Oisean, Pàdraig agus an lon-dubh.
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
34697
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1959.58.B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Oisean, Pàdraig agus an lon-dubh.
Bha Pàdraig pòsta aig nighean Oisein. Sheall Pàdraig do dh'Oisean cas fèidh. Thuirt Oisean gum faca e lon-dubh le casan na bu mhotha. Cha robh Pàdraig ga chreidsinn, agus loisg e leabhraichean Oisein le tàmailt is fearg. Bha Oisean dall, ach thug e leis mac Phàdraig dhan choille. Lorg iad lon-dubh air leth mòr agus bhruich iad e ann an coire leis an Fhinn. Thugadh a' chas aige dhachaigh gu Pàdraig.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Oisean
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Calum MacIllEathain (CM): Chan e... nuair a bha Oisean ann a... pòsta aig... aig nighean Phà-... Pàdraig pòsta aig nighean Oisein. An e sin a bh' ann? 'S an dòigh 's nuair a chunnaic iad lurgann loin-duibh, agus thuirt Oisean an uair sin...
Peggy MacDonald (PM): Lurgann fèidh a bh' ann.
CM: Lurgann fèidh, seadh.
PM: Agus thuirt e:
"Am faca tu," ars esan, "lurgann riamh," ars esan, "cho mòr sin," ars esan, "de lurgann fèidh?"
"Ò," ars esan, "chunnaic mise lurgann loin-duibh," ars esan, "a rachadh i na broinn."
"Uill," ars esan, "bha mi gad chreidsinn riamh gu seo," ars esan.
Agus rug e air na leabhraichean, 's [???] e iad, loisg e iad.
Agus ghabh Oisean, ghabh e leithid de thàmailt agus sin nuair a dh'fhalbh e leis... leis a' bhalach an làrna-mhàireach, agus a bha e ag innse dha na rathaidean a ghabhadh e. Agus thug e do mhonadh... do ghleann suas e agus thuirt e an sin ris:
"A bheil thu fhèin a' faicinn dad sam bith a-nist?" ars esan.
Bha e na dhall an uair sin.
"Chan fhaic mise," ars esan, "ach eun mòr dubh an sin [???]."
"Am faic thu," ars esan. "Uill," ars esan, "an toir thusa car goirid da mise?"
"Bheir."
"Seo a-nist," ars esan, "agus cuir an gunna dìreach air."
Agus sin nuair a loisg e air 's a mharbh e e.
"Coisich a-nist," ars esan...
Tha do làmh a' toirt fairis, a ghaoil.
CM: Chan eil, chan eil, chan eil, chan eil. Tha sibh alright.
PM: Agus:
"Tha," ars esan, "am faic thusa a-nist," ars esan, "tom gorm shìos an sin, tom luachrach?"
"Chì," ars am balach.
Sin nuair a thug e thuige e, agus a rug e air an tom 's a spìon e e. 'S bha coire ann a shin, a bh' aig na Fianntaichean. Agus sin nuair a rug e air an eun 's a loisg e e, agus thòisich iad air a bhruich [???] agus thug e an lurgann dhachaigh chun... chun an duine aig a nighean. Agus:
"Seo a-nist," ars esan, "'s bha do mhac còmhla rium," ars esan, "agus faodaidh esan innse dhut."
Agus sin... sin nuair a... cha do dh'innis e an naidheachd riamh tuilleadh. 'S e a bha a' bàrdachd mun cuairt air an Fhèinn 's air a h-uile rud.
CM: Seadh, dìreach.
PM: 'S e.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math