Search

B1 20 Na h-Eileanan | The Islands

Transcription Video

Transcription

Mòrag: Agus a-nise, bha iad a’ ciùradh is ag obair air sgadan ana sheo fhèin an uair sin. 

Coinneach: Bha... seachd... naoi ciùrairean ana sheo ann an Sgalpaigh. Naoi stèiseanan ann an Sgalpaigh an uair ud. 

Mòrag: Agus am biodh sibhse a’ reic èisg ana sheo?

Coinneach: Reic sgadain agus a’ reic an ugsa, a’ reic an truisg, a’ reic... cha robh an còrr…Bha sin a’ dol... srainnsearan cha robh... cha deigheadh tu cheum a-mach bho do dhachaigh nach coinnicheadh srainnsear thu... na h-eathraichean ‘packed’... ri eathar o cheann gu ceann dhen acarsaid.

Mòrag: Agus am biodh iad sin a’ fuireach air bòrd nan eathraichean?

Coinneach: A’ fuireach air bòrd nan eathraichean is a’ fuireach na ‘weekends’ bha iad cho fad on dachaigh.

Mòrag: Far an taobh sear?

Coinneach: Far an taobh sear is far an taobh an iar.

Mòrag: Is an e an aon seòrsa bhàtaichean a bh’ aca sin?

Coinneach: Chan e, chan e, chan e.

Mòrag: Bha iad na bu mhotha, an robh?

Coinneach: Bha is na bu lugha. Feadhainn aca fada na bu lugha na bha againne.

Mòrag: Is an fheadhainn a bu lugha bhiodh na bu lugha criutha orra?

Coinneach: Bhiodh, cha bhiodh ann ach ceathrar. 

Mòrag: Agus em... an robh duine às a seo fhèin a bha a’ ceannach na...?

Coinneach: Bha... Bha iad a’ ceannach... Bha iad nan cùbairean a-mach o ‘chompanaies’ eile... an-dràsta...  am bùidsear... bha e aig fear Anderson à Glaschu. Is bha iad mar sin, eil fhios agad, a’ ceannach dha na daoine sin.

Kenneth MacLeod is being interviewed in 1977 by Morag MacLeod of the School of Scottish Studies Archives, University of Edinburgh (SSSA reference: SA.1977.69.B5). The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/71101?l=en.

SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C20-Na-h-Eileanan.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gaidhlig for its funding to support this work.