B2 - 12 - Medicine | Leigheas
Transcription Video
Transcription
An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Agus chuala mi iad a' bruidhinn air a' bhallan. Bha am ballan glè choitcheannta uaireigineach aca, agus bha e aca ga chleachdadh gu chionn glè ghoirid ann an Leòdhas. 'S e an-còmhnaidh daoine air am biodh an greim-lòinidh, no siataig, no cràdh na dhruim no ann an àite eile dhen a' bhodhaig a bhite a' leigheas leis a' bhallan.
'S e maide a bh' anns a' bhallan, no lorg, agus bha e fosgailte na bhroinn, agus bha an dàrna ceann dheth sin air a chur air an dearbh bhad dhen bhodhaig air an robh an cràdh, 's an ceann eile aig an duine na bheul, agus bha e mar gum biodh e a' deocadh tro sin, no bha seo a' tarrainn, a bheil fhios agaibh, mar gum bitheadh, agus esan a' deocadh bhon a' cheann sin, agus bha seo a' dèanamh leigheas air an duine, a' toirt faochadh dha, agus ga leigheas gu tur. Bha creideas anabarrach aca anns a' bhallan. Bha feadhainn ann a bha sònraichte math air. Cha robh e aig a h-uile duine idir, mar a thachair do leigheasan dhen t-seòrsa.
Rev Norman MacDonald is being interviewed by Calum Iain Maclean in 1953. The recording was made by the School of Scottish Studies (ref: SA1953.024.A3). The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/2661
We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.