Search
Mar a chì is chluinneas tusa

Mar a chì is chluinneas tusa

Leasan 7

Gnìomh A- Bhideo

Seall air an bhideo seo far a bheil Caitlin far a bheil i a' brosnachadh na cloinne gus smaointinn barrachd mun àite anns a bheil iad a' fuireach.

Gnìomh B - Èist ri clàradh

Èist ris a' chlàradh seo far a bheil boireannaich a' bruidhinn mu dhòighean cluiche a bh’ aca nuair a bha iad nas òige air Eilean Bheàrnaraigh. Nuair a tha thu ag èisteachd, feuch agus smaoinntich air na ceistean seo:

A-nis, freagair na ceistean seo agus cleachd an tar-sgrìobhadh mar chuideachadh.

Gnìomh C - Cuairt

Iarr air a’ chlann cuairt a ghabhail le camara is dealbhan a thogail de dh’ àitichean a tha sònraichte dhaibhsan, far an toil leotha a bhith a’ cluich no a’ cur seachad ùine a-muigh.

Ghabhadh dealbhan de àitichean sònraichte a thaisbeanadh ann an diofair dhòighean, m.e:

Luchdaich na dealbhan gu prògram mar ‘PowerPoint’ no ‘Google Slides’.

Clò-bhuail iad ann an leabhran, leithid am fear seo. Gheibh thu stiùireadh tron cheangal seo.

No dealbhaich leabhar ann am ‘bookcreator’. Seo làrach a leigeas leat leabharlann a chruthachadh de leabhraichean a' chlais, far an urrainn dhan chlann leabhraichean chàich fhaicinn is a leughadh. Tha coimeasan dealbhachaidh snasail ann.

Gnìomh D- Dorsan is dealbhan

Iarr air gach pàiste dealbh a thogail dhaibh fèin (le taic phàrant, no selfie airson na feadhna as sìne) taobh a-muigh doras-aghaidh an taighe aca le rudeigin prìseil nan làmhan ann an sgeulachd/eachdraidh an teaghlaich aca.

B’ urrainnear an cruinneachadh seo a thaisbeanadh anns na h-aon dòighean a chunna thu ann an Gnìomh C. Tha cothrom ann an seo ceistean a thogail mar a tha sinn a’ cuimhneachadh cuid de sgeulachdan.

Le bhith a’ toirt cothrom dhaibh an sgeulachdan fhèin is sgeulachdan an teaghlaich innse, tha an dòchas ann gun tuig iad gur urrainn dhaibh fhèin a bhith an sàs ann an dualchas le bhith ag aithris an cuid fhèin dheth, gu cruthachail.

Gnìomh E- Clàradh

Feuch ri beagan clàradh a dhèanamh le cuideigin sa choimhearsnachd a bhiodh deònach innse mun òige, mun obair, mu ainmean-àite no mu sheanchas na sgìre.

Is mathaid roinn na ceistean leis na fiosraichean ro làimh gus am faigh iad ùine smaoineachadh air na chanas iad. Dh’fhaodar iarraidh air daoine dealbhan sam bith den sgìre a th’ aca a thoirt leotha gus bruidhinn timcheall orra.