Mar a fhuair agus a chaill Oisean a bhean, mar a fhuair e a...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.73.A11
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a fhuair agus a chaill Oisean a bhean, mar a fhuair e a neart air ais, agus mar a bhàsaich e.
Thàinig boireannach gu trì bothanan àirigh aig na Fianntan agus dh'iarr i cairtealan. Chaidh a diùltadh aig a' chiad agus an dàrna fear, ach thug Oisean, anns an treas bothan, a-steach i. Fhuair i biadh agus laigh iad san aon leabaidh, ach chuir Oisean claidheamh rùisgte eatorra. Anns a' mhadainn bha i cho bòidheach ri boireannach a chunnaic Oisean a-riamh agus tharraing e an claidheamh a-mach. Phòs iad.
Aon là bha Oisean a' dol dhan mhonadh agus bha a' ghalla aige gus breith. Thuirt e ri bhean comharra a chur air a' chiad chuilean agus gun a thoirt dha duine a thigeadh dhan doras. Thuirt ise ris-san nan tilgeadh e oirre an riochd anns an tàinig nach fuiricheadh i cuide ris. Rugadh na cuileanan agus thàinig an duine agus thug e oirre a' chiad fhear a thoirt dha. Thilg Oisean oirre an riochd anns an tàinig i agus dh'fhalbh i na pitheid.
Lean Oisean i gus an do dh'fhàs e sean agus thug i dha fàinne, ag ràdh gum biodh e beò fhad 's a bha e air a chorrag. Thill Oisean agus thàinig e gu taigh Para Naomh Clèireach.
Aon là thilg Para Naomh Clèireach fiadh mòr air a' bhòrd agus dh'fhaighnich e an do mharbh na Fianntan fiadh cho mòr a-riamh. Thuirt Oisean gum faca e spòg isein loin-duibh na bu mhotha. Thug e balach leis gu àite far an robh coin na Fèinne agus thug iad leotha am fear a b' fheàrr.
Chuir Oisean cearcall iarainn air ceann a' bhalaich agus ghlaodh e cho àrd 's gun do sgoilt na creagan gus an tàinig fèidh a bha mòr gu leòr. Chuir cù na Fèinne am fiadh air a dhruim dìreach. Mharbh iad e agus bhruich am balach e. Dh'ith Oisean am fiadh agus bha e cho làidir 's a bha e a-riamh, ach gun robh leus air a shùil far an do dh'ith am balach bìdeag bheag dhen fheòil.
Chaidh iad dhan choille bheithe agus mharbh Oisean lon-dubh agus thug e dhan bhalach e mar bhiadh. Chùm e an spòg agus thilg e air bòrd Phara e. Bhris casan a' bhùird agus bha fhios aig Para Naomh Clèireach gur e an fhìrinn a bh' aige [mu dheidhinn cho mòr 's a bha fèidh na Fèinne]. Thog iad leabhraichean Oisein às an teine [far an robh iad gan losgadh].
Dh'fhàs Oisean lag a-rithist agus aon là chaidh e a-mach don loch cuide ris a' bhalach gus e fhèin a ghlanadh. Thug e am fàinne bho chorrag, thàinig a' phitheid agus dh'fhalbh i leis. Mharbh e am balach airson nach innseadh e dha duine mu na h-àitichean far an deach iad agus thuit e fhèin marbh.
Fhuair am fiosraiche an stòiridh bho Sheoc, bràthair a mhàthar, a bhàsaich bho chionn 45 bliadhna [timcheall air 1913]. Bha i cuideachd aig a mhàthair agus aig Alasdair, bràthair athar.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math