Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a' cruinneachadh chnothan....
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
55259
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.107.B6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a' cruinneachadh chnothan.
Sgeulachd mu Bhiorachan Beag agus Biorachan Mòr 's iad a' cruinneachadh chnothan. Bha Biorachan Beag gan ithe. Chaidh Biorachan Mòr a dh'iarraidh slat. Aig a' cheann thall, bha Biorachan Beag air na cnothan air fad ithe.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Biorachan Mòr; Biorachan Beag
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Bhatarsaigh
Paraiste - Barraigh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Tar-sgrìobhadh
Nan NicFhionghain: Biorachan Beag 's Biorachan Mòr, chaidh iad latha a bhuain chnò, 's mar a bhuaineadh Biorachan Mòr dh'itheadh Biorachan Beag. Dh'fhalbh Biorachan Mòr an seo a dh'iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag mun itheadh e ach beagan dhe na cnothan. Nuair a ràinig e an t-slat, thuirt an t-slat:
"Chan fhaigh thu mise," ars ise, "gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi."
Agus co-dhiù, dh'fhaighneachd i... dh'fhaighneachd i dheth an toiseach dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag mun itheadh e ach beagan dhe na cnothan.

Dh'fhalbh e sin a dh'ionnsaigh na tuaighe. Dh'fhaighneachd an tuagh dheth dè a bha e ag iarraidh.
"Tha mi ag iarraidh," ars esan, "tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag mun ith e ach beagan dhe na cnothan."
"Chan fhaigh thu mise," ars... ars ise, an tuagh, ars ise, "gus am faigh thu clach," ars i fhèin, "a bheileas mi."
Dh'fhalbh i a dh'ionnsaigh na cloiche, 's dh'fhaighneachd e dhen chloich dè... dh'fhaighneachd a' chlach dha dè a bha e ag iarraidh.
"Tha mi ag iarraidh," ars esan, "clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag mun ith e ach beagan dhe na cnothan."
"Chan fhaigh thu mise," ars... ars ise, a' chlach, "gus am faigh thu uisge a fhliuchas mi."
Co-dhiù, dh'fhalbh e seo a dh'ionnsaigh an uisge, 's dh'fhaighneachd an t-uisge dha dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag mun ith e ach beagan dhe na cnothan.
"Chan fhaigh thu mise," ars esan, an t-uisge, "gus am faigh thu cuman a thàirneas mi."
Dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh a' chumain, 's dh'fhaighneachd an cuman dheth dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh cuman a thàirneas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag mun ith e ach beagan dhe na cnothan.
"Chan fhaigh thu mise," ars esan, an cuman, "gus am faigh thu saor a chàireas mi."
Dh'fhalbh e co-dhiù a dh'ionnsaigh an t-saoir, 's dh'fhaighneachd an saor dha dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh saor a chàireadh cuman, cuman a thàirneas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag mun ith e ach beagan dhe na cnothan.
"Chan fhaigh thu mise," ars esan, an saor, "gus am faigh thu ìm a dh'itheas mi."
Co-dhiù, dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh an ime, 's dh'fhaighneachd an t-ìm dha dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh ìm a gheibheadh saor, saor a chàireadh cuman, cuman a thàirneadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bheileadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh air Biorachan Beag mun itheadh e ach beagan dhe na cnothan.
"Chan fhaigh thu mise," ars esan, an t-ìm, "gus am faigh thu luch a sgrìobas mi."
Dh'fhalbh e sin a dh'ionnsaigh na luch. Dh'fhaighneachd an luch dheth dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh luch a sgrìobadh ìm, ìm a gheibheadh saor, saor a chàireadh cuman, cuman a thàirneadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bheileadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh air Biorachan Beag mun itheadh e ach beagan dhe na cnothan.
"Chan fhaigh thu mise," ars an luch, "gus am faigh thu cat a ruitheas mi."
Dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh a' chait, 's dh'fhaighneachd e dhan chat dè a bha e ag iarraidh, 's... dh'fhaighneachd an cat dheth dè a bha e ag iarraidh, 's thuirt... thuirt esan gun robh e ag iarraidh cat a ruitheadh luch, luch a sgrìobadh ìm, ìm a gheibheadh saor, saor a chàireadh cuman, cuman a thàirneadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bheileadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh air Biorachan Beag mun itheadh e ach beagan dhe na cnothan.
'S mun d' fhuair e na bha sin, bha Biorachan Beag gu sgapadh leis na dh'ith e dhe na cnothan.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math