Search

B2 - 11 - Politics | Poilitigs

Transcription Video

Transcription:

Anna MacLeod: Uill, tha sinn a’ dol a chumail oirnn le poilitigs an-dràsta. Tha sinn air tòrr a chluinntinn mu dheidhinn referendum anns na seachdainean a dh’fhalbh, agus Brian Souter a’ feuchainn ri fear a mhaoineachadh air ceist Section Twenty-eight. Ach cuin a bu chòir dhuinn referendum a chleachdadh? Agus a bheil sinn an impis dùthchannan eile a leantainn far am feumar referendum a chumail airson a h-uile càil? Cluinnidh sinn beachdan bho thriùir air sin: am fear-naidheachd poilitigeach Màrtainn Dòmhnallach, Aonghas MacLeòid a tha na fhear-lagh le ùidh shònraichte ann am poilitigs, agus Dòmhnall Dòmhnallach a tha a’ fuireach ann an California far a bheil referendum fada nas bitheanta na tha an seo. An toiseach, Aonghais, dè cho feumail ’s a tha referendum?

Angus MacLeod: Tha mi a’ smaointinn gu bheil feum annta. Tha iad a’ toirt beachdan a’ mhòr-shluaigh gu aire agus tha iad a’ toirt, mar gum b’ eadh, dligheachas dhan a’ cheist a tha air fhaighneachd.

Angus MacLeod is being interviewed by Anna MacLeod for BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in a recording made in 2000. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/17734.

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.