Cailleach Beinn a’ Bhric
Clàr 7
Dreach A- Bun-sgoil a’ Phluic (2019)
Dreach B- Mairead Ros (1953)
Faclan an Òrain
Cailleach Beinn a’ Bhric horò
Bhric horò, bhric horò
Cailleach Beinn a’ Bhric horò
Cailleach mhòr nam fuar-bheann àrd
Shiùbhladh i bho ghleann gu gleann
Bho ghleann gu gleann, bho ghleann gu gleann
Shiùbhladh i bho ghleann gu gleann
Dh’fheuchainn cò an gleann a b’ fheàrr
Cailleach Beinn a’ Bhric horò
Bhric horò, bhric horò
Cailleach Beinn a’ Bhric horò
Cailleach mhòr nam fuar-bheann àrd
B’ annsa leam a’ bhiolair-uain’
A’ bhiolair-uain, a’ bhiolair-uain’
B’ annsa leam a’ bhiolair-uain’
Bhiodh air bruach nam fuaran àrd
Cailleach Beinn a’ Bhric horò
Bhric horò, bhric horò
Cailleach Beinn a’ Bhric horò
Cailleach mhòr nam fuar-bheann àrd
Tha na faclan sgrìobhte bho chlàradh 7391.
PDF le faclan nan òran air fad.
- Èist ris an ath òran.
- Èist ris an òran mu dheireadh.
- Thèid air ais chun a phrìomh liosta.