Search

B1 25 - Sustainability | So-sheasmhachd

Transcription Video

Transcription

Coinneach:  Cha bu chòir dhuinn a bhith a’ tilgeil às dad a tha a’ tighinn à seann togalach. Bu chòir dhuinn stòras chlachan a stèidheachadh. An aon rud le seann fhiodh taighe, bu chòir dhuinn a bhith gan cleachdadh a-rithist airson taighean ùra a thogail. Bu chòir do phìosan togalaichean a bhith air an ceangal ri chèile ann an dòigh a tha e furasta a thoirt às a chèile nuair a tha làithean an togalaich seachad. Bu chòir feum a dhèanamh de chlòimh nan caorach airson ar taighean a dhèanamh blàth neo fuar nuair a tha sin iomchaidh. Cuid dhe na beachdan a chuala còrr agus trì fichead duine a bha an làthair aig co-labhairt ann an Steòrnabhagh an-dè agus a’ bhòn-dè. Togalaichean agus dachaighean an latha a-màireach agus sin co-cheangailte ris an àrainneachd. Murchadh Moireach, Fear-Stiùiridh Roinn nan Seirbheisean Teicnigeach aig Comhairle nan Eilean a bha sa chathair. Tha e còmhla riumsa sa chathair ann a seo an-dràsta. 

A Mhurchaidh, uill, an do thuig mi an rud a bh’ agaibh ceart le bhith a’ toirt seachad na h-eisimpleirean ud?

Murchadh: Thuig gu dearbh, a Choinnich. ’S e an seòrsa rud a tha sinn a’ coimhead ris, ’s e dè ghabhas dèanamh a thaobh buannachd an t-sluagh is buannachd an àrainneachd, bhon tòrr dhe na rudan a tha sinn air a bhith a’ faicinn tro na bliadhnaichean mu dheireadh, gu sònraichte anns an fhichead bliadhna mu dheireadh, seòrsa togalaichean a bhathas ag obair air, bha iad...’s ann a bha iad a’ dol ann an dòigh cunnartach nuair a bha iad deiseil. Bha tomhais ann agus gun robh, can, stuth man asbestos annta agus bha e duilich an toirt às a chèile agus bha iad a’ cosg tòrr a bharrachd an toirt às a chèile agus a’ dèanamh air falbh leis an stuth na bha iomchaidh agus tha sinne a-nis a’ coimhead anns an (t-)seiminear a tha seo air dòighean anns am biodh e iomchaidh a bhith a’ dol air adhart a’ gabhail air bòrd na h-uallaichean bu chòir a bhith oirnn mar shluagh a thaobh na h-àrainneachd.

Murdo Murray is being interviewed by Kenneth MacIver on BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in 2001. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/37608?l=en.

SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C25B-Duilleag-Obrach.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for their funding to support this work.