Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 10467
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 27.08.1997

Summary

Kenneth Matheson gives an explanation for the rapid rise in interest rates over the last month.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CMI): Tha sinn air ìre riadh fhaicinn a' dol suas ceithir turais ann am mìos. Thathas ag ràdh rinn gur ann airson ar math fhèin a tha seo, gu bheil sinn a' caitheamh cus airgead sna bùithtean agus mura sguir sinn dhen a sin, gur ann suas a thèid ìre riadh a-rithist. Tha na tha daoine a' pàigheadh air iasadan taighean air a dhol suas. Tha na tha iad a' pàigheadh air a dhol suas. Tha daoine a' feumachadh barrachd a chur a-steach airson gum faigh iad peinnsean ceart nuair a leigeas iad dhiubh an cosnadh. Tha daoine gu bhith a' feumachadh barrachd... barrachd airgead airson an clann a chur tro àrd-fhoghlam. Agus 's e beachd mhòran gu bheil seo, a h-uile h-aon aca còmhla, a' dol a thoirt buaidh air an eaconamaidh agus pòcaidean dhaoine. Uill, ciamar a tha na bancairean ga fhaicinn? 'S ann acasan a tha an làmh air a' chuid as motha dhen an airgead a th' anns an rìoghachd co-dhiù. Tha fear dhiubh còmhla riumsa ann an seo an-dràsta ann an Inbhir Nis. Coinneach MacMhathain. Madainn mhath, a Choinnich.

Coinneach MacMhathain (CMM): Madainn mhath dhuibh fhèin, a Choinnich.

CMI: Uill, 's e a' chiad cheist, carson a tha seo? Ma tha an eaconamaidh a' dèanamh cho math 's a tha sinn a' cluinntinn, carson a tha sinn a' pàigheadh barrachd riadh, 's carson a thathas ag ràdh rinn gum feum sinn sgur a-nis a chaitheamh an airgid a tha sinn air fhaighinn?

CMM: Uill, annasach agus mar a tha seo, 's e gu bheil cus airgead aig a' mhòr-shluagh ga chleachdadh anns na bùithtean a' ceannach bathar. Nise, chan eil rian nach eil mòran a tha ag èisteachd air an cur sin iongnadh, ach 's e cnag na cùise gura h-ann mar sin a tha a' ghnothaich, agus aon adhbhar a th' air buaidh mhòr a thoirt air an t-suidheachadh a tha sin anns a' bhliadhna no dhà a th' air a dhol seachad, 's e gu bheil grunn mhath dhe na buidheannan togalaich, na building societies as motha a tha san dùthaich, gu bheil iadsan air an suidheachadh aca fhèin atharrachadh, agus gu bheil iad a' dèanamh companaidhean poblach earranta, PLCs, dhaibh fhèin, agus tha iad air mòran airgead a thogail air margaidean airgead a' dèanamh sin, agus tha sin air a dhèanamh comasach dhaibh cnap airgead a thoirt seachad dhan an luchd-sàbhalaidh aca, dhaibhsan a th' air a bhith a' cùmhnadh airson grunn bhliadhnaichean, tha iad a' faighinn gu math tric cnap gu math mòr airgead. Nise, nuair a thèid a h-uile... an t-airgead a tha sin a chur dhan a' mhargaid air fad, tha e air eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh, agus man a bhios a' tachairt, dìreach nuair a tha tuilleadh airgead a' sireadh bathar, a' sireadh barrachd na tha de bhathar air a' mhargaid, tha prìsean a' dol suas, tha cosgais a' dol suas, agus tha sin a' toirt droch bhuaidh air eaconamaidh an rìoghachd, eaconamaidh an rìoghachd a' fàs ro luath.

CMI: Ann an dòigh, tha thu a' dèanamh dealbh an sin dhomh cha mhòr air dà eaconamaidh. Eaconamaidh an fheadhainn aig a bheil an t-airgead, agus an uair sin an fheadhainn aig nach eil càil idir, tha iad a' dol a dh'fhulang air sgàth seo. Nach eil sin ceart?

CMM: Uill, chan eil... tha fìri-... tha fìrinn an cois sin, ach sin as coireach gu bheil e cho cudromach dhan an riaghaltas smachd a chumail air an ìre aig a bheil cosgais a' dol suas, agus... agus ag èirigh. Agus mana tèid sin a dhèanamh, dìolaidh sinn uile air, agus sin as coireach gu bheil sinn air faicinn, bho thàinig an riaghaltas a-steach, gu bheil sinn air faicinn gu bheil rate an riadh air a dhol suas ceithir turais. Tha cuid mhath ann... tha cuid ann a tha ag ràdh gun do chall an riaghaltas, gun do chaill iad cothrom cìsean pearsanta àrdachadh aig a' chunntas bhliadhnail a bh' aca greis às dèidh an tadhal. Ach tha sin air a dhol seachad, agus thathar a-nis a' feuchainn ri smachd a chumail air an ìre aig a bheil an eaconamaidh a' neartachadh le bhith a' cur suas rate-aichean riadh. Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar an t-adhbhar a tha cur an teas a tha seo dhan eaconamaidh, sin a bhith a' cleachd airgead pearsanta anns na bùithtean, agus an eaconamaidh a bhith a' neartachadh air sgàth 's man a tha a' soirbheachadh le gnìomhachas. Chan e sin an t-adhbhar 's a tha a' neartachadh an eaconamaidh aig an ìre a tha seo. 'S e, man a bha mi ag ràdh, dìreach na tha de dh'airgead a tha a' mhòr-shluagh a' cleachdadh anns na bùithtean. Agus tha sin a' ciallachadh gu bheil... ma tha rate an riadh a' dol suas, tha an t-airgead againn fhìn ann a sheo, an not Sasannach, tha e a' neartachadh gu mòr, còrr 's fichead puing anns a' cheud, mu choinneamh na airgeadan dùthchannan eile anns an Roinn Eòrpa.

CMI: 'S an e rud math a tha sin?

CMM: Uill, chan e gu dearbh. Dh'fhaodadh gur... 's e, 's dòcha, do luchd-turais a tha a' falbh à Breatainn air làithean-saora dhan an Roinn Eòrpa. 'S e naidheachd mhath a th' ann dhaibhsan a tha a' ceannach bathar anns an Roinn Eòrpa, ach 's e droch naidheachd a th' ann do ghnìomhachas turasachd anns a' Ghàidhealtachd, mar eisimpleir. Droch naidheachd air dà dhòigh, airson tha e a' ciallachadh gum bi luchd-turais a bhiodh dualtach a thighinn à àitichean eile de Bhreatainn dhan a' Ghàidhealtachd, mar eisimpleir, gum bi e nas saoire dhaibhsan a dhol thall thairis. Air an dàrna... Agus aig a' cheart àm cuideachd, luchd-turais à dùthchannan cèin, tha e gu bhith nas daoire dhaibhsan a bhith a' tighinn a-steach a Bhreatainn, agus mar sin, tha e gu math dualtach gu bheil luchd-turais anns an dùthaich sa fhèin agus luchd-turais dùthchannan cèin, gu bheil maill air a chur orra 's bacadh air a chur orra gun a bhith a' tighinn dhan a' Ghàidhealtachd.

CMI: Saoilidh mi fhìn, ge-tà, gur e... nach e rud a tha a' dol a dhearbhadh a bheil eaconamaidh a' dol, 's e sin na daoine... an t-uabhas dhaoine ag obair dhaibh fhèin air feadh na dùthcha airson companaidhean beaga, agus nach eil na daoine sin, can an-dràsta, a tha ag obair leotha fhèin, nach eil iad air a bhith air am bua-... air am bualadh gu dona? An toiseach tha [???] a' falbh, an taic a bha iad a' faighinn airson... airson màl nan taighean aca. Tha ìre riadh a' dol suas gach taobh. Tha iad a' dol a chall na rudan... na taicean a bha iad a' faighinn a thaobh a bhith a' cur airgead a-steach airson na... airson na peinnseanan aca. Agus tha tòrr dhaoine mar sin a tha iad a' call a-mach agus chan eil sin gu math an eaconamaidh, a bheil?

CMM: Uill, chan eil, ma bheirear sùil air dìreach...

CMI: Aig ìre phearsanta.

CMM: Aig ìre... aig an ìre phearsanta, 's dòcha, agus a bhith a' coimhead air tro uinneag tìde ghoirid, ach a' coimhead air adhart, chan eil e gu bhith comasach dhan an riaghaltas mar a tha mòran a bharrachd againn a' fàs slàn gu aois gu math nas sean na bha sinn. Chan eil e gu bhith comasach do riaghaltas sam bith tac gu leòr a chumail ri bhith a' toirt peinnseanan seachad a chumas suas sinn nar seann aois, agus tha e mar sin na dhleastanas oirnn uile dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' dèanamh... ag ullachadh airson ar seann aois sinn fhìn. Agus nise, chan eil an riaghaltas a tha seo, chan eil iad ag ràdh nach eil iad ag iarraidh am mòr-shluagh a bhith a' cleachdadh airgead. Chan e sinn idir an duan a th' ann. Ach 's e... tha iad ag ràdh, air an làimh eile, gum bu chaomh leotha a bhith a' faicinn tuilleadh dhen an t-sluagh a' sàbhaladh, agus aon dòigh math air sàbhaladh, 's e a bhith ag ullachadh airson do sheann aois le bhith a' cur sgeamaichean peinnsean air dòigh.

Puing eile a chanainn cuideachd, a thaobh iadsan a th' ann an gnìomhachas, no ri marsantachd, ge bith an e gnothaich bheag no gnothaich... no companaidh mhòr a tha iad a' ruith, 's e ma tha cosgais againn ann am Breatainn, agus chan e eilean dhuinn fhìn a th' annainn, tha sinn dìreach... feumaidh sinn a bhith a' co-obrachadh dìreach ann an eaconamaidh an saoghal mòr, agus ma tha sinn gu bhith... ma tha na cosgais a tha gu bhith oirnne, no neart an airgead againn, ma tha e gu bhith gu math nas àirde na tha e mu choinneamh na dùthchannan eile, 's tòiseachadh air neart... a' cumail air a neartachadh mu choinneamh dùthchannan eile, tha sin a' ciallachadh gu bheil sinn a' toirt fìor dhroch bhuaidh air na cothroman a th' againn a bhith a' còmhstri anns na margaidean eadar-nàiseanta marsantachd a tha sin, agus sin an droch naidheachd as motha a th' ann aig a' cheann thall, mana tèid maill a chur air an ìre aig a bheil cosgais a' dol suas.

CMI: Tha thu ag ràdh, a-rèiste, gur e an rud a tha an riaghaltas ag iarraidh a dhèanamh, ar gluasad bho bhith a' caitheamh gu bhith a' sàbhaladh, 's chanadh gu leòr, tha mi cinnteach, a tha ag èisteachd, uill, 's iad a dh'fheumas a bhith a' sàbhaladh. Ma tha clann aca, feumaidh iad a-nise a bhith a' pàigheadh na tha seo a bharrachd airson an cur tron an fhoghlam 's rudan dhen t-seòrsa sin.

CMM: Uill, tha sin... tha sin fìrinneach gu leòr.

CMI: Ann an dòigh, cha mhòr nach eil thu a' toirt dhomh dealbh de dhà eaconamaidh. Eaconamaidh na dùthcha aig ìre a tha a' dèanamh math dha-rìribh. Eaconamaidh nan teaghlaichean gu ìre a tha a' dèanamh ro mhath cuideachd ann an aon dòigh, agus daoine a' caitheamh an àite a' sàbhaladh. A bheil sin ceart?

CMM: Uill, tha gu ìre, ach tha mi a' smaoineachadh an-dràsta gum feum coimhead air cùlaibh na figearan nuair a bheir sinn sùil air dè cho làidir no cho fann agus a tha eaconamaidh an dùthaich. Tha i a' coimhead gu math làidir, ach ma bheir sinn sùil air dè tha ag adhbharachadh sin, tha sinn a' faicinn chan e dìreach an t-adhartas a tha gnìomhachas a' dèanamh as coireach ris a sin anns a' phrìomh àite. 'S e dìreach na thathar a' brosnachadh an eaconamaidh 's a' cumail suas an eaconamaidh ris a' mhòr-shluagh a bhith a' ceannach bathar, agus chan e rud math a tha sin, anns... a' toirt sùil greis air adhart sìos an rathad.

CMI: Uill sin dìreach a' cheist a bha gu bhith agam. Can, ann am bliadhna eile, bidh obair nan comainn togalaich a tha seo, bidh e an ìre mhath seachad, tha mi a' smaoineachadh co-dhiù. Cha bhi daoine leis na tha seo de... uill, a' chuid as motha de dhaoine le dhà no thrì mhìltean de not aca airson a chaitheamh, 's cha bhi e aca airson a dhol ga chaitheamh, am faigh sinn dealbh nas fheàrr dhen eaconamaidh an uair sin?

CMM: Chanainn gu bheil sin gu math dualtach a thighinn, airson tha mòran airgead ann a tha a' dol timcheall an-dràsta a bhios... a shìolas às an ceann mìosan.

CMI: Uill, chan e... chan e fàidh a th' annad, chan eil mi a' dol a dh'iarraidh ort fàidheadaireachd a dhèanamh, ach ceud mìle taing dhut gu dearbh airson a thighinn a-steach a thoirt dhuinn an dealbh a tha sin air dìreach dè tha a' tachairt agus carson a tha an riadh a' dol suas. Ach tha mi a' smaoineachadh gur e an rud a tha a h-uile duine ag aontachadh, gu bheil sinn a' smaoineachadh a-nis gu bheil e an ìre mhath aig an ìre a tha e a' dol a ruighinn, a bheil?

CMM: Uill, cha bhithinn buileach cinnteach mu choinneamh sin. Thuirt Banca Shasainn o chionn dhà no thrì sheachdainean air ais nach robh iad a' faicinn... nach biodh iad a' faicinn adhbhar an rate a chur suas airson greis, ach chan eil mi buileach cho cinnteach. Na figearan bho dheireadh a thàinig a-mach, cha tug iad mòran misneachd dhuinn.

CMI: Hod [???]. Bha dùil a'm gun robh thu a' dol a ràdh rium nach robh iad a' dol suas tuilleadh. A Choinnich, tapadh leatsa gu dearbha.

CMM: Tapadh leibh fhèin.

CMI: Coinneach MacMhathain ann an sin bhon a' Bhanca Rìoghail anns an stiùidio ann an Inbhir Nis.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good