Search

B1 17 - The Highlands | A' Ghàidhealtachd

Transcription Video

Transcription

Cailean: Bha Blàr Chùil Lodair fhèin na rud uabhasach agus na thachair às a dhèidh gu math uabhasach agus thug e buaidh mhòr air a’ Ghàidhealtachd agus bidh daoine a’ cumail a-mach gu bheil... gun robh na trioblaidean aig a’ Ghàidhealtachd anns an naoidheamh linn deug, agus ’s dòcha às dhèidh sineach, gur ann...gun do thòisich iad mun àm sin, aig aramach nan Seumasach, ann an seachd deug... ceud deug fhichead ’s a còig is a sia [1745-6].

Coinneach: Uill dìreach a’ cumail oirnn ’s dòcha air na chuala is na thòisich sinn a-rèiste, tha... an e rud a tha ag ràdh ann an dòigh gun robh iad a’ coimhead ri seo cho mòr, nuair a dh’fhàillig e air daoine, rud a bhathas an dòchas a bhith a’ tighinn a-mach às, agus gun do dh’fhàg e sin làrach cho domhainn air daoine is nach d’ fhuair iad seachad air gus an là an-diugh a-rèiste?

Cailean MacLean is being interviewed by Kenneth MacIver on BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in 1995. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/4079?l=en.

SpeakGaelic Worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C17-A-Ghaidhealtachd.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.