Search

Prògram Choinnich

Date 27 August 1997
Track ID 10474
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 27.08.1997

Summary

The danger of old gravestones falling over in cemeteries.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S dòcha gur e adhbhar gàire a th' ann do chuid a bhith a' smaoineachadh air a bhith a' gabhail cuairt coise ann an cladh, agus clach-uaighe a' tuiteam air am muin. Ach dh'fhaodadh e bhith nach eil e na adhbhar gàire cho mòr agus a tha sinn dhen a' bheachd. A rèir coltais, tha mòran chlachan-uaighe air Ghàidhealtachd ann an cunnart. Tha Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid air rannsachadh... a' dol ga dhèanamh air clachan-uaighe ann an còrr agus ceud agus deich thar fhichead cladh. Tha na clachan trom, agus tha mòran dhiubh nach eil grèim cheart aca. Nì a dh'fhaodadh ciallachadh, nam buaileadh duine annta, gun tuiteadh iad air am muin. 'S dòcha nach eil sibh fhathast ga mo chreidse, ach tha fear còmhla rium a tha a' cur seachad a' mhòr-chuid dhe thìde ann an cladhan a' chinn a tuath. 'S esan Iain Dòmhnallach. Ciamar a tha thu, Iain?

Iain Dòmhnallach (ID): Tha gu math. Ciamar a tha sibh fhèin?

CM: Chan eil ro dhona idir, ach 's e tè ùr a tha seo. A bheil thu fhèin a' coinneachadh ri tòrr chlachan-uaighe dhen t-seòrsa sa?

ID: Ò tha gu leòr. Ò, tha sinn air gu leòr a thogail cuideachd 's gan cur ceart.

CM: Dè as coireach, an-dràsta? Dè tha a' tachairt?

ID: Uill, mar a bha na seann làithean an seo, an dòigh a bha iad gan cur suas, 's ann a bha iadsan a' cur am foundation gun chruas, agus an àite ga dhèanadh flat air uachdar na talmhainn, airson a' chuideam a chumail dìreach, agus nuair a bhios a' ghaoth gan glacadh... an fheadhainn mhòra, mar as trice, bidh a' ghaoth gan glacadh, agus tòisichidh iad a' cur car dhiubh.

CM: Nise, gu dearbha, nuair a thèid thu gu cladh ann an iomadach àite dhen an dùthaich, chì thu tòrr dhe na clachan-uaighe agus tha iad dìreach... tha iad air tuiteam.

ID: Tha.

CM: 'S e an cunnart, nach e, fhios a'd, 's dòcha a' coimhead riutha nan seasamh, chan eil iad coltas orra gu bheil iad trom, ach tha na clachan sin, tha iad uabhasach trom, nach eil?

ID: Ò, nach eil fios aig mo dhruim air. Tha iad... tha iad gu math trom. Agus seasaidh iad airson treis gu leòr, agus iad slac mar sin, agus cha toir e... cha toir e mòran sam bith airson car a chur annta, gu 'n tuiteadh iad air do mhuin, nan deigheadh tu ro fhaisg orra, you know, 's gun tòisicheadh tu... a' toir slaodadh orra no rud sam bith mar sin.

CM: Agus man a tha thu fhèin a' dol timcheall air cladhan air a' cheann a tuath na dùthcha, dè... càit a bheil seo nas miosa? A bheil e nas miosa ann an aon àite na tha e ann an àite eile?

ID: Uill, tha. Tha cladh no dhà gu math dona. Tha Cladh Aiginis gu math dona. Tha gu leòr ann a shin a th' air tuiteam. Tha Losgaintìr anns na Hearadh, tha tè no dhà ann a shin air tuiteam, 's tha Bràgar, Barabhas. Ach tha a h-uile... a h-uile cladh, tha tè ann a tha... tè no dhà a th' ann a tha gu math slac 's a tha air tuiteam.

CM: Tha mi a' tuigse a-nise air Ghàidhealtachd, gu bheil sgeama ann a tha a' coimhead às dèidh seo, nach eil?

ID: Tha. Uill, tha an aon rud aca ann a sheo mun cuairt Inbhir Nis. Rinn iad... na seann chladhan mun cuairt ann a sheo, agus bha an council a' cur foundations ùr orra, agus bha mise an dùil, bha iad a' bruidhinn air a sin 's chuala mi iad a' bruidhinn mu dheidhinn anns na Hearadh airson uair no dhà, ach cha do rinn iad càil mu dheidhinn fhathast co-dhiù.

CM: Cò air a bha an... uallach a' phàighidh a' tighinn, ge-tà?

ID: Uill, bha pàirt dheth, bha... cha chreid mi nach ann a bha council scheme air choreiginich, bha iad ag obair air rudeiginich mar sin, agus bha an fheadhainn eile aig... leis a bheil a' chlach.

CM: Agus an robh na comhairlean a' dèanamh na h-obrach, agus an uair sin a' cur cunntas gu na daoine dham buineadh na clachan, nan gabhadh dearbhadh cò leis a bha iad co-dhiù?

ID: 'S ann a bha a' chomhairle... 's ann a bha mi a' smaoineachadh, bha a' chomhairle a' cur a-mach tenders gu dè a chosgadh iad an toiseachd, agus an uair sin a' faighinn... ris na daoine aig an robh na clachan.

CM: Ceist a thàinig a-steach orm an sin, cò leis a tha clach-uaighe co-dhiù?

ID: Uill, sin an rud. Tha feadhainn... tha clachan ann a shin a tha... a th' air a bhith ann bho chionn bliadhnaichean, bliadhnaichean, 's chan eil teaghlach air fhàgail ann. 'S an fheadhainn sin, 's e a' chomhairle mar as trice a bhios a' coimhead às an dèidh, ma tha cunnart ann dha na daoine aca fhèin a tha ag obair anns a' chladh.

CM: Seadh. Tha Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid ann an seo, tha iadsan a' dol a dhèanamh rannsachadh... a dhèanamh rannsachadh air a h-uile cladh a th' aca - ceud agus deich air fhichead. Ma tha iad a' dol a thogail a h-uile clach a bhios na sìneadh ann an sin, tha cosgais mhòr gu bhith an sin, nach eil?

ID: Ò, tha cosgais mhòr ann airson clach a thogail 's foundation ùr a chur fòidhpe. Chan eil e... chan eil e furasta a dhèanadh, agus tha e gu math cosgail.

CM: Nuair a tha thu a' bruidhinn air foundation, dè... dè seòrsa found a tha a' dol air clach-uaighe?

ID: Uill, tha... mar a tha sinn ag obair, 's e concrete blocks a tha sinn ag iùsaigeadh, ach tha sinn a' dol sìos mathaid trì no ceithir a throighean dhan an talamh, agus tha mi cinnteach gu bheil uaireannan na clachan mòra a tha sin, tha mi cinnteach gun gabh faisg air dusan bloc a dhol fòidhpe an toiseachd, agus an uair sin, tha... a' cur a' bhase ann an concrete mun cuir thu a' chlach suas a-rithist.

CM: An e rud a tha ag adhbharachadh gu bheil tòrr dhe na chlachan ann an droch staid, gur dòcha anns na làithean a dh'fhalbh nach robh daoine a' toirt a' chùraim a tha sin?

ID: Ò, 's e. Sin a th' ann.

CM: 'S e... 's e rud mì-chàilear a th' ann, ge-tà, nach e?

ID: Ò, 's e.

CM: A' dol a-steach a chladh agus nach eil sinn a' faicinn uiread a chùram, uiread a mheas ga chur air na clachan a tha sin, a bha mar chuimhneachain air daoine a bha ann agus nach eil ann. Tha e mì-chàilear a' dol a-steach a dh'àiteachan mar sin agus an dealbh a tha sin ga thoirt dhut air a' mhì-chùram, nach eil?

ID: Ò, tha. Tha e gu math dona. Tha e a' coimhead gu math dona. Agus an fheadhainn a th' air... a th' air tuiteam co-dhiù, chan eil duine... chan eil iad... chan urrainn dhan fheadhainn a tha a' coimhead às dèidh a' chladh buntainn dhaibh nas motha. Fhios a'd, chan eil iad ach dìreach a' gearradh an fheur mun cuairt orra 's tha iad gam fàgail ann a shin.

CM: Agus tha e ga dhèanamh nas duilghe, can an-dràsta, ma tha daoine a' dèanamh sin, agus gu bheil na clachan sin nan laighe ann an sin, chan eil fhios aig duine cò dha a bhuineas iad, agus mar sin, air sgàth sin, chan eil duine a' dol faisg orra.

ID: Sin an rud, aidh.

CM: Na do bheachd fhèin, dè bu chòir tachairt?

ID: Uill, tha mi cinnteach nan deigheadh... dheigheadh scheme air choreiginich a' dol leis a' chomhairle no cuideiginich mar sin, ach a' chuid mhòr dhe na... dhe na cladhan ann an Leòdhas 's na Hearadh... uill, ann an Leòdhas, chan ann leis a' chomhairle a tha iad. 'S ann a tha iad... 's e an sgìre fhèin a tha a' coimhead às an dèidh. Agus dh'fheumadh iad scheme air choreiginich a chur ri chèile, agus na clachan a dhèanadh suas ceart.

CM: A bheil sinne a' dèanamh cus dhen a seo, le bhith fiù 's a' bruidhinn mu dheidhinn? Bidh daoine ag ràdh, ò, chan eil siud ach amaideas a th' aca?

ID: Och uill, cha chanainn sin idir. Tha mise... tha mise a' faicinn gu leòr dheth a-mach 's a-steach às a' chladh.

CM: A bheil latha a' dol a thighinn agus gum faodadh e a bhith na chunnart?

ID: Ò, tha. Tha an latha ann. Tha gu leòr de chlachan a tha mun cuairt, tha iad gu math cunnartach. Tha sinn eòlach gu leòr. Tha fios againn air na clachan a th' ann, 's tha sinn gam faicinn a h-uile latha nuair a tha sinn a-mach 's a-steach ann a shin.

CM: Uill, cuspair annasach ann an sin, gu dearbha. Iain, tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn gu dearbha gur e cuspair a th' ann as fhiach a bhith a' bruidhinn air, agus cuspair cudromach. 'S dòcha nach e adhbhar fealla-dhà a th' ann a dhèanadh duine dheth anns a' chiad àite. Iain, tapadh leatsa gu dearbha. Iain Dòmhnallach ann an sin ann an Inbhir Nis.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good