Search
Togalaichean dè gach seòrsa

Togalaichean dè gach seòrsa

Leasan 3

Gnìomh A- Bhideo

Thoir sùil air an bhideo seo far a bheil Caitlin ag innse barrachd dhuinn mu thogalaichean agus na rudan a tha iad ag innse dhuinn mun dualchas againn.

Gnìomh B- Èisteachd agus Ceistean

Èist ris a' chlàradh seo de Dhòmhnall Moireasdan à Muile a' bruidhinn mun t-seòrsa de thaighean a bh' ann nuair a bha esan a fàs suas. Dèan cinnteach gum bi thu a' leantail nam faclan le bhith a' leughadh an tar-sgrìobhaidh.

A-nis freagair na ceistean sìmplidh air an duilleig obrach.

Gnìomh C- Cuairt, Còmhradh is Dealbh

Ma tha tobhtaichean faisg ort, dh’fhaodadh tu turas a ghabhail ann. ’S e cothrom a bhiodh ann beagan tomhas a dhèanamh air leud is meud, is mapa a dhèanamh den taigh/na clachan a tha air fhàgail.

Dh’fhaodar còmhradh a chumail mu chiamar a chaidh taighean a thogail is cò ris a bhiodh e coltach a bhith a’ fuireach annta, an taca ri taighean san latha an-diugh.

Gnìomh D- Dèan Dealbh

Tagh togalach san sgìre agad agus dèan dealbh dheth. Na cleachd an taigh agad fhèin ged-tà.

Misnich a’ chlann gus smaoineachadh mu na diofair stuthan-togail anns na dealbhan aca m.e. clach, fiodh, tiona no glainne, air an dèanamh le gual-fiodh no peansail, no le dathan. Tha eisimpleir no dhà an seo a dh’fhaodadh a bhith taiceil. Cleachd an duilleag-obrach seo airson practas air seo.

Gnìomh E- Tog modal: Obair dachaigh

Dh’fhaodadh a' chlann modal a thogail de thogalach às an sgìre no an taigh aca fhèin à lego mar obair dachaigh. Dh’fhaodadh iad seo fheuchainn le modelling clay no plasticine cuideachd. Ma ’s e crèadh, dh’fhaodadh pìos fiodh/fiodh-cladaich a chur air bonn na h-obrach aca le glue gun.

Ma tha e nas fhasa modal 2D a dhèanamh, ghabhaidh an crèadh/plasticine a rolaigeadh rèidh mar leac is cumadh an togalaich a ghearradh a-mach. Faodar textures a sgròbadh/oibreachadh a-steach dhan chrèadh. Nuair a tha an crèadh tioram, ghabhaidh na leacan air an dathadh le beagan peant / lìomh / dathan eile plasticine.