Rannsaich

Mar a fhuair 'Sgrìob Liath an Earraich' an t-ìm.

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 49330
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.94.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.094

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair 'Sgrìob Liath an Earraich' an t-ìm.

Bha e na chleachdadh aig daoine ìm a stòireadh as t-samhradh agus as t-fhoghar airson 'Sgrìob Liath an Earraich'. Chuir aon bhean-taighe an t-ìm mu seach, agus aon latha bha aice ri dhol a-mach. Dh'fhàg i an taigh an earbsa ris an nighean aice. Thàinig seann bhodach bochd chun an dorais. Dh'fhaighnich i dhà am b' esan Sgrìob Liath an Earraich, agus thuirt e gum b' e. Thug i dhà an t-ìm agus dh'fhalbh e leis.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Bhatarsaigh

Paraiste - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1541

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math