Search

B2 - 6 - Sympathy | Co-fhaireachdainn

Transcription Video

Transcription

Calum Iain MacIllEathain: Seadh Alasdair, bha sibh ag ràdh gun cuala sibh iomradh air na mnathan-tuireim a bha seo?

Alasdair Boyd: Ò chuala mise seann dhaoine a' bruidhinn air an fheadhainn a bhiodh a' tuiream, tuiream air na tiodhlacaidhean. Bha iad ag innse dhomh, tha fhios agaibh... bha an toiseach a' phìob a' tòiseachadh, agus bha iad ag innse dhomh an uair sin, agus chunna mi fhìn e a bharrachd air a sin, mun do dh'fhàg mi Uibhist riamh, cha robh iad a' cur a' chuirp anns a' chistidh gu latha an tiodhlacaidh. Bha daoine sònraichte air am piocadh a bha a' dol a dh'iarraidh na ciste, 's ga toirt chun... a dh'ionnsaigh taigh a' chuirp air rud ris an canadh iad crò-leaba. Bùird air a chur air spèicean. Bha trì spèicean ann, agus ghabhadh iad sin triùir air gach taobh, 's e a bhiodh a' tarraing na ciste. 'S nuair a bha iad... daoine a bha seo, bha iad air an cur air leth airson a dhol a dh'iarraidh na ciste, agus a' chrò-leaba còmhla rithe, a' chrò-leaba mar bu trice bhiodh i air a fàgail aig a' chladh.

Agus nuair a... anns an t-seann aimsir, nuair a bha iad a' tòiseachadh... nuair a bha a' chiste a' dol a-staigh, bha am pìobaire a' tòiseachadh an uair sin, 's bha e a' seinn suas 's sìos air bheulaibh an taighe fad 's a bhite a' cur an duine anns a' chistidh, gus an tigeadh iad a-mach leis a' chistidh, 's bhathar an uair sin ga cur air a' chrò-leaba agus iad a' falbh. Agus cha rachadh iad uair sam bith ach deiseal air an taigh. Cha rachadh iad ach mar a bha a' ghrian a' dol; cha rachadh iad an taobh eile idir, nan gabhadh e seachnadh idir. Cha rachadh iad chun an làimh chlì; 's ann taobh na làimhe deas a bha iad a' falbh on taigh daonnan.

'S ma ghabhadh e idir dèanamh, bha iad a' cur cuairt air an taigh leis an duine, leis a' chistidh,

Alasdair Boyd is being interviewed by Calum Iain Maclean in 1958. The recording was made by the School of Scottish Studies Archives (ref: SA1958.86.A1). The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/39795

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.