An sgìre agad fhèin
Leasan 2
Gnìomh A- Bhideo
Seall air an bhideo seo far a bheil Caitlin ag innse dhuinn barrachd mun mhapa a tha sinn a' dol a dhèanamh.
Gnìomh B- Àirdean na combaist
Tha combaist cho cudromach do mhapa. Bidh fios aig a’ chloinn uile gu bheil 4 ìrean air combaist ach dè mu dheidhinn nan àirdean eadar sin?
Seo agaibh duilleag obrach - lìon a-steach àirdean na combaist.
Gnìomh C- Èist ri clàradh
Anns a’ chlàradh seo, tha Aonghas MacPhilip à Beàrnaraigh ag aithris àirdean na combaist uile. Feuch gun èist na sgoilearan ris agus gu lean iad na h-àirdean air a' chombaist.
Dh’fhaodadh a’ chlann feuchainn an aithris iad fhèin. ‘S e amaladh-cainnte (tongue twister) a th’ ann agus bheir e dhaibh beagan dibhearsain. No airson clann nas òige, dh’fhaodadh iad fear nas sìmplidh fheuchainn, mar a leanas:
- Tuath
- An ear-thuath
- An ear
- An earra-dheas
- Deas
- An iar-dheas
- An iar
- An iar-thuath
- Tuath
Gnìomh D- A’ dèanamh combaist a-muigh
Feuch air a’ chombaist agad fhèin a dhèanamh ann an àite taobh a-muigh- feumar latha grianach is pìos cailc.
Ceum 1: Stob bioran anns an talamh no ann am poit.
Ceum 2: Cuir ‘x’ aig bàrr a’ bhiorain.
Ceum 3: Fan deich mionaidean agus cuir ‘x’ far a bheil bàrr a’ bhiorain a-nis agus cum ort gus am bi loidhne agad do ‘x’.
Ceum 4: Seo agad an loidhne eadar an Ear is an Iar. Cuir loidhne eile ann a sheallas càite a bheil deas is tuath.
Gnìomh E- Ceistean
(Airson sgoilearan S1 & S2)
Dè cho eòlach ’s a tha a' chlann air an talamh air a bheil iad a’ fuireach is an sgìre mun chuairt orra?
Còrr is 30 bliadhna air ais chruthaich eòlaiche àrainneachd air an robh Peter Warshall an 'Watershed Quiz', le ceistean as urrainn dho dhaoine freagairt mun eòlas aca air an àite aca fhèin. Thug e sùil air uisge (watersheds) mar dhòigh gus a bhith a' tuisgsinn an t-saoghail nàdarra is ar n-àite na mheasg.
Ge bi càite a bheil thu a' fuireach, tha an cuibhreann beag agadsa air thalamh air a shnìomh a-steach ann an àrainneachd nas motha, air a shuidheachadh mar mhìr beag ann an siostam slàn. Dè cho math ’s a tha tuigse nan sgoilearan air a' chuibhreann seo is àite san àrainneachd mun cuairt ort? Mura h-eil eòlas aca, feuch gun dèan iad beagan rannsachadh leotha airson faighinn a-mach.
Seo agad an tionndadh againne air an 'Watershed Quiz', feuch is freagair na ceistean seo.