Search
Boireannach a chaidh a-steach do shìthean

Boireannach a chaidh a-steach do shìthean

Leasan 14 (le bhideo)

An Sgeulachd

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37055

1. Tar-sgrìobhadh (pdf)

2. Sgriobt (pdf)

3. Obair (pdf)

Gnìomhan do Sgoilearan

a. Ceistean

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Dòmhnall MacDhòmhnaill à Beinn na Fadhla ag innse naidheachd do Chalum MacIllEathain (Sgoil Eòlais na h-Alba).

*Mus tòisich thu air èisteachd ris, leugh am fiosrachadh mun fhacal ‘fallaid’ anns an roinn ‘Briathrachas’ airson barrachd tuigse a bhith agad.

  1. Dè tha Dòmhnall ag ràdh mu na sìthichean san latha an-diugh?
  2. Dè rinn am boireannach aon latha?
  3. Dè tha ann an sìthean?
  4. Carson a ghabh am boireannach ris an fhiathachadh a dhol a-steach dhan t-sìthean?
  5. Ciamar a gheibheadh i às an t-sìthean, a rèir nan sìthichean?
  6. Dè nach robh a’ tachairt leis a’ mhin anns a’ chiste?
  7. Dè dh’fheumadh i a dhèanamh leis an fhallaid?
  8. Carson a bha an seann sìthiche ga fhàgail san t-sìthean?
  9. Dè am moladh a thug e dhan bhoireannach?
  10. Dè thuirt i ri ceannard an t-sìthein nuair a theirig a’ mhin?
  11. Dè thuirt an ceannard ris a’ bhodach?
  12. Dè bha air tachairt anns an ùine a bha i air falbh on dachaigh?

b. Ealain

Nan rachadh tu fhèin a-steach gu sìthean airson ùine mhòr, cò ris a bhiodh an saoghal coltach nuair a gheibheadh tu às?

Sgrìobh sgeulachd ghoirid (mu 600-800 facail) mun t-suidheachadh seo.

Stuthan Taic

a. Briathrachas

fallaid, an fhallaid – ’S e a’ mhin thioram a tha air fhàgail às dèidh do dh’aran fhuine a th’ anns an fhallaid. Anns na h-Eileanan Siar, dhèanadh iad bonnach leis an fhallaid agus bha seo air fhuine aig an aon àm ris an aran. Bha daoine a’ creidsinn gum biodh seo a’ ciallachadh nach biodh an stòras de mhin a’ crìonadh. Cha bhiodh bean fhaiceallach a’ cur na fallaid air ais dhan ghàirneal (ciste na mine) idir. Tha an sgeulachd seo ag obair mar sheòrsa de rabhadh airson an t-saobh-chràbhaidh sin. Tha barrachd fios ann am faclair Dwelly: https://www.faclair.com/ViewDictionaryEntry.aspx?ID=F72D836002D1840BC505B3A5592588E2

air a chantail – air a ràdh

chan fhiosraich dhomh – chan eil mi eòlach air

às dèidh a’ chruidh – ‘crodh’ anns an tuiseal ghinideach

thàinig i an rathad aige – thachair i ris

fiathachadh – cuireadh

a’ fuine – a’ bèicearachd

min – an stuth a bhios ga chleachdadh airson aran is eile a dhèanamh; flùr

theann i air fuine – thòisich i air fuine

a’ dol an lughad – a’ fàs nas lugha

theirig na bh’ innte a mhin – chaidh a’ mhin a chleachdadh air fad

ceann m’ aimsir, ceann do thìm-sa – tha aimsir ga chleachdadh an seo airson tìde seach sìde. ’S e tìm facal eile airson tìde cuideachd.

b. Geàrr-chunntas

Boireannach a chaidh a-steach do shìthean agus nach fhaigheadh a-mach gus an cuireadh i crìoch air a’ chiste-mhine.

Dh’fhàg boireannach a’ chlann bheaga a-staigh fhad ’s a chaidh i a shealltainn air a’ chrodh. Dh’fhàs i dorcha agus air a rathad dhachaigh thachair i air sìthean. Fhuair i fiathachadh a dhol a-steach, ach an làrna-mhàireach bha duilgheadas aice faighinn a-mach. Airson faighinn a-mach, dh’fheumadh i aran fhuine gus an cuireadh i crìoch air na bha de mhin anns a’ chiste. Ged a bha i a’ fuine ’s a’ fuine cha robh a’ mhin a’ teireachdainn. Dh’inns fear dhe na seann sìthichean dhi ciamar a thigeadh aice air seo a dhèanamh. Fhuair i a-mach agus chaidh i dhachaigh, ach nuair a ràinig i an taigh bha cuid dhen chloinn nan athraichean, agus ’s dòcha nan seanairean, ach bha i fhèin a cheart cho òg ’s a bha i nuair a chaidh i a-steach don t-sìthean.

c. An Sìthean

’S e àite-fuirich nan sìthichean a bh’ anns an t-sìthean. Gu math tric, bhiodh cnocanan beaga cruinn gan ainmeachadh mar shìthean. Uaireannan, ’s e fìor sheann làrach-adhlacaidh a bhiodh annta, agus bhon uair sin bha e air a thighinn a-nuas ann am beul-aithris mar àite anns am biodh na sìthichean a’ fuireach. Ge b’ e dè seòrsa cnuic a bh’ ann, ’s e àite cunnartach a bh’ anns an t-sìthean airson mac-an-duine. Tha iomadh sgeulachd ann mu dheidhinn daoine a chaidh a-steach do shìthean agus nuair a fhuair iad ma sgaoil mu dheireadh thall, bha tìm san t-saoghal fhèin an dèidh a dhol seachad fada na bu luaithe (mar a thachair dhan bhoireannach san sgeulachd seo).

Gheibhear Sìthean ann an ainmean àite air feadh na Gàidhealtachd, agus eadhon ann an Alba Nuadh. ’S e an Sìthean a th’ aig muinntir na Gàidhlig air baile Inbhir Nis ann an Ceap Breatainn.

Sròn an t-Sìthein – baile ann an Earra-Ghàidheal

An Sìthean Mòr – cnoc faisg air Mòrar

Sìthean a Tuath agus Sìthean a Deas – dà bhaile bheag air gach taobh de Loch Creurain anns an Apainn

An Sìthean – coimhearsnachd agus sgìre ann an Ceap Breatainn air a bheil ‘Inbhir Nis’ anns a’ Bheurla

Cnoc an t-Sìthein – tha seo ri lorg ann an iomadh àite, Tiriodh, Cataibh, Loch Aillse agus Ceap Breatainn nam measg Sìdh Chailleann – Sìthean nan Cailleanach, beinn mhòr ann an Ceann a Tuath Shiorrachd Pheairt

Gleann Sìth – ann an Siorrachd Pheairt

Fiosrachadh Eile

a. Am Fiosraiche

Dòmhnall MacDhòmhnaill (Dòmhnall Ruairidh Dhuibh). Rugadh ann an 1910 agus thogadh e ann am Beinn na Fadhla. Bha e ag obair aig muir.

b. Ceanglaichean

Boireannach a’ fuine ann an sìthean.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/43665

Aonghas MacIllFhialain; Mòr Chaimbeul.

Nuair a chaidh boireannach à Uibhist a Deas a thoirt a-steach dha sìthean, chaidh iarraidh oirre na bha sa chiste-mhine fhuine. Cha robh a’ mhin a’ cosg gus an do dh’iarr seann sìthiche oirre sgur a chur air ais na fallaid dhan chiste. Ghabh i a chomhairle, dh’fhalamhaich a’ chiste, agus fhuair i a-mach.

Tè a bha a’ fuine dha na sìthichean, agus mar a fhuair i dhachaigh.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/47295

Flòraidh NicCumhais.

Bha boireannach air a cumail ann an sìthean. Thuirt iad rithe gum faigheadh i dhachaigh an dèidh dhi a’ mhin a bh’ anns a’ chiste fhuine. Ach cha robh crìoch a’ tighinn air a’ mhin idir, a dh’aindeoin na dh’fhuineadh i. Thuirt sìthiche rithe nan cuireadh i an fhallaid air ais dhan chiste, chaitheadh i a’ mhin agus gheibheadh i dhachaigh.

Boireannach ann an sìthean.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/88865

Pàdruig Moireasdan.

Thugadh boireannach dhan t-sìthean ann an Creag Hàstain an Uibhist a Tuath. Dh’fheumadh i tòiseachadh air fuine. Bha aice ri ciste na mine fhalamhachadh air neo chan fhaigheadh i air falbh. Chaidh iarraidh oirre an fhallaid a thilleadh dhan chiste. Cha do dh’fhalamhaich ciste na mine. Dh’inns sìthiche sean dhan bhoireannach gum bu chòir dhi an fhallaid fhuine a chur còmhla ris a’ chòrr. [Tha seo eadar-dhealaichte on sgeul àbhaisteach anns a bheilear ag iarraidh air a’ bhoireannach an fhallaid a thilleadh dhan chiste.] Rinn am boireannach mar a thuirt e agus chosg i a’ mhin air fad, agus fhuair i air falbh, ach cha robh na sìthichean toilichte gun d’ fhuair i cuideachadh. Tha cliù aig sliochd a’ bhoireannaich mar dheagh luchd-obrach.

Freagairtean

Tidsearan: cuiribh post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk gus lethbhreac de na freagairtean airson nan leasanan air fad fhaighinn.

Fios mu na Clàraidhean air Fad

Liosta de na clàraidhean air fad (pdf)