B1 16 - Belief | Creideamh
Transcription Video
Transcription
Coinneach: ’S e àm cudromach dhen a’ bhliadhna a tha seo do luchd-leantainn creideamh Ioslaim, an deireadh-seachdain seo a’ comharrachadh àm Ramadain a’ tòiseachadh. Bidh sinn a’ cluinntinn is a’ leughadh mun seo tric gu leòr, ach dè tha e a’ ciallachadh dha-rìribh do luchd-leantainn a’ chreideimh. Tha an t-Urramach Cailean MacLeòid fìor eòlach air a’ chuspair. Tha e còmhla rium air an loidhne à Dùn Deagh an-dràsta. Madainn mhath, a Chailein.
An t-Urr Cailean MacLeòid: Madainn mhath.
Coinneach: Dè cho cudromach is a tha Ramadan do luchd-leantainn Ioslaim?
An t-Urr MacLeòid: Uill, an t-àm as cudromaiche den bhliadhna a th’ ann dhaibh. Tha iad ri trasgadh bho moch gu dubh... bhon àm a dh’aithnicheas tu an diofar eadar snàithlean dubh agus snàithlean geal, gu an t-àm air feadh na h-oidhche nach aithnich thu an diofar, agus chan urrainn dhut fiù ’s do smugaid fhèin a shlugadh. Ma nì thu... ma nì thu a dh’aona-gnothaich e. Ma nì thu gun fhiosta e, tha thu alright, ach ma nì thu a’ dh’aona-gnothaich e, tha sin ceàrr. ’S chan urrainn dhut biadh ithe no càil òl no rud sam bith.
Coinneach: Chan fhaod thu càil òl fiù ’s?
An t-Urr MacLeòid: Chan fhaod. Chan fhaod agus tha e gu math cruaidh... gu h-àraid, uill, man [mar] a tha mi a’ chreidsinn, a tha fhios agad... tha an calendar Muslamach, tha e a’ leantainn a’ ghealach [na gealaich] agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil e ag atharrachadh a h-uile bliadhna, a rèir a’ chalendar againne, agus thurchair [thachair] an-dràsta gu bheil Ramadan a’ tachairt meadhan a’ gheamhraidh, ach can gum biodh e meadhan an t-samhraidh agus gum biodh tu ann an Saudi Arabia, mun [mura] b’ urrainn dhut càil òl no càil ithe bho mhoch gu dubh, bhiodh sin gu math gu math cruaidh ort.
Rev Colin MacLeod is being interviewed by Kenneth MacIver for BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in 1996. The complete recording is available at: www.tobarandualchais.co.uk/track/20072?l=en
SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C16B-Duilleag-Obrach.pdf
We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.