Beagan eachdraidh.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1973.115.A5
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Beagan eachdraidh.
Rugadh am fiosraiche ann an 1887 anns an aon taigh anns a bheil e a-nis [1973]. 'S e taigh-geal a bha ann; fear den chiad fheadhainn. Phòs athair ann an 1884 agus thog e an taigh. Bha botal uisge-bheatha a' cosg deich sgillinn aig an àm. Bha taighean-dubha anns an Druim Fheàrna cuideachd. Bha an teine ann am meadhan an ùrlair ach bha feadhainn anns an robh similear-crochaidh. Bha fìdhlear ann, Gilleasbaig Ceanadach, a bhiodh a' teagasg dannsa anns an taigh aige. Thàinig an t-ainm Camas Cros air an àite an dèidh do shagart tighinn ann. Chuir e suas crois anns a' chamas.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Paraiste - Slèite
Baile/Àite - Camas Cros
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Paraiste - Slèite
Baile/Àite - Camas Cros
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Dòmhnall MacNeacail (DM): 'S ann san taigh seo a rugadh mi, ann an eighteen eighty-seven.
MN: 'S e taigh-geal a bh' ann an uair sin?
DM: 'S e. Thog m' athair taigh-geal... Phòs m' athair trì bliadhna roimhe siud 's fhuair e an lot a bha seo bho Iain Mòr Buachaille, na fhuair e timcheall an seo. Fhuair e an lot co-dhiù agus thog e taigh ann a sheo. Agus cha robh mòran taighean... cha chreid mi nach e seo a' chiad taigh-geal a bh' anns a' bhaile bheag seo. Uill, bha aon taigh mòr geal ann a shiud, ò, ann an... cha chreid mi nach deachaidh a thogail anns an t-seachdamh linn deug, agus tha nighean, 's e... 's e sinn-seanair dhan a' bhoireannach a tha seo, chan eil i aig an taigh an-dràsta...
Agus, tha... nach e gnothaichean a bha saor an uair ud. Bhiodh fear a' tighinn a-nall às an Druim Fheàrna, 's e sin a bh' air aithris dhòmhsa, agus bha e còrr 's ceud bliadhna nuair a chaochail e, agus bha a' chuimhne aige fuathasach fhèin math, agus cha chuala mise e ga ràdh, ach 's aithne dhomh am fear ris an robh... am fear a bha ga innse, botal uisge-bheatha, botal falamh, dh'fheumadh e... bhiodh e a' tighinn a-nall casruisgte, tha mi a' smaointinn, mar a bha iad uile an uair ud, agus botal falamh agus bhiodh e a' faighinn làn a bhotal airson deich sgillinn.
MN: Abair e.
DM: Nach bochd nach robh sinn beò an uair ud. Ach càit an robh thu a' dol... cha robh e... bha e cho doirbh an sgillinn fhaighinn.
MN: Cha robh deich sgillinn cho pailt, ge-tà. Cha robh.
DM: Bha e doirbh fhaighinn.
MN: Seadh. Agus an Druim Fheàrna... 'S am biodh eòlach air a bhith a' dol a thaighean-dubha?
DM: Bhitheadh, timcheall ann a sheo fhèin. Bhitheadh, bhitheadh.
MN: 'S e... 's e ùrlar puill a bhiodh aca?
DM: 'S e, gu dearbh fhèin e, 's e.
MN: An toir sibh dhomh ainmeannan nan rudan a bh' air feadh an taighe?
DM: Bheir. Nuair a thigeadh tu gu 'n doras, 's e leac an dorais a bh' air. Agus bhiodh teine aca daonnan, 's ann air a... am meadhan an ùrlair a bhiodh e, ann am feadhainn dhiubh. Bha feadhainn... bha feadhainn eile, bha feadhainn eile, bha similear a' dol suas. Bha iad ga thogail ri taobh a' bhalla ann a sheo, similear-crochaidh a chanadh iad ris. Mar gun canadh tu gun robh seo dùinte, uill, bha iad ga thogail air gach taobh dheth sin suas fad an rathaid. Agus a-mach ann a sheo a-rithist, bha an teine a' tighinn a-mach ann a sheo gun a... gun a' mheadhan ann a sheo. Agus, ò, cha chreid mise nach robh iad blàth.
MN: Agus 's ann air an ùrlar a bha an teine?
DM: 'S ann, air an ùrlar, 's ann. Ò, ghiall, tha. Chan eil cho glè fhada bhon a chaidh sin a chur às. Agus na taighean, ò, tha cuimhn' a'm ann a sheo, ò, 's e seann duine a bh' ann an uair ud, agus 's e fìdhlear a bh' ann. Tha an tobhta aige ri faicinn an siud fhathast. Gilleasbaig Ceanadach a chanadh iad ris. Agus bha an teine air meadhan an ùrlair. Ma tha, bhiodh tu... bhiomaid a' dol a-staigh ann a shiud, ò, feadhainn na bu shine na mise, feadhainn, cailleagan òga 's gillean òga a' dol a-staigh ann a shin, 's bhiodh e a' toirt dhaibh dannsa, tha thu a' faicinn. Agus nach robh e neònach, ann an àite cho beag.
MN: Ag ionnsachadh dannsa dhaibh?
DM: Eh?
MN: Ag ionnsachadh dannsa dhaibh?
DM: Ag ionnsachadh dannsa dhaibh.
MN: Dè an t-ainm a bh' air?
DM: Gilleasbaig Ceanadach.
MN: Gilleasbaig Ceanadach. 'S an ann às a seo a bha e?
DM: 'S ann, 's ann, 's ann, 's ann.
MN: Agus...
DM: Tha mi a' cluinnteil gu bheil... tha ogha... tha ogha dha aig an taigh an-dràsta air holiday à Canada.
MN: Ò aidh, uh-huh. Agus an e... 's e Camas Cros a tha seo?
DM: 'S e, Camas Cros.
MN: Dè a-nis a chanas sibh ris ann an Gàidhlig? Camas Cros?
DM: 'S e siud agad an aon ainm a chuala mise riamh air.
MN: Camas Cros?
DM: An dòigh anns an d' fhuair e Camas Cros, thàinig sagart ann a sheo - 's e sin a tha eachdraidh ag innse dhuinn - agus chuir e suas a' chrois, agus 's e camas, 's e sin a' Ghàidhlig a th' air bay, òb.
MN: 'S e.
DM: 'S e. 'S e siud a chanas feadhainn ris co-dhiù. Agus shin agad mar a fhuair e an t-ainm, agus lean an t-ainm suas riamh. Agus, tha... Camas Cros.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math