Creutairean, Craobhan is Còmhdach na Talmhainn
Leasan 5
Gnìomh A- Bhideo
Seall air an bhideo seo far a bheil Caitlin ag innse dhuinn barrachd mun cheangal eadar nàdar agus beul-aithris.
Gnìomh B - Clàraidhean is còmhradh
Tha na clàraidhean a leanas a’ toirt beagan bheachdan dhuinn air mar a tha nàdar a’ spreagadh mac-meanmna nan daoine. Feuch an aithne a’ chlann sgeulachdan à dualchas anns a bheil beathaichean. (m.e. Maccodrum nan ròn, Rìgh nan eun… no dualchas eile m.e. Billy Goats Gruff, Three Little Pigs)
Gnìomh C - Ainmean-àite
Dèan liosta air na h-ainmean a tha a’ toirt dhuinn eòlas mu nàdar na sgìre- mar a bha e is dòcha mar a tha e fhathast.
’S e seo dòigh a bhiodh ann daingneachadh gur e an t-eòlas seo a bh’ aig na daoine a dh’ainmich na h-àitichean is na h-ainmean fhèin mar phàirt de dhualchas. Dh’fhaodadh iad sùil a chumail a-mach airson bheathaichean, eòin, craobhan is lusan.
Tha mapaichean rim faighinn an seo https://osmaps.ordnancesurvey.co.uk/ no thèid gu làrach seo aig NLS.
Gnìomh D - Dealbhan do fhiadh-bheathaichean
Lorg dealbhan de fhiadh-bheathaichean na sgìre agad is obraich bhuapa - gabhadh cuid dhiubh an copaidheadh a-rithist is an cur air a' mhapa mhòr far a bheil beàrnan ann. Nan cleachdadh iad gual-fhiodha airson na obrach seo, bhiodh sin math gus am fàsadh iad cleachdte ris agus gus an gabhadh an dealbh a dhèanamh gu furasta a-rithist air mapa mòr.