'S Anmoch a Chunna Mi A-raoir
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
105791
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1965.088
Original Tape ID
Summary
This waulking song is sung here in three sections. It begins with lines which describe a black-plaided hunter seen in the glen. In the following section a woman describes a man she loves. He would often secretly woo another man's wife. The final section of the song contains references to Diarmad, Bran and Brian.
Item Notes
See:
'Hebridean Folksongs' vol. 3 (J. L. Campbell & F. Collinson eds., 1981) p. 80
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 95
'Scottish Tradition 2: Music from the Western Isles' (The School of Scottish Studies)
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
'S anmoch a chunnaic mi raoir
Fear bhreacain duibh anns a' ghleann.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'fhaoiltich mo chridhe rim cheum
Shaoil mi gur e fhèin a bh' ann.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Shaoil mi gur e fhèin a bh' ann
Sealgair sìthne nan damh seang.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Sealgair sìthne nan damh seang
Nach iarradh an t-earradh trom.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Nach iarradh an t-earradh trom
Slat dhen iubhar ghorm nad làimh.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Eudail mhòr 's a luaidh na grèine
'S minig dhan tèile fear mnà eile.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
'S minig dhan tèile fear mnà eile
Nuair a mhùthas an ràth-solas
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Nuair a mhùthas an ràth-solas
Bidh e greis an cùl an dorais
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Eudail mhòr 's a luaidh an domhain
Dh'fhalbh Diluain 's nach d' fhuair na cnothan.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'fhalbh Diluain 's nach d' fhuair na cnothan
'S truagh nach robh agam ceann gnothaich.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
'S truagh nach robh agam ceann gnothaich
Dhen bhadan choille 's e romham.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Mhurchaidh bhig a chinn a' chonais
Chan b' iongnadh tu dhol a dholaidh.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Cha b' iongnadh leam sin 's cha b' fhuilear
'S gum buailinn buille ri buille.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Gum buailinn buille ri buille
Ge bu treasa mi na curaidh.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
'S ge bu treasa mi na curaidh
Dhiarmaid dhuinn 's ann leat a chuirinn.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dhiarmaid dhuinn 's ann leat a chuirinn
'S leat a dh'èireadh na fir uile.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'èireadh Bran leat, dh'èireadh Brian leat
Dh'èireadh gealach gheal is grian leat.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'èireadh gealach gheal is grian leat
Dh'èireadh gaoth an ear 's an iar leat.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'èireadh gaoth an ear 's an iar leat
Dh'èireadh òigridh Bhail' Átha Cliath leat.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Fear bhreacain duibh anns a' ghleann.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'fhaoiltich mo chridhe rim cheum
Shaoil mi gur e fhèin a bh' ann.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Shaoil mi gur e fhèin a bh' ann
Sealgair sìthne nan damh seang.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Sealgair sìthne nan damh seang
Nach iarradh an t-earradh trom.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Nach iarradh an t-earradh trom
Slat dhen iubhar ghorm nad làimh.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Eudail mhòr 's a luaidh na grèine
'S minig dhan tèile fear mnà eile.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
'S minig dhan tèile fear mnà eile
Nuair a mhùthas an ràth-solas
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Nuair a mhùthas an ràth-solas
Bidh e greis an cùl an dorais
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Eudail mhòr 's a luaidh an domhain
Dh'fhalbh Diluain 's nach d' fhuair na cnothan.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'fhalbh Diluain 's nach d' fhuair na cnothan
'S truagh nach robh agam ceann gnothaich.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
'S truagh nach robh agam ceann gnothaich
Dhen bhadan choille 's e romham.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Mhurchaidh bhig a chinn a' chonais
Chan b' iongnadh tu dhol a dholaidh.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Cha b' iongnadh leam sin 's cha b' fhuilear
'S gum buailinn buille ri buille.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Gum buailinn buille ri buille
Ge bu treasa mi na curaidh.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
'S ge bu treasa mi na curaidh
Dhiarmaid dhuinn 's ann leat a chuirinn.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dhiarmaid dhuinn 's ann leat a chuirinn
'S leat a dh'èireadh na fir uile.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'èireadh Bran leat, dh'èireadh Brian leat
Dh'èireadh gealach gheal is grian leat.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'èireadh gealach gheal is grian leat
Dh'èireadh gaoth an ear 's an iar leat.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Dh'èireadh gaoth an ear 's an iar leat
Dh'èireadh òigridh Bhail' Átha Cliath leat.
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Hao rì u bhì ó hao ri ó gi ó hò
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good