Eachdraidh-beatha
Tha Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, air fear dhen luchd-clàraidh aig a bheil an àireamh as motha de chlàraidhean air làrach-lìn Tobar an Dualchais, agus chan eil teagamh gu bheil e air fear dhe na sgoilearan Gàidhlig as cudromaiche bhon 20mh linn. Bha e air thoiseach air càch ann an Alba ann a bhith a' cleachdadh teicneòlas ùr gus daoine a chlàradh agus beul-aithris a thasgadh. Bha e cuideachd am measg nan daoine a bha a' strì gus institiuid airson cruinneachadh beul-aithris a chur air bhonn ann an Alba, agus thàinig seo gu buil le stèidheachadh Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1951.
Rugadh Iain Latharna Caimbeul ann an Dùn Èideann ann an 1906 agus chaidh a thogail ann an Earra-Ghàidheal. B' e am mac bu shine aig Còirneal Donnchadh Caimbeul Inbhir Nèill agus Ethel Waterbury, New Jersey. Chaidh e gu Sgoil Cargilfield ann an Dùn Èideann agus an uair sin gu Sgoil Rugby ann an Warwickshire, mus deach e gu Oilthigh Oxford far an tug e a-mach Ceum ann an 1929 ann an Eaconamaidh Dùthchasach agus Àiteachas fo stiùir an Àrd-ollaimh Sir James Scott Watson. B' ann nuair a bha e aig Oilthigh Oxford a ghabh e ùidh mhòr ann an Gàidhlig. Stèidhich e comann Gàidhlig le oileanaich eile agus thòisich e ri Gàidhlig ionnsachadh fo stiùir an Àrd-ollaimh Iain Friseal, Gàidheal à Gleann Urchadain. Le taic agus brosnachadh bhon Àrd-ollamh Friseal, dh'fhoillsich an Caimbeulach an rannsachadh aige air òrain Ghàidhlig aig àm Ar-a-mach nan Seumasach (1745-46) anns an leabhar 'Òrain Ghàidhealach mu Bhliadhna Theàrlaich' anns a' Ghearran 1933.
Ann an Lùnastal na bliadhna sin, an dèidh fiathachadh bhon sgrìobhadair Compton MacCoinnich, agus an dèidh dha coinneachadh, le tuiteamas, ris a' chomhairliche ionadail Iain Mac a' Phearsain (An Coddy) air bus ann an Inbhir Nis, chaidh an Caimbeulach a Bharraigh, far an do dh'ionnsaich e Gàidhlig na sgìre agus a rinn e sgrùdadh air croitearachd an eilein. B' ann an seo a thòisich an obair aige a mhair fad a bheatha, 's e a' clàradh, a' rannsachadh agus a' brosnachadh cànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig. Thachair e cuideachd air Mairead Fay Sheathach, ban-Ameireaganach à Pennsylvania, a bha a' fuireach ann an Uibhist a Deas anns an àm agus a bha a' cruinneachadh òrain agus a' togail dhealbhan de bheatha agus cleachdaidhean ionadail. Phòs iad, agus a bharrachd air a bhith nan càraid, bha am pòsadh na chom-pàirteachas cruthachail aig an ìre as àirde – bha Mairead cianail fhèin ceòlmhor agus bha Iain mion-eòlach air litreachas.
Bha an Caimbeulach sa chiad àite a' sgrìobhadh nan òran a chuala e ann am Barraigh air pàipear, ach bha e mothachail nach robh an dòigh seo èifeachdach. Thòisich e mar sin a' cleachdadh an Ediphone Wax Cylinder Recorder, agus an uair sin am Presto Disc Recorder, an Webster Wire Recorder, agus mu dheireadh an teip. 'S e rud gu tur ùr a bh' ann a bhith a' cleachdadh teicneòlas gus beul-aithris na Gàidhlig a chlàradh, agus bha cuid a luchd-acadaimigeach a' cur teagamh anns an dòigh seo agus iad – ann am beachd a' Chaimbeulaich – a' creidsinn gun robh muinntir na 19mh linn air gach nì a b' fhiach a chruinneachadh mar-thà.
Cheannaich an Caimbeulach agus a' bhan-Sheathach Eilean Chanaigh faisg air deireadh nan 1930an agus rinn iad an dachaigh an sin, 's iad a' fuireach ann an Taigh Chanaigh agus ag obair air an oighreachd. A rèir Uilleim Ghilios, bha Taigh Chanaigh, fo stiùir Iain Latharna agus Mairead, na ionad airson sgoilearachd, sgrùdadh saidheansail, ceòl, aoigheachd, agus stiùireadh coimhearsnachd fad còrr 's leth-cheud bliadhna. Chaidh an t-eilean a thoirt gu Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1981 agus 's ann aig an Urras a tha e gus an latha an-diugh. Nuair a dh'eug Iain Latharna Caimbeul ann an 1996 agus Mairead Fay Sheathach ann an 2004, chaidh na stuthan a chruinnich iad fad am beatha a thoirt dhan Urras cuideachd agus tha iad a-nis mar phàirt de Chruinneachadh Chanaigh, anns a bheil beairteas de dhealbhan, sgrìobhainnean rannsachaidh, filmichean, agus clàraidhean. Tha na dearbh chlàraidhean seo rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
Anns an àm a tha seo ga sgrìobhadh, ann an 2021, 's e na clàraidhean a thog Iain Latharna Caimbeul na clàraidhean as sine air làrach-lìn Tobar an Dualchais, agus e air Anna Raghnaill Eachainn (1875-1949) às a' Ghleann ann am Barraigh a chlàradh anns an Iuchar 1937. Tha cha mhòr 2,000 clàradh a thog e ri chluinntinn air an làraich-lìn, agus thogadh an dàrna cuid dhiubh sin ann an Uibhist a Deas, mu chairteal dhiubh ann am Barraigh, agus mòran ann am Beinn na Fadhla agus Uibhist a Tuath. Tha grunn chlàraidhean cuideachd anns a' chruinneachadh a chaidh a thogail ann an Ceap Breatainn, Canada, far an robh an Caimbeulach ri obair clàraidh ann an 1937 – a' chiad neach a rinn clàraidhean le teicneòlas ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Chanèidianach.
Am measg nan daoine as ainmeile a chlàraich Fear Chanaigh, tha: Anna Aonghais Chaluim (1890-1863) às a' Ghleann, Barraigh; Ruairidh Iain Bhàin (1858-1944) à Bruthairnis, Barraigh; Aonghas Beag mac Aonghais 'ic Eachainn (1869-1966) à Loch Aoineart, Uibhist a Deas; Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire (1872-1964) à Gleann na Maiseadh, Ceap Breatainn; agus Iain Mac a' Phearsain, an Coddy (1876-1955) à Bàgh a Tuath, Barraigh.
Tùsan agus Barrachd Leughaidh
Cheape, Hugh, 'Cuir Siud sa' Ghàidhlig: Toradh na h-Obrach aig Fear Chanaigh' ann an The Carrying Stream Flows on: Celebrating the Diamond Jubilee of the School of Scottish Studies, deasaichte le Bob Chalmers (Isle of Lewis: The Islands Book Trust, 2013), td. 95-117
———, 'Obituary: John Lorne Campbell', The Independent, 02 Cèitean 1996, https://www.independent.co.uk/news/obituaries/obituary-john-lorne-campbell-1345284.html [air fhaotainn 16 Samhain 2020]
———, John Lorne Campbell and Margaret Fay Shaw: 20th century pioneers in collecting the oral tradition of Scotland, Celtic & Scottish Studies Seminar Series, University of Edinburgh, Dihaoine 13 Samhain 2020
Gillies, William, 'Obituary: John Lorne Campbell', Royal Society of Edinburgh (Fellows / Past Fellows) https://www.rse.org.uk/wp-content/uploads/2017/11/campbell_john.pdf [air fhaotainn 16 Samhain 2020]
MacLellan, Angus, Stories From South Uist, deasaichte le Iain Latharna Caimbeul (Edinburgh: Birlinn, 1997)
Shaw, John, 'Obituary: John Lorne Campbell (Fear Chanaidh) 1906-1996', ann an Folk Music Journal vol. 7, no. 4 (1998)