Rannsaich

Dòmhnall Dubh Mac Iain 'ic Ailein

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 97782
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.82

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.082

Geàrr-chunntas

Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein

Bha Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein a' seòladh gu Canaigh air latha stoirmeil. Bha creutair beag a' leantail a' bhàta. Thug Dòmhnall Dubh e air bòrd agus dh'fhàs an aimsir ciùin. Chaidh an creutair beag à sealladh nuair a ràinig iad Canaigh. Ùine ghoirid an dèidh sin, dh'fhàs Dòmhnall Dubh tinn. Thàinig a bhràthair thuige 's e air leabaidh a bhàis. Chualas trì feadan cruaidh. Dh'fheuch Dòmhnall Dubh ri èirigh agus dh'fheumte a chumail sìos. Ghairm an coileach agus chunnacas an Deamhan a' leum tarsainn Leum an Dòbhrain.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Canaigh

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Canaigh

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Hector MacDonald (HM): Seo an triop a bha Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein a' tighinn à Uibhist leis a' bhirlinn a-nall gu Canaigh, agus bha fìor dhroch latha ann aca a' tighinn tarsainn. Agus bha beothach beag dubh a bha seo a' leantail a' bhàta fad an rathaid a' tighinn tarsainn, agus thuirt Mac 'ic Ailein ri fear dhen a' chriutha:

"Tog am beothach beag bochd sin, tog a-staigh dhan bhàta e."

Agus nuair a thog iad a-staigh e thàinig an latha gu math na b' fheàrr. Agus co-dhiù, ràinig iad Canaigh. Agus nuair a ràinig iad Canaigh dh'fhalbh am beothach 's chan fhaca iad tuilleadh e.

Thàinig Mac 'ic Ailein air tìr 's chaidh e a dh'fhuireach dhan taigh, agus glè ghoirid às a dhèidh sin dh'fhàs e bochd. Agus bha bràthair dha thall ann am Mùideart. Chuir iad fios air a bhràthair e thighinn, gun robh coltas air nach èireadh e tuilleadh às an leabaidh; gun robh am bàs air. Agus co-dhiù, thàinig a bhràthair agus bha iad ga chaithris fad oidhche no dhà an sin.

Agus an oidhche a bha seo bha iad cinnteach gun robh e a' dol a bhàsachadh, agus bha iad ga chaithris fad na h-oidhche. Agus co-dhiù mu... suas eadar dà no trì a dh'uaireannan sa mhadainn chuala iad fead uabhasach a-muigh. Agus rinn esan gu bhith às an leabaidh airson faighinn a-mach, agus chùm iad grèim air 's chuir iad a-staigh dhan leabaidh air ais e.

An ceann tacain chuala iad fead eile, 's i na bu mhotha na a' chiad fhead. Rinn esan gu bhith a-mach às an leabaidh a-rithist, agus chùm iad grèim air a-rithist 's chuir iad a-staigh dhan leabaidh air ais e.

Agus an ceann treise às a dhèidh sin chuala iad an treas fead. Bha i seo fada, fada na bu mhotha. Agus co-dhiù, rinn e a-mach an uair sin gum biodh e a-mach co-dhiù ge b' oil leis na bha anns an taigh. Co-dhiù, fhuair iad grèim air 's chuir iad a-staigh dhan leabaidh air ais e, agus dìreach san àm a bh' ann ghairm an coileach, agus an fheadhainn a bha a-muigh chunnaic iad an Donas a' leum tarsainn àite ris an canadh sinne Leum an Dòbhrain. Agus thuirt esan riutha nach ruig iad a leas ioghnadh sam bith a ghabhail dhan fhead a bha siud no gu dè an duine a bha a-muigh, a chionn gur e an Donas a bh' ann a' tighinn ga iarraidh a chionn gun do gheall e dha iad nuair a bha e na dhuine òg.

Fear neo-ainmichte (F): And you missed out the best part of the story.

HM: Well come on.

F: That Clan Ranald's honour must be unsullied.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math