Search

B2 - 4 - Society | Sòisealtas

Transcription Video

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Sgìre an Glaschu le fìor dhroch chliù a th' air a bhith ann an sgìre a' Chnuic Dhuibh. Blackhill. Sin airson an leth-cheud bliadhna mu dheireadh, co-dhiù. Àite le mòran dhaoine gun chosnadh, taighean ann an droch dhòigh, mòran a' briseadh an lagh. Sin an ìomhaigh, an dealbh a th' aig daoine dheth co-dhiù. Tha a-nis oidhirp ga dhèanamh taighean ùra a thogail san sgìre. Taighean a chuireas às dha na seann togalaichean a chaidh an togail ro àm an Dara Cogaidh. Tha dòchas a-nis gun tig ath-nuadhachadh, fìor ath-nuadhachadh, air an sgìre, le muinntir an àite a' gabhail làmh nan coimhearsnachd fhèin ann an dòigh nach robh sna làithean a dh'fhalbh. Thug Ailig MacAmhlaigh bliadhnaichean air a' phoileas ann am Blackhill anns na trì ficheadan. Tha iomadh cuimhne aige air an seòrsa àite a bh' ann. Tha e còmhla rium air an loidhne à Uibhist a Tuath an-dràsta. Uill, Ailig, dè seòrsa àite a bh' ann am Blackhill nuair a bha thusa ann?

Ailig MacAmhlaigh (AM): Ò, bha, àite salach eucoireach. Sin mar a chuirinn dhut e.

CM: Dè... dè cho mòr 's a bha e? An e àite mòr a bh' ann?

AM: Cha robh. Chan e. Cha b' e àite mòr a bh' ann am Blackhill idir. Ged as e Blackhill a bh' air, bha a' chuid a bu mhotha dheth ann an lag. Ann an ear-thuath baile Ghlaschu a bha e.

CM: Am biodh e ceart a ràdh gur dòcha gun robh cliù nas miosa aig Blackhill na bh' aig àite eile ann an Glaschu aig àm?

AM: Uill, chan eil fhios a'm. Bha droch chliù aig àiteachan eile an Glaschu gun teagamh, ach chan eil mi a' smaoineachadh gun robh àite cho beag anns an robh uimhir a dh'eucoirich 's a mhèirlich 's dhen h-uile droch rud a' dol air adhart 's a bh' ann am Blackhill. Chan eil mi a' smaoineachadh gun robh ann an àite beag.

CM: Cha robh ann ach taighean. Cha robh dad a ghoireasan ann, an robh?

AM: Bha aon... bha aon sreath bhùithtean ann. Bha sia bùithtean ann anns an t-sreath a bha sin. Sin uile. Cha robh... cha robh goireasan eile idir ann.

CM: Agus aig an àm a bha sin, cha robh na taighean, cha robh iad cho aosta ri sin, an robh, na taighean 's na togalaichean a bh' ann?

AM: Cha robh. Cha robh. 'S e taighean matha a bh' ann am Blackhill. Cha robh dad ceàrr air na taighean. 'S e an fheadhainn a bh' annta. 'S e slum clearance a th' ann am Blackhill. Ron... ron chogadh, 's ann a chaidh a thogail. 'S e golf course a bh' ann ron a sin. Agus àite brèagha, tha mi a' creidsinn, a bhiodh ann ron a sin. Ach siud a thachair nuair a thàinig na daoine ud ann, agus bha a h-uile seòrsa duine ann mu dheireadh. Feadhainn... 's e glè bheag aig an robh obair, 's na h-oidhchean cha robh seirbheisean no busachan no dad mar sin a' dol troimhe.

CM: Uill 's e àite snog a bh' ann aig aon àm gu dearbh.

Alexander MacAulay is being interviewed by Kenneth MacIver for BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in a recording made in 1998. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/14002.

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.