Caidil, Caidil
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
94472
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1957.015
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Tàladh do chaileag bheag don ainm Mòrag.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Thèid mise 's tusa màireach
Thèid mise 's tusa màireach
Thèid mise 's tusa màireach
Gu àirigh nan caorach.
An aithnicheadh tu mo bhanachag
An aithnicheadh tu mo bhanachag
An aithnicheadh tu mo bhanachag
Tè dhubh is leth-cheann dearg oirr'.
Caidil caidil cailleachag
Caidil caidil cailleachag
Caidil caidil cailleachag
'S e mise piuthar do sheanmhar.
Horì chaidil Mòrag
Horò chaidil Mòrag
Horì chaidil Mòrag
Ma chaidil cha bu mhòr e.
Thèid mise 's tusa màireach
Thèid mise 's tusa màireach
Gu àirigh nan caorach.
An aithnicheadh tu mo bhanachag
An aithnicheadh tu mo bhanachag
An aithnicheadh tu mo bhanachag
Tè dhubh is leth-cheann dearg oirr'.
Caidil caidil cailleachag
Caidil caidil cailleachag
Caidil caidil cailleachag
'S e mise piuthar do sheanmhar.
Horì chaidil Mòrag
Horò chaidil Mòrag
Horì chaidil Mòrag
Ma chaidil cha bu mhòr e.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math