Lèine Duine Sona
Leasan 19 (le bhideo)
Gnìomhan do Sgoilearan
a. Ceistean
Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Dòmhnall MacIllEathain à Griomasaigh ag innse naidheachd do Dhòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (Sgoil Eòlais na h-Alba).
- Cò às a thàinig an sgeulachd seo?
- Ann am beachd an duine àraid, dè bha a’ fàgail Mac ’Ille Phàdraig bochd?
- Dè an leigheas a bha aige do Mhac ’Ille Phàdraig?
- Carson nach robh an rìgh sona?
- Dè an t-adhbhar gearain a bha aig an dorsair?
- Bha iad dìreach gus an gnothach a chur bhuapa nuair a chuala iad mu dhuine nach biodh uair sam bith a’ gearan. Càit an robh e a’ fuireach?
- Dè bha a h-uile duine a’ dèanamh aig taigh an duine shona nuair a ràinig iad? a. an duine sona fhèin agus an dithis bhalach a bha còmhla ris b. na nigheanan c. an dithis bhalach eile
- Dè thuirt an duine sona: a. mun taigh aige? b. mun bhean aige?
- Carson nach do dh’inns iad dhan duine shona mun lèine?
- Dè dh’inns an duine sona do Mhac ’Ille Phàdraig nuair a dh’iarr e air iomlaid lèintean a dhèanamh?
- Ciamar a fhuair Dòmhnall MacIllEathain an sgeulachd seo?
b. Ealain
Sgrìobh pìos pearsanta mu dheidhinn àite no àm anns an robh thu a’ smaoineachadh gun robh thu garbh fhèin sona. Carson a bha seo? Cò eile a bha an sàs ann? A bheil thu ag ionndrainn sin, air neo a bheil buaidh aige ort fhathast?
Stuthan Taic
a. Briathrachas
air thuar – an ìmpis
a’ dol am feabhas – a’ fàs nas fheàrr
cuir rid dhruim i (an lèine) – cur ort an lèine
cnead – fuaim ghearanach a nì duine air sgàth pian; osna
[tha mi] cho sona ris an rìgh – abairt a tha a’ ciallachadh gu bheil thu air leth sona
seasgair – blàth is tioram bha a smùdan fhèin an ceann gach fòd – seanfhacal a tha a’ ciallachadh gu bheil sgeulachd dhuilich aig gach duine beò ge bith cò iad
a’ cruachadh mhònadh – a’ togail cruach-mhònadh faochag – maorach a bhios beò air a’ chladach toradh na mara – iasg agus stuth on mhuir
èis – feum, èiginn
o thìochdais – abairt coltach ri a shìorraidh
leth na truaighe – abairt eile coltach ri o thìochdais
b. Geàrr-chunntas
Cha ghabhadh duine a bha tinn leigheas gun lèine duine a bha sona a chur air nuair a bha i fhathast blàth bho dhruim an duine shona. Chaidh iad a lorg duine sona, a’ tòiseachadh leis an rìgh. Ge-tà, b’ e duine bochd le teaghlach mòr ann an taigh beag an aon duine a fhuair iad a bha sona.
c. Sonas
Tha an sgeulachd seo a’ toirt dhuinn teachdaireachd mu bhith sona. A bheil thu ag aontachadh leis an duine shona? Dè na rudan a dh’fheumas duine airson a bhith sona? Dè na faclan seo a bhios tu fhèin a’ cleachdadh a tha a’ ciallachadh sonas no a bhith sona? A bheil feadhainn eile ann as aithne dhut?
Ainmearan sunnd àigh subhachas aighear aoibhneas toileachas sunndachd sùg gàirdeachas gean
Buadhairean saorsnail toilichte aobhach subhach àghmhor sunndach nèarach dòigheil aighearach cridheil
Fiosrachadh Eile
a. Am Fiosraiche
Dòmhnall MacIllEathain, Dòmhnall Sheonaidh Bhàin. Rugadh e ann an 1902 agus thogadh e ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath. Tha grunn mhath chlàran aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
b. Ceanglaichean
Seo cuid de na sgeulachdan eile aig Dòmhnall MacIllEathain:
Sgeulachd mu Fhear Ghrìminis agus mar a fhuair e air nighean Fear Bhaile nan Cailleach a phòsadh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/95795
Mar a thuig Mac ’Ille Phàdraig gur e a mhì-thoileachadh fhèin a bha ga fhàgail tinn.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/62055
An aon sgeulachd ann an cruth eile. Bha Mac ’Ille Phàdraig tinn agus cha b’ urrainn do dhuine a leigheas. Thug fear comhairle dha lèine duine sona a bha fhathast blàth bho dhruim a chur air agus gum biodh e na b’ fheàrr. Chaidh dithis a lorg duine sona, agus an dèidh a bhith aig an rìgh, an dorsair agus an comhairliche aige, fhuair iad a-mach nach robh duine aca sona. Mu dheireadh, lorg iad duine le teaghlach mòr ann an taigh beag a bha sona. Thug iad e chun an duine bha tinn agus, nuair a thuirt iad ris an lèine aige thoirt do Mhac ’Ille Phàdraig, thuirt e nach robh lèine air bhon a phòs e. Thuig Mac ’Ille Phàdraig an uair sin gur e a mhì-thoileachadh fhèin a bha ga fhàgail tinn.
Fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/62058
Bha fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh agus thuirt fear ris sgrath a chur air toll anns a’ bhàthaich. Nuair a chaidh e chun na bàthcha chunnaic e bàta. Chaidh e innte agus thug am bàta e gu Èirinn agus air ais. Bha sgeulachd mu na thachair aige nuair a thill e.
Sgeulachd mu theaghlach bochd.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/63301
Sgeulachd mu theaghlach bochd a dh’fhàg an gille a b’ òige air a’ mhòintich airson bàsachadh. Shàbhail an cù aige e agus thog a sheanmhair e.