Ailean Dearg Mac 'ic Ailein.
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
23003
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1953.36.A4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Ailean Dearg Mac 'ic Ailein.
Phòs Ailean Dearg Mac 'ic Ailein boireannach Frangach agus bha e a' sabaid dha na Seumasaich. Thog e Caisteal Ormacleit le cuideachadh bho ailtire Frangach. Thug iad seachd bliadhna ga thogail agus chaidh a losgadh gu làr seachd bliadhna an dèidh sin air oidhche Blàr Sliabh an t-Siorraim, far an do mharbhadh Ailean Dearg.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Ailean Dearg Mac 'ic Ailein
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Ruairidh Bowie (RB): Uill, 's e Ailean Dearg Mac 'ic Ailein, 's e an t-ainm a bh' air an oighre, agus bha e aig aois ochd bliadhn' deug at the Battle of Killiecrankie. Agus an dèidh dha tighinn às a sin 's e na chaiptean, chaidh a thoirt air falbh a-rithist, e fhèin 's a dhaoine gu ruige an Fhraing.
Ann am batal anns an Fhraing an sineach, a bha eadar na Spàinntich 's na Frangaich, agus e a' cuideachadh nam Frangach, ri linn an Old Pretender. Co-dhiù, chaidh a leòn air an achadh, agus nuair a bha e air a leòn cha robh fios co-dhiù bha e beò no marbh gus an do thog boireannach e, 's thug i gu ruige taigh duine-uasail e. Bha e ann an sin ga dhotaireach gus an d' fhuaradh air dòigh e, 's nuair a fhuaradh air dòigh an sineach e rinneadh a mach gura h-e oighre fear dhe na Dòmhnallaich a bh' ann, a Chlann 'ic Ailein.
Ach 's ann a bh' ann, 's ann a phòs e baintighearna a bh' ann an sin, tè MacKenzie, agus thàinig i dhan dùthaich còmhla ris. Agus thug i air [?mainear] caisteal a thogail. Agus thugadh... thug iad seachd bliadhna air a thogail. 'S e architect Frangach a bha ga thogail. Uill nuair a chaidh a thogail bha e air a chantail gur e seachd bliadhna a bha e suas, agus an ceann na seachd bliadhna bha esan a' cuideachadh an Old Pretender, 's iadsan ann an Alba an seothach, agus chaidh a thoirt gu ruige Sheriff... am batal ann an Sheriffmuir. Agus bha bhruidhinn mhòr mu dheidhinn na thog e air falbh às an eilean seo de shaighdearan, ach gun tug e air falbh aona mhac banntraich ann agus nach robh i toilichte, agus gun robh e air a chantail gun robh sian air an duine nach dèanadh luaidh sìon air, gun tug a mhàthair sia sgillinn dhan ghille airson a chur ann los nach togadh e a leithid tuilleadh, agus gur e mac na banntraich a chuir crìoch air ann an Sheriffmuir.
Agus... thug na Sasannaich... chaidh an t-àite a thoirt bhuatha, na h-eileanan a bha seothach o na... o na h-oighreachan, agus chaidh a thoirt a dh'fheadhainn eile aca a chaidh sìos gu ruige Bheinn na Fadhla. Agus an latha a chaidh a mharbhadh gun deach an caisteal na theine le poit de shùgh fèidh, agus bha an còrr a bhuineadh dha ann am Beinn na Fadhla gus an deach an oighreachd a reic ris na Gòrdanaich.
Calum MacIllEathain (CM): Dìreach. Sin mar a thachair dhan chaisteal ma-thà.
RB: Sin mar a thachair dhan chaisteal. Seachd bliadhna bha e suas agus seachd bliadhna ga thogail.
CM: Seadh, dìreach. Agus chaidh e na theine an oidhche sin. Ròsladh fèidh a bha iad?
RB: Ròsladh fèidh.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math