Search

B1 22 - Nova Scotia | Alba Nuadh

Transcription Video

Transcription

Coinneach: Na Mi’kmaq, a Thormoid, dè cho fad ’s as aithne dhutsa an eachdraidh a th’ aca, ’s e treubh de na h-Innseanaich dhearga, ma dh’fhaodas sinn a chur mar sin, a th’ annta nach e?

Tormod: Uill...

Coinneach: No an e?

Tormod: Tha sin duilich a ràdh ann an dòigh, fhios agad, tha iad de na h-aon daoine tha mi a’ creidsinn, ma tha thu a’ ciallachadh le na h-Innseanaich dhearga gu bheil thu a’ ciallachadh Innseanaich cheann a tuath Ameireagaidh san fharsaingeachd, tha iomadh treubh dhuibh sin ann, ach cuimhnich, san latha a th’ ann an-diugh, chan eil e ceadaichte thall gabhail orra mar Innseanaich idir, chan e sin ach facal a chuir an duine geal orra, seach gun robh iad de dhiofar dath, gun robh iad ’dubh’ mar a bha, tha an duine geal às an Roinn-Eòrpa a’ faicinn nan daoine a thàinig à Afraga a dh’Ameireagaidh, ach thathas gu math cinnteach a-nis gum buin na daoine ann an Ameireagaidh agus ann an Canada ris an cainte anns a’ Bheurla ’Native Peoples’, daoine a bh’ ann mus tàinig na daoine às an Roinn-Eòrpa, gur ann bho Àisia à thàinig iad an toiseach, nist, tha na Mi’kmaq, buinidh iadsan do threubh nas fharsainge air a bheil na h-Algonquian agus thathar gu math cinnteach a-nis gur ann à ceann a tuath Àisia a thàinig iad bho thùs, fhios agad, nuair a bha ceann a tuath Àisia agus far a bheil Alasga an-diugh uileag còmhla mar aon mhòr-thìr, tha Bearing Sea an-diugh a’ tighinn eadar Alasga agus ceann a tuath Àisia, ach thàinig na daoine bho sin aig aon àm, sin a tha a’ fàgail ìomhaigh nan Sìonach orra ann an dòigh ’s tha daoine a tha a’ rannsachadh nan gnothaichean sin ag ràdh gu bheil iad nas fhaisge ann an gnè ri muinntir Àisia ’s ri na Sìonaich na tha iad ri duine sam bith eile, ach tha iad air a bhith, na Mi’kmaq, air a bhith ann an Alba Nuadh a-nis airson còrr math is mìle bliadhna ’s ann an àitichean eile ann an Canada is anns na Stàitean fada ron a sin. 

Professor Norman MacDonald is being interviewed by Kenneth MacIver on BBC Radio nan Gàidheal's 'Program Choinnich' in 1994. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/519?l=en.

SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C22-Alba-Nuadh.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.