Search

B1 18 - Technology | Teicneòlas

Transcription Video

Transcription

Anna NicLeòid: Norma, dè do bheachd fhèin mu dheidhinn an eadar-lìon? A bheil e cho math 's a tha daoine a' cumail a-mach? A bheil e cho feumail 's tha daoine a' cumail a-mach?  

Norma Mhoireasdan: Ò tha e gu math feumail cha chreid mi 's tha e na bhuannachd dhòmhsa.

Anna NicLeòid: Ciamar? 

Norma Mhoireasdan: Uill, man a tha mi...luchd-turais 's tha iad...

Anna NicLeòid: Tha leabaidh is bracaist agadsa.

Norma Mhoireasdan: ...leabaidh is bracaist agam agus tha tòrr dhe na 'bookings' a th' agam airson am-bliadhna, 's ann tron eadar-lìon a tha mi air am faighinn. Chanainn, tha mi a' creidsinn, 90% aca co-dhiù, tha mi a' creidsinn 's ann tron eadar-lìon.

Anna NicLeòid: Nam biodh tu a' dol a mholadh do chuideigin, leithid Donaidh an siud, dè...a dhol an-sàs anns an eadar-lìon, dè chanadh tu riutha? 

Norma Mhoireasdan: Ò gu cinnteach feumaidh e...feumaidh e airson 'business' sam bith a th' aige, feumaidh e an t-eadar-lìon an-diugh. Tha a h-uile duine a' dol air...sean is òg.

Anna NicLeòid: Dè cho duilich 's a bha e ionnsachadh? Tha tòrr dhaoine ag ràdh 'ò, chan eil mi airson a dhol...airson a dhol an sàs ann. Tha e ro dhuilich dhòmhsa'. An robh e duilich dhutsa?

Norma Mhoireasdan: Chan eil e duilich idir. Bha dùil agams' gun robh bhon nuair a bha mise ag èirigh suas...coimpiutairs an uair sin, bha iad ag ràdh riut ò millidh tu am fear siud 's ma chuireas tu am putan ceàrr sìos sgapaidh tu a h-uile càil a th' air, ach chan eil iad mar sin an-diugh.  

Norma Morrison is being interviewed by Anna MacLeod on BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in 2000. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/20589?l=en.

SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C18B-Duilleag-Obrach.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.