. Leadaidh nan caistealan an t-seachdain sa.

Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math