Search
Mionachan Beag agus Mionachan Mòr

Mionachan Beag agus Mionachan Mòr

Leasan 17

An Sgeulachd

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/44230

1. Tar-sgrìobhadh

2. Obair

Gnìomhan do Sgoilearan

a. Ceistean

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Eòghann MacFhionghain à Eige ag innse sgeulachd do Dhòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (Sgoil Eòlais na h-Alba).

1. Dè bha Mionachan Beag agus Mionachan Mòr a’ buain sa choille?

2. Carson a bha Mionachan Mòr ag iarraidh slat a ghearradh?

3. Dh’iarr an t-slat air Mionachan Mòr tuagh fhaighinn an toiseach. Chuir seo e air turas fada, air tòir diofar rudan. Tha dusan rud uile-gu-lèir anns an t-sreath. Sgrìobh iad san òrdugh cheart:-

a. Slat b. Tuagh

c.

d.

e.

f. Gadhar

g.

h.

i.

j.

k.

l. Sop bhon ghille

4. Dè bha air tachairt do Mhionachan Beag nuair a thill Mionachan Mòr?

b. Ealain

Dèan dealbh-chluich bheag sa chlas le gach duine ann an riochd fear de na rudan a tha Mionachan Mòr an tòir air. Dèan clàradh dheth.

No:

Dèan comaig a bhios a’ sealltainn mar a thachair do Mhionachan Mòr agus Mionachan Beag. Cleachd dathan agus uaim!

Stuthan Taic

a. Briathrachas

a’ buain – a’ gearradh no a’ spìonadh bàrr, measan agus mar sin air adhart.

a’ stràcadh – a’ bualadh tuagh – uidheam airson fiodh a sgoltadh a bheileas (bhon fhacal beil) – a’ bleith; a’ pronnadh gràn gus min a dhèanamh clach-mheuraidh – clach airson bleith

gadhar – cù mòr seilge

sop – sràbh, fodar

b. Geàrr-chunntas

Chaidh Mionachan Beag ’s Mionachan Mòr a bhuain chnothan. Mar a bhuaineadh Mionachan Mòr, dh’itheadh Mionachan Beag. Chaidh Mionachan Mòr a dh’iarraidh slat airson Mionachan Beag a bhualadh gus nach itheadh e ach beagan chnothan. Thuirt an t-slat: “Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi.” Bha an tuagh ag iarraidh clach a bheileadh e agus mar sin air adhart, gus an d’ fhuair Mionachan Mòr: sopan dhan mhart, deuran dhan chat, cat a ruitheas luch, luch a sgrìobas ìm, ìm a chasas gadhar, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, agus slat a ghabhas air Mionachan Beag mun ith e ach beagan chnothan.

Nuair a thill e, bha Mionachan Beag air spreidheadh leis na dh’ith e dhe na cnothan.

c. Sgeulachd Mhòr nan Gàidheal

Aig aon àm, bhiodh a h-uile pàiste le Gàidhlig eòlach air an sgeulachd seo. A rèir Iain Fhrangain Chaimbeil (Iain Òg Ìle), a chuir ri chèile an cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta Gàidhlig, air an tionndadh gu Beurla, Popular Tales of the West Highlands: “Bhiodh e air a theagasg sa chumantas do chloinn còig no sia bliadhna a dh’aois.” Ann an tionndaidhean eile den sgeulachd, ’s e Biorachan a tha air an dithis. Bidh muinntir na Beurla Ghallta a’ fàgail Tappietourie orra – càrnan beag cruinn. Uaireannan, tha ainmean diofraichte orra, ach bidh iad an-còmhnaidh a’ tòiseachadh leis an aon litir. Gheibhear iad ann an Èirinn agus anns na coimhearsnachdan Gàidhealach ann an Alba Nuadh agus san Talamh Ùr.

Fiosrachadh Eile

a. Am Fiosraiche

Eòghann MacFhionghain. Rugadh agus thogadh e ann an Clèadail, Eige. B’ e croitear a bh’ ann. Tha iomadh clàr aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Dh’eug e ann an 1972.

b. Ceanglaichean

Tha an sgeulachd seo a’ nochdadh ann an iomadh cruth fo thiotal eile cuideachd, Biorachan Beag agus Biorachan Mòr:-

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/43062

Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a’ buain chnothan, air innse le Peigi Dhòmhnallach à Uibhist a Deas.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/36041

Biorachan Beag agus Biorachan Mòr, air innse leis a’ Bh-ph. Chaimbeul. Chaidh a clàradh faisg air Taigh an Uillt, ann an Earra-Ghàidheal, ann an 1958.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/55259

Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a’ cruinneachadh chnothan. Air innse le Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh.

Gheibhear tionndadh do chloinn na bun-sgoile an seo aig Gaelic4Parents

https://soundcloud.com/gaelic4parents/biorachan-beag-agus-biorachan

Chaidh an leabhar Biorachan Beag agus Biorachan Mòr fhoillseachadh le Fèisean nan Gàidheal ann an 2004, air a sgrìobhadh le Douglas Beck (ISBN-13: 9780952868729).

Freagairtean

Tidsearan: cuiribh post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk gus lethbhreac de na freagairtean airson nan leasanan air fad fhaighinn.

Fios mu na Clàraidhean air Fad

Liosta de na clàraidhean air fad (pdf)