Search
Acadamaigh Rìoghail Inbhir Nis- sgoilearan S5 is 6

Acadamaigh Rìoghail Inbhir Nis- sgoilearan S5 is 6

Rinn sgoilearan S5 is S6 aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agallamhan le còignear daoine a tha a' fuireach an an Inbhir Nis agus na sgìrean mu thimcheall.

Rugadh is thogadh Ailean Caimbeul ann an Cealabost, faisg air Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach agus tha e air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis fad iomadh bliadhna. Anns an agallamh, tha Ailean a’ bruidhinn air diofar chuspairean leithid coimhearsnachdan Gàidhlig nuair a bha e òg an taca ris an là an-diugh, cultar nan Gàidheal, agus cultar is coimhearsnachdan Gàidhlig san àm ri teachd. Tha Ailean cuideachd ag innse sgeulachd a chuala e bho nàbaidh ann an Cealabost mu dhuine aig an robh nighean a bha a’ suirghe.

Tha ùidh air a bhith aig Somhairle MacDhòmhnaill ann an iomain fad a bheatha agus bha e a’ cluich airson Sgioba an Eilein Sgitheanaich fad iomadh bliadhna. Anns an agallamh seo, tha Somhairle a’ bruidhinn air cho cudromach ’s a tha iomain do chultar nan Gàidheal is cultar na Gàidhealtachd. Tha e cuideachd a’ toirt iomradh air a’ cheangal eadar sgiobannan iomain agus na coimhearsnachdan anns a bheil iad agus na cothroman a th’ ann do bhoireannaich an gèam a chluich san là an-diugh.

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ fuireach ann an Inbhir Nis agus sgrìobh e leabhar mu ainmean-àite Inbhir Nis agus nan sgìrean mu thimcheall. Anns an agallamh tha Ruairidh ag innse gu bheil sgìre Inbhir Nis làn ainmean-àite Gàidhlig agus tha e a’ bruidhinn air mar a tha ainmean-àite a’ toirt a-steach eachdraidh, eòlas nàdair agus eòlas tìre. Tha e a’ toirt seachad eisimpleirean de dh’ainmean-àite anns an sgìre agus ag innse sgeulachdan co-cheangailte ris na h-ainmean.

’S ann à Baile Àtha Cliath a tha Brian Ó hEadhra agus tha e air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis fad iomadh bliadhna. Chaidh a bhogadh ann an ceòl traidiseanta agus bha e sa chòmhlan-chiùil ‘Anam’. Anns an agallamh tha Brian a’ bruidhinn air cho cudromach ’s a tha ceòl dha agus air a’ cheangal eadar ceòl is cultar is cànan. Tha e cuideachd a’ toirt iomradh air ‘Carmina Gadelica’, stòras prìseil de bheul-aithris, ùrnaighean, bàrdachd is eile. Tha Brian a’ mìneachadh mar a thug an stòras seo buaidh air agus mar a tha e ga chleachdadh san obair chiùil aige.

****Faidhle fuaim a-mhàin****

Tha Raghnaid Sandilands a’ fuireach ann an Srath Narann, faisg air Fàrr, agus tha i air tòrr rannsachaidh a dhèanamh mu dhualchas na sgìre. Anns an agallamh tha Raghnaid a’ bruidhinn air uirsgeulan, gu sònraichte feadhainn ceangailte ri creutairean os-nàdarrach, leithid eich-uisge, Uilebheist Loch Nis agus sìthichean. Tha i cuideachd a’ mìneachadh carson a tha uirsgeulan cudromach dha sgìrean às an tàinig iad.