Mac ’ic Ailein agus nighean Mhic a’ Phì Cholbhasaigh
Leasan 9
Gnìomhan do Sgoilearan
a. Ceistean
Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh mac Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh (1882-1954), à Uibhist a Deas, ag innse naidheachd do dh’Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, mu dheidhinn euchd a rinn Mac ’ic Ailein.
- Dè dh’fheumadh duine a dhèanamh nan robh e airson nighean Mhic a’ Phì a phòsadh?
- Cò às a thàinig iomadh fear airson an geall a ghlèidheadh?
- Dè seòrsa eich a thagh Mac ’ic Ailein?
- Dè rinn Mac ’ic Ailein nuair a shaoil e gun robh e deiseil airson an gnothach a dhèanamh?
- Dè thachair nuair a nochd Mac ’ic Ailein agus an t-each aige an toiseach?
- Dè an tiotal a thug cuideigin san luchd-amhairc air Mac ’ic Ailein, agus dè tha seo ag innse dhuinn mu nàdar Mhic ’ic Ailein?
- Ciamar a bha Mac a’ Phì a’ faireachdainn nuair a chunnaic e gun robh Mac ’ic Ailein air an geall a ghlèidheadh?
- Ged a ghlèidh Mac ’ic Ailein an geall, dè thachair air a’ cheann thall?
b. Rannsachadh is Ealain
Dèan beagan rannsachaidh air Colbhasa agus Orasa. Dèan postair mu dheidhinn.
- Càit a bheil an dà eilean seo? Cleachd mapa.
- Cia mheud duine a tha a’ fuireach ann?
- Cia mheud duine aig a bheil a’ Ghàidhlig ann?
- Dè na h-àiteachan as cudromaiche san eilean (bailtean, tràighean, cnuic).
- Dè na rudan eachdraidheil a tha rim faicinn anns an eilean?
- Dè na gnìomhachasan as motha a th’ anns an eilean?
- Ciamar a gheibhear dha na h-eileanan?
Stuthan Taic
a. Briathrachas
duine-uasal – morair, uachdaran, tighearna, duine a bhuineas do theaghlach cudromach
bha e a’ fàilleachdainn orra – cha b’ urrainn dhaibh an gnothach a dhèanamh
miontraigeadh – feuchainn, dèanamh oidhirp
oighreachd (iomarra: oighreachdan) – pìos mòr fearainn, le aon neach
spioradail – san t-seagh seo, làn spionnaidh
theann e ri – thòisich e ri
taod-gaoisid – srian dèanta le falt eich
crudha (iomarra: cruidhean) – pìos iarainn a chuirear air casan eich
dìollaid – suidheachan air baidhsagal no each
dh’fhalbh e a ghleidheadh a’ ghill – dh’fhalbh e airson an geall a bhuannachadh air chaochladh beachd – aig an robh beachd eadar-dhealaichte
gealtair – cuideigin nach eil calma no gaisgeil, a theicheas bho chunnart cachaleith – geata ann an gàrradh no feansa spor – brosnachadh fuathasach – uabhasach diombach – mì-thoilichte thug e aghaidh do – thog e gearan, cheasnaich e tàmailt – nàire, maslachadh
b. Geàrr-chunntas
Bha nighean bhrèagha aig Mac a’ Phì Cholbhasaigh, agus cha leigeadh e le duine sam bith a pòsadh ach am fear a leumadh tarsainn air a’ gheata aige le each. ’S e Mac ’ic Ailein a rinn a’ chùis air a’ cheann thall, ach cha do ghabh e an nighean.
c. Fiosrachadh air Mac a’ Phì Cholbhasaigh
’S e caractar ann an iomadh sgeulachd a th’ ann am Mac a’ Phì Cholbhasaigh (no Colbhasa mar a their muinntir an eilein fhèin). ’S ann ann an Colbhasa a bha Clann Mhic a’ Phì stèidhichte. ’S e litreachadh nuadh a tha ann am Mac a’ Phì, agus an t-ainm a’ tighinn bho thùs o MacDhuibhshìthe. Tha an cinneadh seo air a bhith gun cheann-cinnidh on t-seachdamh linn deug. Chaidh an ceann-cinnidh mu dheireadh a mharbhadh le Colla Ciotach MacDhòmhnaill ann an Eilean nan Ròn, an iar-dheas air Orasa, ann an 1623. Chan eil e soilleir an e duine a bh’ ann am Mac a’ Phì Cholbhasa a bha beò aig àm sònraichte ann an eachdraidh, no an e caractar a bh’ ann a chaidh a chruthachadh à ùr-sgeulan mu dhiofar dhaoine.
Fiosrachadh Eile
a. Am Fiosraiche
Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh mac Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh (1882-1954). Rugadh e ann an Snaoiseabhal, Uibhist a Deas, agus chaidh a thogail ann am Peighinn nan Aoireann. B’ e clachair a bh’ ann.
b. Ceanglaichean
Tha Mac a’ Phì Cholbhasa a’ nochdadh ann an iomadh sgeulachd:
Mac ’ic Ailein agus Mac a’ Phì Cholbhasa.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37142
An aon sgeulachd le Ailean Currie.
Gheall Mac a’ Phì Cholbhasa gum faodadh duine sam bith a b’ urrainn an gàrradh aige a leum le each an nigheanaige a phòsadh. Cha b’ urrainn do dhuine seo a dhèanamh. Chuala Mac ’ic Ailein mu dheidhinn. Fhuair e each ann an Uibhist agus chuir e cruidhean airgid air. Chaidh e a Cholbhasa. Leum an t-each aige tarsaing air a’ ghàrradh gun strì. Cha leigeadh Mac a’ Phì le Mac ’ic Ailein an nighean a phòsadh airson gun robh e fhèin agus an t-each a’ coimhead cho robach. Cha robh Mac ’ic Ailein airson an nighean a phòsadh. ’S ann a bha e airson dearbhadh gun rachadh aige air an gàrradh a leum leis an each.
Mac a’ Phì Cholbhasa agus Cailleach Mhòr Dhaimhsteir.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/28332
le Sandy Buie, Diùra.
Naidheachd mu bhuidseach a bha airson Mac a’ Phì Cholbhasa a phòsadh. Bha i a’ cumail a’ bhàta aige le snàithlean, ach thàrr e às an dèidh dha an snàithlean a ghearradh. Iomradh air Sgrìob na Caillich. Tha am fiosraiche dhen bheachd gur e Cailleach Mhòr Dhaimhsteir a bha innte. Bha i uabhasach làidir, ach chaidh a marbhadh le fear de Chlann ’IlleBhuidhe.
An cù dubh aig Mac a’ Phì Cholbhasa.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/57178
le Dolly Ann NicDhùghaill, Colbhasa.
Bha cù dubh aig Mac a’ Phì a bha tur gun fheum, ach thuirt boireannach: “Thig latha a’ choin duibh fhathast.” Tha am fiosraiche den bheachd gur e seo an cù a bha a’ geàrd Mhic a’ Phì ’s e a’ falach san uaimh bho nàimhdean de Chlann ’IllEathain.
Clann ’Illeathain a’ toirt dìoghaltas air Mac a’ Phì Cholbhasa agus ga chur gu bàs ann an uamh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/7575
le Dolly Ann NicDhùghaill, Colbhasa.
Bha Clann ’IllEathain daonnan a’ toirt ionnsaigh air Colbhasa. Theich Mac a’ Phì le gille agus cù dubh ach thug iad droch ghiollachd air a’ bhean aige. Thuirt e ris a’ ghille gum b’ fheàrr dha tilleadh airson a cuideachadh. Thuirt an gille gun tilleadh ach nach rachadh gnothaichean gu math do Mhac a’ Phì nam fàgadh e e. Chaidh Mac a’ Phì agus an cù dubh aige am falach ann an uamh aig a’ chladach. Bha e fhèin aig aon cheann den uaimh agus an cù dubh aig a’ cheann eile airson Clann ’IllEathain a chumail a-muigh, ach rinn iadsan toll am mullach na h-uamha agus fhuair iad Mac a’ Phì is chuir iad gu bàs e. Theich am buidealair a bha còmhla ris agus shnàmh e a-mach sa mhuir. Chuir iad saighead na dhruim ach chùm e air agus fhuair e teicheadh gu Diùra.