Obair nan Daoine – An-diugh ’s An-dè
Leasan 4
Gnìomh A- Bhideo
Seall air an bhideo a leanas far a bheil Caitlin ag innse dhuinn barrachd mun t-seorsa obrach a b' abhaist do dhaoine a bhith a' dèanamh air a' Ghàidhealtachd.
Gnìomh B- Rannsachadh is Ceistean
A’ cleachdadh làrach NLS maps agus an comas dà ìomhaigh a chur os chionn le chèile (mapa o chionn 100 bliadhna is dealbh saideil), feuch ri làraich taighean na cloinne a lorg air an dealbh saideil.
Feuch ri fianais a lorg air na dòighean ’s a bha daoine ag obair air an tìr. m.e.
- cala, cidhe
- croitean, clachan taighean, àirighean, muilinn
- Coille, plantation, muileann sàibh
An dèidh beagan ùine a chosg a' rannsachadh na sgìre agad fhèin leis a' ghoireas seo, feuch agus freagar na ceistean air an duileag seo.
Gnìomh C- Còmhradh is clàraidhean
Dh’fhaodadh iarraidh air a’ chloinn rannsachadh a dhèanamh air aon seòrsa obrach.
- Cò bhiodh ga dhèanamh?
- Dè an t-àm den bhliadhna?
- Dè an t-seòrsa uidheamachd a bhiodh a dhìth?
Is mathaid gum b’ urrainn dhaibh dealbhan a lorg air làrach am baile.org.uk.
Seo clàradh de Cheit NicColla agus Ciorstaidh NicDhòmhnaill a’ bruidhinn air an obair a bhiodh clann a’ dèanamh air a’ chroit.
Seo Uilleam MacDhòmhnaill a’ bruidhinn air a bhith air an àraidh as t-samhradh.
Gnìomh D- Cruthan na tìre air mapa
Paisg duilleag A4 gus 8 bogsaichean a dhèanamh. Coimhead air mapa (’s iad na seann mhapaichean as fheàrr airson seo.) Feuch ri gach bogsa air a’ phàipear a lìonadh le diofair loidhnichean/pàtrain a tha ri fhaicinn air a’ mhapa.
Gniomh E- Bàrdachd a th’ air a lorg / Found poem (Àrd-sgoiltean)
Lorg clàraidhean air TAD far a bheil daoine a’ brudhinn mun obair ca. Seo cuid dhiubh ceangailte ri croitearachd agus aig a bheil tàr-sgriobhaidhean.
Ma bhuineas na clàraidhean dhan sgìre agad, tha sin nas fhèarr buileach.
Tagh aon fhear agus èist gu dlùth ris turas no dhà.
Tagh cuid de na loidhnichean bhon chlàradh a tha a’ glacadh d’ aire.
Dh’ fhaodadh tu peann dubh a chur air an teacsa eile gus dìreach na loidhnichean a thagh thu fhàgail.
Cuir iad seo còmhla an uair sin, is mathaid le beagan abairtean agad fhèin, gus bàrdachd a dhèanamh. ‘Se ‘found poem’ a chanar ris a leithid.