Search
B1 15 -  Travel | Siubhal

B1 15 - Travel | Siubhal

Transcription Video

Transcription

Coinneach: Càit an deach thu bho bha... nuair a bha mi a’ bruidhinn riut mu dheireadh?

Màrtainn:  Uill, on a bha mi a’ bruidhinn riut mu dheireadh, em, dh’fhalbh sinn aig dìreach deireadh an Dàmhair ann an 1996 agus chuir sinn trì mìosan seachad ann an Àisia a’ siubhal an sin eadar na h-Innsean, Nepal, Thailand agus Laos. ’S an uair sin chaidh sinn a-null a dh’Astràilia agus chuir sinn mu mhìos seachad ann an taobh siar Astràilia mus do thòisich mise ag obair ann am Melbourne fad sia mìosan air an taobh sear, taobh an ear dheas Astràilia. An uair sin rinn sinn beagan siubhail on cheann a deas gu ceann a tuath Astràilia agus an uair sin chaidh sinn gu New Zealand. Bha mi ag obair an sin fad dà mhìos ann an Christchurch anns a’ cheann a deas. Rinn sinn beagan siubhail ana shin cuideachd, sìos gu Milford Sound, sìos gu Invercargill... fada... cho fada deas ’s a thèid agad air a dhol. ’S an uair sin air an rathad dhachaigh, bha dùil againn an toiseach gum biodh ùine againn airson a bhith a’ dol tarsainn Chanada, ach ’s ann a ruith sinn a-mach à ùine. Bha sinn mu cheithir mìosan no mar sineach na b’ fhaide na bha dùil againn a chionn dh’fhuirich sinn na b’ fhaide ann am Melbourne. Mar sin, chuir sinn beagan làthaichean seachad còmhladh ann an New York.

Martin MacIntyre is being interviewed by Kenneth MacIver for BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in a recording made in 1998. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/14465?l=en.

SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C15B-Duilleag-Obrach.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.