B2 - 8 - Exercise | Eacarsaich
Transcription Video
Transcription
CM: Nise, nach annasach an sgeulachd a tha seo. Gus an do leugh mi a' bhileag a tha seo a th' air mo bheulaibh, cha robh fhios agam gun robh a leithid a dhuine ri fear às an Eilean Sgitheanach a bh' air duais fhaighinn aig Geamachan Olympic.
TD: Tha e annasach dha-rìribh gu bheil leithid a dhuine ann air a bheil cho beag eòlas againn, agus gu dearbha, tha mi a' smaoineachadh nam bitheadh fear à Breatainn air dèanamh cho math ann am farpais sam bith, can aig Olympics Atlanta o chionn dà bhliadhna air ais agus Breatainn a' dèanamh cho truagh sa bhitheantas, bhiodh e air duilleag-chùil nam pàipearan-naidheachd air feadh na dùthcha. Ach gu dearbha, airson Eairdsidh Dòmhnallach, no Eairdsidh Dhòmhnaill Iain Maoir mar a chanadh iad ris ann an Slèite, cha robh aire air, 's chan eil cuimhne air sa bhitheantas mar sin, mar a tha mi a' ràdh, ged a tha gu leòr ann an Slèite fhathast a tha eòlach air, no aig an robh cuimhne air.
CM: Nise, tha thusa ag ràdh Eairdsidh Dòmhnallach. An ann mar sin a dh'aithnichear e? 'S e Dòmhnall Eairdsidh an t-ainm a bh' air gu lèir, nach e?
TD: 'S e. Tha e coltach gun robh Dòmhnall air ach cha d' fhuair e riamh ach Eairdsidh. 'S e Dòmhnall a bh' air athair 's buinidh e do theaghlach ann an Slèite air an robh na - 's air a bheil fhathast - na maoir, 's tha gu leòr a tha a-mach bhon aon teaghlach mu chuairt fhathast.
CM: Carachd. Cò às a thàinig sin, a bheil fhios? Wrestling.
TD: Cò às a tha e... ò, na theaghlach a bheil thu a' ciallachadh?
CM: Seadh. An robh sin anns an teaghlach aige?
TD: Uill, thogadh e air croit ann an Sàsaig, agus tha fhios gun dèanadh sin duine làidir de dhuine sam bith. Bha athair, Dòmhnall, bha e na shaor agus na chroitear, agus mar a bhiodh a h-uile balach òg eile, bhiodh Eairdsidh agus a thriùir bhràthair, bhiodh iad ri obair na croite mar bu dual, 's chaidh e fhèin a dh'obair a Ghlaschu 's e na dheugair. Bha fear eile dhe a bhràithrean, Ailean, air a dhol a Ghlaschu ron a sin, agus e fhèin ag obair na shaor, 's bha fear eile a bha na shaor cuideachd air an robh Dan, tha mi a' tuigsinn, agus chaidh esan a-null a Chanada. 'S chaidh Eairdsidh an uair sin, seach gun robh e mòr agus làidir, mar a rinn iomadh balach Gàidhealach eile, liostaig e ann am Poileis Ghlaschu, dìreach bliadhna mus do thòisich an Cogadh Mòr, ann an naoi ceud deug 's trì-deug. 'S chaidh e an uair sin chun an Nèibhidh aig àm a' chogaidh, agus thill e dha na poileis an dèidh a' chogaidh. Ach bha... bha cothroman gu leòr aige a neart àrdachadh fhad 's a bha e anns an Nèibhidh agus fhad 's a bha e ann am Poileis Ghlaschu.
CM: Gu dearbha. Agus chan eil mi... chan eil mi a' smaoineachadh gur ann a-mhàin ri carachd - ri wrestle-adh - a bha e. Bha e cuideachd ri bogsadh, nach robh?
TD: Bha cuideachd. Bha thu a' faighneachd dhomh na bu tràithe, a Choinnich, mu dheidhinn aig na Geamaichean ann an Antwerp agus ann am Paris, ach chaidh a thaghadh cuideachd, tha mi a' tuigsinn, airson Sgioba Bhreatainn aig na h-Olympics a bh' ann an Stockholm, an ath thuras a-rithist, an naoi ceud deug ochd air fhichead. Ach ron àm sin, bha Eairdsidh air a chùl a chur ri carachd agus bha e a' gabhail ùidh ann a... ann am bogsadh, agus còrdaidh seo riut fhèin a chluinntinn seach gun do thog thu fhèin iomadh duais airson na balaich as truime ann am bogsadh, mas math mo chuimhne bho lathaichean na h-oilthigh an Obar Dheathain, ach thòisich Eairdsidh rud ris an canadh iad Scottish Police Heavyweight Title ann am bogsadh ann an naoi ceud deug ochd air fhichead. Bha e na shàr bhogsair cuideachd. Cha robh e neo-àbhaisteach aig an àm sin, fhios agad, a bhith a' gabhail pàirt aig ìre gu math àrd ann am barrachd air aon spòrs. Shaoileadh duine caran annasach e an-diugh. Ach a bharrachd air a bhith math air carachd, 's e bogsair math dha-rìribh a bh' ann cuideachd.
Professor Norman MacDonald is being interviewed by Kenneth MacIver for BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in a recording made in 1998. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/14304.
We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.