Eisimpleir de mhanadh san Sgarp
Leasan 1
Gnìomhan do Sgoilearan
a. Ceistean
Tha an t-Urramach Calum MacIllEathain às an Sgarp ag innse mu dheidhinn mhanaidhean (no manainean mar a chanas Calum fhèin), comharraidhean òs-nàdarra a bhiodh cuid a dhaoine a’ faicinn no a’ cluinntinn mum biodh bàs ann.
Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin:
1. Carson a dh’fhuirich sinn-seanair Chaluim anns an Sgarp?
2. Dè seòrsa duine a bh’ anns a’ mhiseanaraidh Iain Dòmhnallach/Seonaidh Shòaigh?
3. Dè a’ cheist a chuir Calum air a’ mhiseanaraidh mu mhanaidhean?
4. Dè bhiodh a’ cumail Sheonaidh Shòaigh o chadal an oidhche mus do bhàsaich sinn-seanmhair Chaluim?
5. Dè bhiodh Dòmhnall Shòaigh a’ dèanamh nuair a bhiodh e a’ dùsgadh feadh na h-oidhche agus e a’ cluinntinn nam manaidhean
6. Dè an dearbhadh a bha aig Seonaidh Shòaigh gun robh am manadh fìor nuair a bha tòrradh sinn-seanmhair Chaluim ann?
7. Ainmich an rud a bhiodh iad a’ cluinntinn air cùl an taighe. Carson a bhiodh seo na mhanadh air a’ bhàs?
b. Ealain
Bha an dà-shealladh bitheanta air a’ Ghàidhealtachd, agus manaidhean gam faicinn mar chomharra gun robh cuideigin a’ dol a bhàsachadh. Glè thric, bhiodh iad a’ nochdadh mar sholas, ach aig amannan eile bhiodh fuaim ri chluinntinn no ìomhaigh ri faicinn.
- Èist ris an òran ‘Cnoc na Fèille’ le Runrig, mu dheidhinn solais a nochd ann an Uibhist a Tuath.
- Dèan rannsachadh air sgeulachd eile anns a bheil manadh no an dà-shealladh. Sgrìobh geàrr-chunntas air na thachair agus inns seo dhan chlas.
Stuthan Taic
a. Briathrachas
Blàr Waterloo (1815) – am blàr mu dheireadh de na cogaidhean an aghaidh Napoleon tràth san naoidheamh linn deug. Shabaid na ceudan de Ghàidheil ann.
bìdeag fearainn – pìos beag fearainn
miseanaraidh – neach a bhiodh a’ sgaoileadh Crìosdaidheachd ann an coimhearsnachdan iomallach
seanchaidh – neach a dh’innseas sgeulachdan
seanchas (iomarra: seanchasan)– sgeulachdan, eachdraidh, còmhradh
mun do shiubhail – mus do bhàsaich, mus do dh’eug, mus do chaochail
diadhaidh – gu math creidmheach, cràbhach
an tòrradh – an tiodhlacadh
plangannan – pìosan fada, tana de dh’fhiodh
sgaitse – seòrsa de sheada, far am biodh daoine a’ sàbhadh fiodh
b. Geàrr-chunntas
Mus do bhàsaich sinn-seanmhair Chaluim, bhiodh muinntir an taighe air an cumail nan dùisg tron oidhche le brag nan soithichean san dreasair, agus daoine a’ dol a-mach ’s a-steach. Bhathar cuideachd a’ cluinntinn brag nan dèilean agus sàbhadh air cùl an taighe.
Fiosrachadh Eile
a. Am Fiosraiche
Rugadh agus thogadh an t-Urramach Calum MacIllEathain (1896-1961) anns an Sgarp, na Hearadh.
b. Ceanglaichean
Manadh air bàs: caoineadh
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/2621/
An t-Urramach Calum MacIllEathain
Bha athair agus bràthair-athar Chaluim MhicIllEathain, agus dithis eile, ag iasgach ann an Loch Tamnabhaigh nuair a chuala iad duine a’ caoineadh a-staigh ris a’ chladach. Cha robh sgeul air duine sam bith. An ath bhliadhna bha iasgairean ag iasgach san loch, agus chuir iad cus iasg air bòrd. Air sgàth seo, chaidh an t-eathar fodha, agus bhàthadh an sgioba. Fhuaras corp a h-uile duine ach aon. Bha athair an fhir seo a’ caoineadh anns an dearbh àite far an cuala an fheadhainn eile an caoineadh an samhradh roimhe seo.