Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 10372
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 03.09.1997

Summary

Travelling exhibition of work of Hebridean historical societies.

Fosglan, at Lews Castle College, is arranging for an exhibition of the work done by local historical societies to visit Barra, Liniclate, Stornoway, the National Mod, and Ullapool.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha dòchas gum bi obair comainn eachdraidh nan Eileanan Siar ga thoirt cruinn còmhla ro dheireadh na mìos seo. Thèid an taisbeanadh fhaicinn ann an Uibhist agus am Barraigh, an uair sin an Talla Bhaile Steòrnabhaigh, an ath-mhìos aig a' Mhòd Nàiseanta, agus an uair sin an Ulapul. Tha an taisbeanadh ga cho-òrdanachadh le ionad Fosglan aig Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. Tha Mairead Nic a' Ghobhainn bho Fhosglan còmhla rium. Ciamar a tha thu?

Mairead Nic a' Ghobhainn (MN): Tha gu math, tapadh leat, a Choinnich.

CM: Uill, carson no ciamar a thòisich a' bheachd a bha seo, fèill eachdraidh a chur air dòigh?

MN: Thàinig an t-iarrtas à co-labhairt a bh' aig na comainn eachdraidh deireadh na bliadhna an-uiridh. 'S ann à sin a thàinig e, nuair a thàinig daoine cruinn, 's thuig iad cho eadar-dhealaichte 's a bha cuspairean air an robh na comainn eachdraidh gu lèir a' ruith

CM: A bheil sinn a' bruidhinn air tòrr chomainn eachdraidh?

MN: Tha. Tha trì-deug eadar Leòdhas 's na Hearadh. Agus Uibhist 's Barraigh, tha ochd comainn eachdraidh shìos an sin.

CM: Còrr 's fichead gu lèir.

MN: Tha.

CM: Dè tha sibh an dòchas a bhith a' dèanamh anns an taisbeanadh a tha seo?

MN: Tha e gu bhith na dhà phàirt. Tha sinn gu bhith a' coimhead ris an Eaglais Cheilteach an toiseach, agus tha sinn a' lorg deilbh no sgeulachdan co-cheangailte ris an eaglais. Agus air an taobh eile, tha sinn gu bhith a' coimhead ri obair sam bith a tha na comainn eachdraidh air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean.

CM: Tha sibh a-rèiste a' cantainn riutha dè tha sibh ag iarraidh orra a dhèanamh airson aon phàirt dheth. Airson a' phàirt eile, tha sibh ga fàgail aig saorsa an toil fhèin.

MN: Tha e an-àirde riutha fhèin.

CM: Nuair a tha sibh ag ràdh an Eaglais Cheilteach, a bheil adhbhar sònraichte airson sin?

MN: Uill, tha an taisbeanadh sa mar phàirt de Bhliadhna Chaluim Cille. Tha sin air a bhith a' ruith fad na bliadhna. Agus tha sinn a' coimhead ris an Eaglais Cheilteach tro na comainn eachdraidh.

CM: 'S a bheil sibh a' smaoineachadh gu bheil stuth aig na comainn eachdraidh co-cheangailte ris an Eaglais Cheilteach?

MN: Tha. Pìosan sgrìobhaidh gu math tric. Uill, beul-aithris, agus tha sgeulachdan gu math tric ceangailte ri na th' air làraich cuideachd.

CM: 'S dòcha nuair a thionail iadsan na rudan sin, nach ann ga fhaicinn mar nì sam bith co-cheangailte gu sònraichte ris an Eaglais Cheilteach a bha e, ach dìreach mar phàirt dhe na rudan eile a bha iad a' cruinneachadh. An ann mar sin a tha e?

MN: 'S ann, ach tha mi a' smaoineachadh air a' bhliadhna a tha seo, tha iad... tha sin a' foillseachadh dìreach an eachdraidh a tha anns an eilean... anns na h-eileanan gu lèir, mu dheidhinn an eaglais.

CM: 'S e an cunnart a bhiodh ann, ann a bhith ag iarraidh air comainn eachdraidh mar seo an stuth a th' aca a thoirt cruinn còmhla, gun tigeadh a h-uile duine, fichead, leis an aon seòrsa rud. Cnap dheilbh, 's daoine nach aithnich duine, agus gun buntanas sam bith aig na th' aca ri àite sam bith ach an t-àite aca fhèin. Nach eil an cunnart sin ann?

MN: Och, cha chreid mi gu bheil. Tha sinn a' feuchainn ri taghadh às a h-uile sgìre cuspair eadar-dhealaichte, dìreach a' coimhead ris an obair a rinn iad, agus tha iad gu tur eadar-dhealaichte.

CM: Tha thusa air a bhith a' bruidhinn 's a' sgrìobhadh ri daoine... gu daoine a th' anns na comainn eachdraidh, a' feuchainn ris a seo a cho-òrdanachadh. Ciamar a tha a' dol dhut?

MN: Tha, math dha-rìribh.

CM: Dè seòrsa rud a tha thu a' faighinn bho daoine?

MN: Ò, tha a h-uile seòrsa rud. Chan eil sinn ag iarraidh man artifacts, ach dìreach pìosan sgrìobhaidh 's deilbh. Ach tha, tha iad glè mhisneachail.

CM: A bheil rudan gu math eadar-dhealaichte aig na comainn eachdraidh, ge-tà?

MN: Tha. Tha e eadar-dhealaichte anns a h-uile sgìre, bhon dh'èirich feum a' chomainn eachdraidh anns a h-uile sgìre, agus chan eil gin aca an aon rud.

CM: 'S e... uill, 's e an rud a tha sibh a' dol a dhèanamh an toiseach, tha sibh a' dol a dh'Uibhist leis, a bheil?

MN: Tha sinn a' dol a Bharraigh air an dàrna latha fichead dhen a' mhìos airson trì latha, agus an uair sin a dh'Uibhist, a Sgoil Lìonacleit, airson dà latha, agus an uair sin Talla Bhaile Steòrnabhaigh air an naoidheamh latha dhen Dàmhair gu an naoidheamh latha deug, 's an uair sin chun a' Mhòd. Bidh sinn ann an Taigh Bhaile an Fhàin ann an Inbhir Nis airson seachdain, agus an uair sin an Ulapul ann... airson trì latha.

CM: Ann a bhith a' feuchainn ris a seo a thoirt cruinn còmhla, fèill eachdraidh dhen an t-seòrsa an-dràsta, dè seòrsa dealbh a tha thu a' faighinn dhe na comainn eachdraidh air feadh nan eilean? Airson, aig aon àm bha cuid aca gu math làidir, feadhainn dhen a sin chan eil iad làidir idir a-nise. 'S dòcha feadhainn nach robh cho làidir, tha iad làidir an-dràsta. Dè an staid anns a bheil na comainn eachdraidh?

MN: Uill, saoilidh mi ann an Leòdhas 's na Hearadh, tha iad gu math làidir, ach shìos anns na h-eileanan mu deas, tha trioblaid aca le airgead agus cion dhaoine cuideachd a' tionndadh a-mach. Ach bidh sinn an dòchas gun dèan am foillseachadh feum dhaibh.

CM: Airson 's e an dealbh a th' agamsa dhe na comainn eachdraidh, gu h-àraid nuair a bha na sgeamaichean MSC a' dol, gun robh iad a' dol uabhasach math, gun deach an t-uabhas obrach a dhèan-... obair a dhèanamh aig an àm a bha sin, seach gun robh daoine ann a b' urrainn ùine a chur seachad air a sin. Ach bhon uair sin, 's e am faireachdainn a th' agam, ceart no ceàrr, nach eil cùisean air a bhith a' dol cho làidir 's cho math. A bheil...

MN: Tha sin ceart, bhon air a bha an sgeama MSC a' dol, chaidh tòrr obair a chruinneachadh an uair sin. Bhon uair sin, 's e dìreach daoine a tha ag obair air saor-thoileach, daoine aig a bheil ùidh anns na cuspairean, agus tha iadsan cuideachd air tòrr obair a dhèanamh.

CM: Agus... ach 's e a' cheist a-rithist, dh'ainmich thu fhèin aig an toiseach e, tha gainne dhaoine ann, ach tha gainne airgid ann cuideachd. Airson mas e 's gu bheil thu a' cruinneachadh rudan co-cheangailte ri eachdraidh, fiù 's seann dheilbh, tha daoine ag iarraidh na deilbh air ais, feumaidh tu lethbhreac a dhèanamh dhe na deilbh, tha a h-uile càil a th' ann a' cosg airgead, nach eil?

MN: Tha.

CM: A bheil airgead ann, cho fad 's as aithne dhutsa, an-dràsta?

MN: Chan eil càil a dh'fhios dè thig a-mach às an taisbeanadh a tha seo.

CM: An e sin aon dhe na rudan a tha sibh an dòchas a thig às?

MN: 'S e.

CM: Gum bi cuideigin bhon a' Chrannchur Nàiseanta no cuideigin bho urras aig a bheil airgead a bhith co-fhaireachdail ris a seo.

MN: Chan eil càil a dh'fhios.

CM: Tha mi ag aithneachadh gur e sin a tha sibh an dòchas.

MN: Ò, chan e, chan e. Chan e sin a tha sinn an dòchas idir. Tha sinn dìreach airson an toirt còmhla airson fèill, mar... dìreach gun seall iad an obair a tha iad air a bhith a' dèanamh.

CM: 'S e dealbh eile a th' agamsa dhe na comainn eachdraidh, biodh e ceart no biodh e ceàrr, feadhainn dhiubh, grunn math dhiubh, gur e a th' annta ach buidheannan beaga, a th' air an ruith le daoine a tha gu math làidir anns na coimhearsnachdan sin fhèin, a tha gu math làidir 's dòcha nam beachdan fhèin. Dè cho furasta agus...

MN: Chan eil sin fìor anns a h-uile h-àite idir. Chan eil.

CM: Ò, uill, 's dòcha... 's dòcha nach eil. Chan eil mi ag ràdh ach gur e seòrsa de dhealbh a th' ann. Uill, 's dòcha nach eil e fìor idir. Ach tha mi ga dhèanamh an-àirde, ga dhèanamh airson dìreach airson a' cheist a tha seo.

MN: Saoilidh mise na daoine a th' anns na comainn eachdraidh, tha ùidh mhòr aca ann an eachdraidh, agus tha iad a' dèanamh feum anns a h-uile sgìre.

CM: Ach 's e a' cheist a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd, ge-tà, ann a bhith ag ràdh sin, dè cho furasta 's a tha e an toirt cruinn còmhla?

MN: Na comainn eachdraidh? Tha mi a' smaoineachadh, tha a h-uile duine glè thoilichte a thighinn còmhla airson taisbeanadh. Tha. Fiù muinntir Bharraigh, tha iad a' bruidhinn air a thighinn a-nuas airson dà latha.

CM: Ò, tha na daoine anns na comainn eachdraidh gu bhith a' dol an cois an taisbeanaidh, a bheil?

MN: Ò, chan eil, chan eil. Tha an taisbeanadh air falbh. Ach tha iad... tha cuireadh a' dol a-mach gu muinntir Uibhist 's Bharraigh a thighinn a-nuas a Steòrnabhagh gun an fhèill.

CM: Anns an talla-bhaile.

MN: 'S e dà latha mòr a bhios sin. Tha buidheann àrc-eòlas, tha iadsan an dòchas pàirt a ghabhail ann cuideachd.

CM: Uill, sin a' cheist, a-rèiste. Dè bhitheas a' tachairt aig an taisbeanadh a tha seo an-dràsta? Dè tha daoine a' dol a dh'fhaicinn a bharrachd air cnap... cnap sgrìobhaidhean 's rudan... rudan dhen t-seòrsa sin a tha sinn air fhaicinn ceud uair ron a seo?

MN: Ò, bidh rudan às ùr ann. Bidh iad... bidh sinn a' coimhead ris an Eaglais Cheilteach, man a bha mi ag ràdh, agus cuideachd na cuspairean eadar-dhealaichte a tha na comainn eachdraidh a' dèanamh. Agus cuideachd, ann an talla a' bhaile, bidh buidheann àrc-eòlas a' cur air adhart... dìreach a' sealltainn do dhaoine man a bha iad a' dèanamh an sgrìobhadh... an sgrìobhadh a bha iad a' dèanamh man samhail na dealbhan ann am Book of Kells agus cuideachd man a bhiodh iad a' dèanamh aodach... brògan leathair, agus cuideachd a' coimhead ris an seòrsa beairtean a bh' aca.

CM: Mar sin, feadhainn dhe na goireasan a bhathas a' cleachdadh anns na seann làithean, tha sibh an dòchas gum bi feadhainn dhe na goireasan agaibh ann an sin, agus cuideachd feadhainn ann a sheallas 's dòcha man a bhathas gan obrachadh?

MN: Tha sin ceart.

CM: Ò, uill, bidh sin inntinneach gu dearbha. Tapadh leatsa, a Mhairead, airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn beagan mu dheidhinn ann an seo an-diugh. Mairead Nic a' Ghobhainn. 'S i an co-òrdanaiche air an fhèill eachdraidh. Tapadh leatsa.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good