Search

B2 - 13 - Festivals | Fèisean

Transcription Video

Transcription

Iain Moireach: Bho chionn dà mhìle bliadhna, bha treubh nan Ròmanach a' ruith timcheall a' seinn, 'Togaibh i, togaibh i, suas leis an Laidinn', agus bha fèis aca mun àm sa a bhliadhna ris an canadh iad fhèin Lupercalia. Agus abair cèilidh. Air latha sònraichte, can an-diugh, bhiodh a h-uile caileag òg a' sgrìobhadh a h-ainm air bileag papyrus agus a' tilgeil sin ann an tocasaid mhòr ann am meadhan baile na Roimh. Thigeadh an uair sin na gillean agus thomadh iad an làmh dhan an tocasaid, agus bheireadh iad ainm aiste, dìreach mar nàdar rafail, agus 's e sin an leannan a bhiodh aca, ma b' fhìor, fad na bliadhna.

John Murray is talking on BBC Radio nan Gàidheal's 'Dealan-dè' in 1986. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/27692.

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.