Rannsaich
Ciad ainm Ceit
Cinneadh Dix
Ainm eile Catherine MacLeod
Far-ainm Wally
Sloinneadh Ceit Ghilleasbaig Tàilleir (Ceit an Tàilleir)
Bliadhna breith 1890
Bliadhna bàis 1981

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Beàrnaraigh

Àireamh an neach 363

Eachdraidh-beatha

Bha meas mòr aig na Gàidheil air na filidhean fad linntean. A dh'aindeoin briseadh nan cinnidhean Gàidhealach, agus mar sin dreuchd a' bhàird phroifeasanta, lean an traidisean ris anns na coimhearsnachdan ionadail fo riochd bàird baile, a bha ainmeil anns a' choimhearsnachd aca airson a bhith a' dèanamh bàrdachd agus òrain mu thachartasan agus daoine anns an sgìre. Tha iomadh deagh eisimpleir de bhàird baile air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus am measg an fheadhainn as inntinniche agus as fharsainge tha na clàraidhean de Cheit Dix (Ceit an Tàilleir) à Beàrnaraigh na Hearadh. Tha a cuid eirmseachd agus àbhachdais, agus a tàlant airson a bhith a' dèanamh bàrdachd agus a' cumail cuimhne air ceudan de dh'òrain, sgeulachdan agus dàin, a' toirt seachad sealladh air leth inntinneach dhe a beatha-se, cho math ri beatha coimhearsnachd Ghàidhlig ann am meadhan na 20mh linn.

Rugadh Ceit Dix ann an 1890 agus b' i an treas neach de sheachdnar cloinne a rugadh don tàillear Gilleasbaig MacLeòid (Gilleasbaig Tàillear mac Iain Dhòmhnaill) agus a bhean Anna (née NicPhilip). Thàinig Gilleasbaig a Bheàrnaraigh bho Bhaile Mhàrtainn an Uibhist a Tuath an dèidh dha Anna, tè de mhuinntir Bheàrnaraigh, a phòsadh. Bha cliù aig Gilleasbaig airson a bhith a' dèanamh bàrdachd eirmseach anns an t-seasamh bonn agus lean a' ghibht seo ann an Ceit, a thuilleadh air a' chomas a bhith ag ath-aithris iomadh sgeul agus òran a rinn h-athair.

Mar iomadh boireannach eile anns an àm sin, bha an ùine a bh' aig Ceit anns an sgoil air a cuingealachadh mar thoradh air dleastanasan cùraim aig an dachaigh, agus i tric a' coimhead às dèidh an fheadhainn bheaga 's a pàrantan trang ris an obair làitheil. Dh'fhàg i an t-eilean aig aois ceithir bliadhn' deug agus ghabh i fastadh na banchaig aig tuathanach anns an Apainn ann an Earra-Ghàidheal. An dèidh ceithir bliadhna anns an Apainn chaidh i dhan Òban, agus bha i ag obair an seo gus an do thòisich an Cogadh Mòr. Chuir i seachad a' chuid mhòr dhen chogadh ag obair aig factaraidh armachd ann an Gretna agus ann an 1918 thill i dhan Òban, far an do choinnich i ris an duine aice, Jack Dix, a bha na innleadair-mara à Sunderland. Phòs iad agus chaidh iad gu Sunderland an dèidh a' chogaidh, agus thog iad an triùir cloinne an sin.

Nuair a thòisich an Dàrna Cogadh agus bomadh nam baile-puirt air còrsa an ear Shasainn, thàinig iad dhan a' cho-dhùnadh gum biodh e na bu shàbhailte do Cheit agus a' chlann a dhol a dh'fhuireach a Bheàrnaraigh. Chaidh Jack an uair sin dhan eilean nuair a leig e dheth a dhreuchd aig deireadh a' chogaidh.

Bha croit aig Ceit anns am biodh i a' cumail bheothaichean agus a' cur glasraich. Bha i measail air còcaireachd agus chòrd e rithe gu mòr a bhith ag iasgach agus a' snàmh. Bha Ceit cuideachd na pàirt mhòr dhen choimhearsnachd agus cha b' fhiach tachartas sòisealta sam bith gun ise a bhith ag aithris duan no ag innse sgeulachd. Anns a' chlàradh seo tha i ag innse sgeulachd mu sheann chàraid a chaill bonnach ach a choisinn bò. Chuireadh i fàilte 's furan air daoine a thigeadh a chèilidh oirre agus gheibheadh iad gabhail aca gu math.

Dh'fhàg tàlantan agus fialaidheachd Ceit buaidh mhòr air mòran dhaoine, leithid an t-seinneadair agus an sgrìobhaiche Vashti Bunyan, a bha a' fuireach ann am Beàrnaraigh aig deireadh nan 1960an. Dh'innis i mar a bheireadh Ceit bainne dhi a h-uile latha bhon bhoin aice fhèin. Tha Ceit air a h-ainmeachadh mar thè de sgrìobhaichean an òrain 'Iris's Song for Us' bho chlàr Vashti bho 1970, Just Another Diamond Day. Thuirt Vashti mu deidhinn: "Bha i air tè dhe na boireannaich as coibhneile, air anam as dealasaiche, agus bu toigh leam gu mòr i."

Dh'fhan Ceit anns an eilean gus an do bhris a slàinte, agus choimhead tè dhe na h-igheanan aice às a dèidh an uair sin anns na Hearadh gus an do dh'eug i ann an 1981, aig aois 90.

Tha e na urram do Thobar an Dualchais gu bheil cha mhòr 600 clàradh de Cheit air an làraich-lìn againn, a' mhòr-chuid dhiubh sin clàraichte eadar 1967 agus 1978 le Iain Peatarsan às leth Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha farsaingeachd mhòr de stuthan anns na clàraidhean aice, agus tha a' ghibht a bh' aice airson bàrdachd a dhèanamh san t-seasamh bonn agus a' chuimhne anabarrach a bh' aice air bàrdachd a rinn bàird baile eile air leth follaiseach annta. Anns a' chlàradh seo tha i ag aithris rann a rinn Fionnlagh Cìobair do dh'fhear a bhiodh a' reic chearcan. Bha i air leth nuair a thigeadh e gu innse sgeulachdan, naidheachdan, thòimhseachain agus sheanfhaclan, agus cluinnear mòran eisimpleirean dhe seo air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Nam measg tha sgeulachd mu Bhiorachan Beag agus Biorachan Mòr a' tional chnothan anns a' choille, a dh'ionnsaich i bho a h-athair agus a chaidh a chlàradh nuair a bha i suas anns na 70an.


Tùsan agus Barrachd Leughaidh

Dix, Alison, Ceit an Tàilleir à Beàrnaraigh: Eachdraidh Beatha agus Taghadh de Stòiridhean is Rannan (Inbhir Nis: Clàr, 2019)

Munro, Ailie, agus MacLeod, Morag, The Folk Music Revival in Scotland (London: Kahn and Averill, 1984)

Paterson, Ian, 'Ceit an Tàilleir', ann an Tocher vol. 20: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (An Geamhradh 1975), deas. le Alan Bruford, td. 121-137