B1 19 - Fashion | Fasan
Transcription Video
Transcription
Flòraidh NicIlleathain: Tha mi a' dol a dhol gu Erica. Tha Erica ann an Dùn Èideann. Tha thusa ag obair, Erica, tha do dh'fhir-lagha agus fir-chunntais agus cuideachd a' lorg daoine airson companaidhean a tha a' lorg fir-lagha. A bheil siud ceart?
Erica NicFhionghain: Tha sin ceart.
Flòraidh NicIlleathain: Nise...tha...dè an suidheachadh a th' agad fhèin, can, nuair a bhios tu a' dol timcheall nan companaidhean a tha sin?
Erica NicFhionghain: Tha e a rèir cà' bheil mi a' dol. Uaireannan 's mathaid gum feum mi a dhol a Pheairt, 's mathaid, air an trèana agus ma tha mi a' falbh a dh'àiteigin mar sin feumaidh mi dèanamh cinnteach gu bheil an rud a tha a' dol orms' sa mhadainn gu bheil e a' dol a sheasamh fad an latha agus gu bheil e gu bhith a' coimhead ceart aig deireadh an latha cuideachd. Feumaidh tu a bhith faiceallach gu bheil aodach math anns an aodach agad agus nach eil càil gu bhith a' coimhead robach aig deireadh uair a thìde air an trèana. Tha mi fhìn a' faireachdainn tòrr nas fheàrr ma tha mi cofhurtail leis an rud a th' orm agus gu bheil mi a' faireachdainn gu bheil mi a' coimhead math. Saoilidh mi gu bheil mi a' tighinn air adhart nas fheàrr ann an suidheachaidhean far a bheil mi a' coinneachadh daoine, 's mathaid, nach do choinnich mi ron a seo.
Flòraidh NicIlleathain: Leithid deiseachan is rudan mar sin, an e?
Erica NicFhionghain: Gu math tric, cuiridh mi orm briogais agus seacaid a tha a' dol còmhla ri chèile agus tha mi a' faireachdainn cofhurtail le sin.
Erica MacKinnon is being interviewed by Flora MacLean in 1997 on BBC Radio nan Gaidheal's 'Prògram Choinnich'. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/10011?l=en.
SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C19B-Duilleag-Obrach.pdf
We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this wotk.